FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1232: An t-Urr. Seumas MacDhonnchaidh (2)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

An t-Urr. Seumas MacDhonnchaidh (2)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mun Urramach Seumas MacDhonnchaidh. Sgrìobh e an earrann mu Chalasraid anns an t-Seann Chunntas Staitistigeach. Tha e ag innse dhuinn, ann an seachd ceud deug, naochad ʼs a ceithir (1794) gur e Beurla a bh’ aig na h-uaislean, ach gur e Gàidhlig a bh’ aig na daoine cumanta.

Tha Mgr MacDhonnchaidh a’ dèanamh soilleir gun robh gràdh aige air a’ Ghàidhlig. ‘Cha leig sinn a leas càil a ràdh mun chànan seo riuthasan a thuigeas i,’ tha e a’ sgrìobhadh. ‘Tha iad eòlach air a lùths agus a cumhachd ... Seo na bh’ aige ann am Beurla: They know its energy and power; the ease with which it is compounded; its majesty in addressing the Deity; and its tenderness in expressing the finest feelings of the human heart.

Ach tha e cuideachd ag ràdh nach robh daoine anns an fharsaingeachd a’ cur cus sùim anns a’ chànan no a càirdeas le cànanan eile. An uair sin, tha e fhèin a’ feuchainn ri sin a chur ceart. Tha e a’ sgrìobhadh mu thràthan agus modhan nan gnìomhairean, teàrnadh nan ainmearan is mar sin air adhart.

Tha e a’ cleachdadh an litir ‘v’ nuair a tha e a’ sgrìobhadh na Gàidhlig anns an t-Seann Chunntas. Tha e a’ sgrìobhadh an fhacail sgrìobh, mar eisimpleir, mar s-c-r-i-v. Chuir sin iongnadh orm oir bha dreach Gàidhlig an Tiomnaidh Nuaidh ann an clò aig an àm sin. Ach bha e ag ràdh gur ann airson luchd na Beurla a rinn e sin, gus an tuigeadh iad mar a chanadh iad am facal.

Tha Seumas MacDhonnchaidh ag aideachadh gun robh Calasraid car air a’ chrìch eadar a’ Ghàidhealtachd agus a’ Ghalltachd. Bha an fheadhainn a bha a’ fuireach gu sear is gu deas dìcheallach agus dripeil. Bha an fheadhainn gu tuath is gu siar car dìomhain ach uaibhreach.

Bha am ministear dhen bheachd gun robh e duilich gun robh daoine a’ trèigsinn an fhearainn agus a’ dol a dh’fhuireach ann am bailtean. Tha e a’ gabhail ‘villages’ air na bailtean sin. Bha e air a bhith na b’ fheàrr dhaibh, tha e ag ràdh, nan robh iad air fuireach a-muigh air an dùthaich mar a bha an sinnsearan, a’ frithealadh an cruidh air leathad na beinne agus a’ cruthachadh bàrdachd!

Ge-tà, tha e ag ràdh gun robh comas aig fear àbhaisteach – saothraiche – le taic a mhnà còignear no sianar de chloinn a thogail le glè bheag de thaic bhon sporan phoblach. Bha sin stèidhichte air tuarastal suas ri tastan agus trì sgillinn san latha.

Bha am beatha-san eadar-dhealaichte bhon dòigh-beatha againn, ge-tà. Nuair a ruigeadh a’ chlann ochd no deich bliadhna a dh’aois, bhiodh iad air an cur a-mach airson sùil a thoirt air a’ chrodh as t-samhradh. ʼS ann sa gheamhradh a bhiodh iad a’ dol don sgoil. Bhiodh iad a’ ceannach mine agus a’ fàs buntàta air an lot aca fhèin. Agus, le bainne bhon bhoin aca fhèin, bhiodh iad cofhurtail gu leòr. Agus bhiodh ùine aca airson bàrdachd a chruthachadh!

Bha Mgr MacDhonnchaidh trom, ge-tà, air rudan nach do chòrd ris. Bhiodh biadh gu leòr ann do na daoine bochda mura b’ e an uiread de choin timcheall nam bailtean, tha e a’ sgrìobhadh. Agus bha fada cus thaighean-seinnse ann airson maith an t-sluaigh. An-ath-sheachdain bheir sinn sùil air beachdan a’ mhinisteir air ainmean-àite timcheall Chalasraid.

Faclan na Litreach: na h-uaislean: the gentry; An Tiomnadh Nuadh: The New Testament; Am Bìoball: The Bible; saothraiche: labourer; cus thaighean-seinnse: too many inns.

Abairtean na Litreach: mun Urramach Seumas MacDhonnchaidh: about the Rev. James Robertson; an earrann mu Chalasraid anns an t-Seann Chunntas Staitistigeach: the section about Callander in the Old Statistical Account; cha leig sinn a leas càil a ràdh mun chànan seo riuthasan a thuigeas i: ‘it would be almost unnecessary to say anything of this language to those who understand it’; tha iad eòlach air a lùths agus a cumhachd: they know its energy and power; nach robh daoine a’ cur cus sùim anns a’ chànan: that people didn’t pay too much notice of the language; a’ sgrìobhadh mu thràthan agus modhan nan gnìomhairean: writing about tenses and moods of verbs; teàrnadh nan ainmearan is mar sin air adhart: inflection of nouns and so on; bha an fheadhainn a bha a’ fuireach gu sear is gu deas dìcheallach agus dripeil: those who were living to the east and south were hard-working and industrious; bha an fheadhainn gu tuath is gu siar car dìomhain ach uaibhreach: those to the north and west were somewhat idle but proud; bha e air a bhith na b’ fheàrr dhaibh: it would have been better for them; nan robh iad air fuireach a-muigh air an dùthaich mar a bha an sinnsearan: if they had remained out in the country like their ancestors; a’ frithealadh an cruidh air leathad na beinne agus a’ cruthachadh bàrdachd!: attending to the cattle on the slope of the hill and creating poetry; le taic a mhnà: with the help of his wife; còignear no sianar de chloinn a thogail: to raise five or six children; tuarastal suas ri tastan agus trì sgillinn: wages of up to a shilling and three pence; a’ ceannach mine: buying meal; mura b’ e an uiread de choin: if it weren’t for the numerous dogs.

Puing-chànain na Litreach: car air a’ chrìch eadar a’ Ghàidhealtachd agus a’ Ghalltachd: somewhat on the border between Highlands and Lowlands. Car is a useful adverb to mean ‘approximately, somewhat’. Crìoch is a feminine noun meaning ‘boundary, border’ e.g. between estates, regions or countries. As is traditional with feminine nouns, it slenderises (in most dialects) in the dative case following a preposition and article. Thus, we say air a’ chrìch (although you will also hear air a’ chrìoch).

Gnàthas-cainnt na Litreach: a’ trèigsinn an fhearainn: forsaking/abandoning the land.

Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 928

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean