458: Dubrach
Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.
Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Dubrach
Bha mi ag innse dhuibh an t-seachdain sa chaidh mu Phàdraig Grannd, no “Dubrach”, am fear mu dheireadh a chaochail a bh’ air a bhith a’ sabaid aig Blàr Chùil Lodair. Thogadh e ann am Bràigh Mhàrr ach chaidh e a dh’fhuireach ann an Gleann Lethnochd ann am Bràigh Aonghais. Bha e rudeigin ainmeil gu h-ionadail ach dh’fhàs e na b’ ainmeile buileach nuair a fhuair e cuireadh nochdadh mu choinneamh an Rìgh.
Timcheall na bliadhna ochd ceud deug is fichead (1820) bha dithis mharsantach à Mon Rois a’ coiseachd a’ mhonaidh faisg air Gleann Lethnochd. Thachair iad ri Pàdraig faisg air an taigh aige. Bha e còrr is ceud bliadhna a dh’aois ach bha e gu math sgiobalta air a chasan fhathast. Thug e cuireadh don dithis dhol a-steach don taigh aige far an do dh’innis e dhaibh mu a bheatha. Bha ùidh mhòr aig na marsantaich ann an eachdraidh iongantach a’ bhodaich.
Chaidh iad a chèilidh air ministear na sgìre agus chuir an triùir romhpa athchuinge a chur ri chèile. Bha am Morair Panmure deònach an athchuinge a chur don Rìgh, feuch peinnsean rìoghail fhaighinn do Phàdraig. Ach bha Pàdraig fhathast na Sheumasach! Dè chanadh an Rìgh?!
Cha robh aig Pàdraig ri dhol a Lunnainn oir chaidh an Rìgh, Deòrsa IV, a dh’Alba ann an ochd ceud deug, fichead ’s a dhà (1822). Chaidh cuireadh a thoirt do Phàdraig nochdadh air a bheulaibh nuair a bha e ann an Dùn Èideann. Dìreach seachdain mus do thòisich Pàdraig air a shlighe don phrìomh bhaile, chuir am Morair Panmure èideadh sònraichte thuige – aodach a bhiodh freagarrach airson a bhith a’ nochdadh air beulaibh Rìgh.
Ach dhiùlt am bodach gabhail ri sin a-muigh no mach. Chuir e air an dearbh aodach a bh’ air aig Blàr Chùil Lodair – còta tartain, fèileadh beag, brògan le putanan pràiseach agus bonaid Ghlinne Gharadh le ite iolaire oirre. Agus bha e a’ giùlain pic seachd troighean a dh’fhaid!
Nuair a chaidh e a bhruidhinn ris an Rìgh, dh’iarr am Morair Panmure air a bhonaid a thoirt dheth. Ach dhiùlt am bodach! Thuirt am Morair Panmure ris an Rìgh, “Ur Mòrachd, tha an duine seo ceud is ochd (108) bliadhna a dh’aois agus ’s e a th’ ann a-nise an aon seann nàmhaid a th’ agaibh air uachdar na Talmhainn. Nuair a bha e òg, agus beag toinisg aige, rinn e sabaid an aghaidh sinnsirean ur Mòrachd aig Cùil Lodair, ach tha e air a bhith na ìochdaran sìtheil is dìleas bhon uair sin. Dè toil ur Mòrachd a dhèanamh leis a-nise?”
Thuirt an Rìgh ri Pàdraig, “A bheil sibh duilich a-nise gun robh sibh cho gòrach is neo-dhìleas nur n-òige is gun deach sibh an sàs ann an arm a’ Phrionnsa?”
“Bhithinn a’ sabaid air a shon fhathast,” fhreagair an Granndach ann an Albais (tha mi an dùil gun robh Gàidhlig agus Albais aige). Cha do thuig an Rìgh buileach na thuirt am bodach.
“Cha chreid mi nach e reubaltach a th’ ann fhathast,” thuirt an Rìgh le gàire, “agus bu chòir peilear a chur ann. Ach faodaidh sibh peinnsean de leth-cheud not gach bliadhna a thoirt dha.” ’S ann an uair sin a thog Pàdraig a bhonaid, agus thug e taing don Rìgh.
Ach cha robh cus aig an riaghaltas ri phàigheadh oir chaochail Pàdraig dà bhliadhna às dèidh sin aig aois ceud is deich (110) air ais ann am Bràigh Mhàrr, an t-seann dùthaich aige. Agus le a bhàs, dh’fhalbh an seann reubaltach mu dheireadh a bh’ air claidheamh a thogail às leth Theàrlaich Òig aig Cùil Lodair.
Faclan na Litreach: Pàdraig Grannd: Peter Grant; Blàr Chùil Lodair: The Battle of Culloden; èideadh: clothing; thuige: to him; neo-dhìleas: disloyal; peinnsean: pension.
Abairtean na Litreach: thogadh e ann am Bràigh Mhàrr: he was raised in Braemar; Gleann Lethnochd ann am Bràigh Aonghais: Glen Lethnot in upland Angus; dh’fhàs e na b’ ainmeile buileach: he became significantly more famous; cuireadh nochdadh mu choinneamh an Rìgh: an invitation to appear before the king; dithis mharsantach à Mon Rois: two merchants from Montrose; sgiobalta air a chasan: sprightly on his feet; far an do dh’innis e dhaibh mu a bheatha: where he told them about his life; eachdraidh iongantach a’ bhodaich: the old man’s amazing life story; chuir an triùir romhpa athchuinge a chur ri chèile: the three men decided to get together a petition; bha Pàdraig fhathast na Sheumasach: Peter was still a Jacobite; seachdain mus do thòisich X air a shlighe don phrìomh bhaile: a week before X started his journey to the capital; dhiùlt X gabhail ri sin a-muigh no mach: X absolutely refused to accept it; còta tartain, fèileadh beag, brògan le putanan pràiseach: a tartan coat, kilt, brogues with brass buttons; bonaid Ghlinne Gharadh le ite iolaire oirre: a Glengarry bonnet with an eagle’s feather on it; pic seachd troighean a dh’fhaid: a seven-foot long pike; an aon seann nàmhaid a th’ agaibh air uachdar na Talmhainn: the only old enemy you have living on the earth; òg, agus beag toinisg aige: young and thoughtless; dè toil ur Mòrachd a dhèanamh leis?: what will your Majesty be pleased to do with him now?; bhithinn a’ sabaid air a shon fhathast: I’d fight for him still; cha chreid mi nach e reubaltach a th’ ann fhathast: I think he’s still a rebel; bu chòir peilear a chur ann: he should be shot; a bh’ air claidheamh a thogail às leth Theàrlaich Òig: who’d raised a sword on behalf of Young Charles [Edward Stuart].
Puing-chànain na Litreach: rinn e sabaid an aghaidh sinnsirean ur Mòrachd: the English used by Lord Panmure was reputedly, “he fought against your Majesty's dynasty”. A couple of English-Gaelic dictionaries give sliochd as the Gaelic for “dynasty”; alternatives are rìgh-shliochd, gineal and cineal. The trouble with all of these translations is that they give the impression of referring to descendants of the king in question, and not his ancestors – which is obviously what Panmure meant. So I chose sinnsirean (“ancestors”) as being an appropriate Gaelic alternative. If there is a lesson here for a learner, it is that you should always double check a word obtained in an English-Gaelic dictionary by looking it up in a Gaelic-English dictionary.
Gnàthas-cainnt na Litreach: tha e air a bhith na ìochdaran sìtheil is dìleas: he has been a peaceful and loyal subject. An uachdaran is a superior; the word has come to mean “landlord” in Scotland. An ìochdaran is the opposite – an inferior or subject.
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Litir do Luchd-ionnsachaidh
This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 154
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn