ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

886: Ceit Mhòr na Sròine (1)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Audio is playing in pop-over.

Gaelic Gàidhlig

Bu mhath leam seann stòiridh – seann eachraidh – aithris dhuibh anns an Litir seo. Tha e a’ dol air ais don bhliadhna còig ceud deug is ceithir (1504). Tha e mu dheidhinn Ceit Mhòr na Sròine à Obar Gheallaidh ann am Bràigh Mhàrr. Tha an stòiridh a’ cur nar cuimhne cho cudromach ’s a bha danns do ar sinnsirean.

Bha fear Iain MacDonnchaidh, am Baran Ruadh, a’ fuireach ann an Srath Loch ann an Srath Àrdail ann an Siorrachd Pheairt. Bha e a’ suirghe le tè de nigheanan a’ Ghòrdanaich, uachdaran Obar Gheallaidh. Gach turas a rachadh e a Chaisteal Obar Gheallaidh, bhiodh danns ann. Bha muinntir Mhàrr dhen bheachd gum b’ iad na dannsairean a b’ fheàrr ann an Alba.

Aon oidhche a bha am Baran Ruadh ann, thuirt an Gòrdanach ris nach robh gin anns an domhan a bha na b’ fheàrr air danns na fir Mhàrr, ach a-mhàin na h-ainglean agus na sìthichean. Agus, thuirt e, gheibheadh am Baran Ruadh mar thochair – sin an tiodhlac-bainnse – rud sònraichte. Bhiodh fir à Màrr a’ dol a Shrath Àrdail airson sgilean dannsaidh a theagasg do na fir an sin.

Cha robh am Baran Ruadh ro thoilichte a bhith ag èisteachd ri bòstadh a’ Ghòrdanaich. Nuair a thàinig latha na bainnse, cha tug e leis a cho-ogha mar fhleasgach, mar a bha dùil. Thug e na àite fear eile – Dòmhnall Biorach. B’ e coltas aodainn a bu choireach ris an fhar-ainm aige. Bha Dòmhnall ainmeil mar an dannsair a b’ fheàrr ann an Athall. Ged a bha e air meadhan-aois’ a ruigsinn, cha robh e pòsta.

An dèidh na bainnse, thòisich an danns ann an talla mhòr a’ chaisteil. Chùm Dòmhnall sàmhach greis. Bha e dìreach a’ coimhead air na boireannaich a bha a’ dannsadh. Roghnaich e an tè a b’ fheàrr – banarach mhòr àrd a bha làidir is fèitheach. Bha sròn mhòr oirre. Bha i aithnichte do dhaoine mar Cheit Mhòr na Sròine. Coltach ri Dòmhnall, cha robh i pòsta.

Dh’ iarr Dòmhnall air Ceit a dhol a dhannsadh leis. Abair gur e cupall math a bh’ annta. Bha iad a’ gluasad gu sgiobalta, gleusta timcheall ùrlar an dannsaidh. Mhothaich a h-uile duine cho math ’s bha iad air dannsadh còmhla. Bha cuid ag ràdh nach fhaca iad a-riamh dannsadh cho math. Thionndaidh an Gòrdanach ri a bhean agus thuirt e, ‘B’ fheàrr leam na mo chrò ghobhar, gum b’ e am fleasgach fear na bainnse’.

’S dòcha gu bheil e math nach cuala am Baran Ruadh sin! Bha esan toilichte leis mar a bha cùisean a’ dol. Ach cha b’ ionann e do chuid de dh’fhir Mhàrr. Bha iadsan feargach. Chuir iad romhpa an car a thoirt à Dòmhnall Biorach. Bha fear mòr à Màrr agus Dòmhnall le chèile a’ dannsadh ruidhle. Bha na fir a’ tionndadh a chèile len gàirdeanan. Chuir am fear mòr Dòmhnall timcheall gu luath agus gu h-obann leig e dheth e. Chaidh Dòmhnall a thilgeil don teine. Thuirt am fear eile, ‘Bodaich dhubh Shrath Àrdail, gun crathainn anns an luaith iad!’

Cha do sheall Dòmhnall idir gun robh fearg air. Leum a-steach don t-seat a-rithist. Bha e a’ dol le ruitheam a’ chiùil agus an dannsa mar nach robh dad air tachairt. Agus dè thachair an uair sin? Uill, innsidh mi sin dhuibh an-ath-sheachdain!

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na Litreach : Iain MacDonnchaidh: John MacDonald; am Baran Ruadh: the Red Baron; tochair: dowry; biorach: sharp; Athall: Atholl.

Abairtean na Litreach : Obar Gheallaidh ann am Bràigh Mhàrr: Abergeldie in the Braes of Mar; Srath Loch ann an Srath Àrdail: Straloch in Strathardle; a’ suirghe le tè de nigheanan a’ Ghòrdanaich: courting one of Gordon’s daughters; gach turas a rachadh e a Chaisteal Obar Gheallaidh, bhiodh danns ann: every time he’d go to Abergeldie Castle, there would be a dance; nach robh gin anns an domhan a bha na b’ fheàrr air danns na fir Mhàrr: that there were no better dancers in the world than the men of Mar; airson sgilean dannsaidh a theagasg: to teach dancing skills; bòstadh a’ Ghòrdanaich: the Gordon’s boasting; cha tug e leis a cho-ogha mar fhleasgach, mar a bha dùil:he didn’t take his cousin as best-man, as had been expected; b’ e coltas aodainn a bu choireach ris an fhar-ainm aige:it was his facial appearance that was responsible for his nickname; ged a bha e air meadhan-aois’ a ruigsinn, cha robh e pòsta: although he had reached middle age, he wasn’t married; chùm Dòmhnall sàmhach greis: Donald remained quiet for a while; roghnaich e an tè a b’ fheàrr: he chose the best one; banarach mhòr àrd a bha làidir is fèitheach: a large tall milkmaid who was strong and muscular; a’ gluasad gu sgiobalta, gleusta timcheall ùrlar an dannsaidh: moving nimbly and skilfully around the dance floor; b’ fheàrr leam na mo chrò ghobhar, gum b’ e am fleasgach fear na bainnse: I would prefer to my goat-fold that the best-man were the bridegroom; cha b’ ionann e do chuid:that wasn’t the same for some; chuir iad romhpa an car a thoirt à: they decided to play a trick on; a’ tionndadh a chèile len gàirdeanan:turning each other with their arms; bodaich dhubh Shrath Àrdail, gun crathainn anns an luaith iad: black men of Strathardle, I’d shake them in the fire ash.

Puing-chànain na Litreach : a’ cur nar cuimhne cho cudromach ’s a bha danns do ar sinnsirean:reminds us how important dance was to our ancestors. Nar is created from ann an + ar so the following noun follows the lenition rules of the possessive adjective ie a’ cur nam chuimhne ‘reminds me’,…nad chuimhne ‘you’ (sing), …na chuimhne ‘him’, …na cuimhne ‘her’, …nur cuimhne ‘you’ (pl), …nan cuimhne ‘their’.

Gnàthas-cainnt na Litreach : Bha i aithnichte do dhaoine mar Cheit Mhòr na Sròine: she was known to [recognized by] people as Big Kate of the Nose.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 582

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean