ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

35: Colla Ciotach

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Gaelic Gàidhlig

Tha sean-fhacal againn ann an Gàidhlig a tha tri cheud, leth-cheud ’s a còig bliadhna a dh’aois agus a tha ri chluinntinn fhathast. Tha fios againn, co-dhiù ma chreideas sinn beul-aithris, cuin’ is càit’ a chaidh a chruthachadh, agus, gu dearbh, cò e a chruthaich e. “’S truagh nach bu cheàird gu lèir sibh an-diugh.”

’S e Alasdair Mac Cholla Chiotaich, an gaisgeach Gàidhealach a bha a’ sabaid ri taobh Mhontròis, a thuirt na faclan sin, aig Blàr Allt Eireann ann an 1645. A-rèir choltais, bha Alasdair ann am fìor chunnart a bheatha, agus e air a chuairteachadh le nàimhdean. Chunnaic fear eile, ceàrd air an robh Stiùbhart mar ainm, agus a bhuineadh do dh’Athall ann an Siorrachd Pheairt, an staing anns an robh Alasdair agus ruith e ga ionnsaigh airson a chuideachadh. Bha e cho teòma leis a’ chlaidheamh mhòr aige ’s gun do theich na saighdearan a bha a’ toirt ionnsaigh air Alasdair.

Thug Alasdair taing dha agus dh’fhaighnich e dheth cò e agus cò às a bha e. Nise feumaidh sinn cuimhneachadh gun do dh’fhulaing luchd-siubhail na Gàidhealtachd, neo na ceàrdan mar a bh’ ac’ orra, droch chliù aig an àm (agus airson ùine mhòr as a dhèidh). Agus nuair a fhuair an dithis cothrom bruidhinn, cha robh an Stiùbhartach deònach innse cò e. Is, gu dearbh, cha robh e deònach aideachadh gur e ceàrd a bh’ ann. Ach chum Alasdair a dh’fhaighneachd agus, mu dheireadh, dh’aidich an duine eile gur e ceàrd a bh’ ann.

Agus a’ tionndadh do na saighdearan eile aige, thuirt Alasdair riutha, “’S truagh nach bu cheàird gu lèir sibh an-diugh.” Uill, ’s e sin an stòiridh co-dhiù, ged a chì thu an sean-fhacal ann an cruth rudeigin diofraichte uaireannan – “’S truagh nach bu cheàird sinn gu lèir an-diugh” mar gu robh Alasdair a’ bruidhinn air fhèin a bharrachd air na saighdearan aige. Chan eil e gu diofar. Seasaidh an sean-fhacal mar fhianais air a’ phàirt a ghabh an luchd-siubhail anns a’ bhatail sin, agus ann am moran tachartasan eile ann an eachdraidh na Gàidhealtachd.

Ach fàgamaid Alasdair Mac Cholla agus an luchd-siubhail air an darna taobh. Bu mhath leam ur n-aire a tharraing do dh’aithris ann am paipear-naidheachd o chionn ghoirid mu dheidhinn maorach a thathar a’ dol a dh’àrach ann an Alba, ma thèid gu math leotha – a’ chluas-mhara. Chaidh feadhainn àrach ann an Loch nan Uamh, faisg air Mòrar agus chaidh glè mhath dhaibh a dh’aindeoin ’s gur ann do dhùthchannan nas blàithe a bhuineas iad. Agus carson a tha mi cho toilichte mu dheidhinn na naidheachd seo? Uill, cha mhòr gu bheil biadh sam bith eile ri fhaighinn a tha cho blasda ris a’ chluais-mhara.

Tha deagh theans ann nach bi sibh eòlach air ainm a’ chreutair seo agus, gu dearbh, cha d’ fhuair mi lorg air ann am faclair Albannach sam bith. Ach canaidh na h-Eireannaich cluas-mhara ris, agus ann an corra chànan eile, ’s e sin a tha an t-ainm a’ ciallachadh. Agus chanainn gur e sin an t-ainm as ciallaich’ a dh’fhaodadh a bhith againn anns a’ chànan againn fhèin. Tha an t-slige, agus chan eil ann ach an aon tè, a’ coimhead coltach ri cluas. Ann am Beurla ’s e abalone a chanas iad ris, mar is trice, ach cluinnidh tu ear shell ann an corra àite cuideachd.

Innsidh mi tuilleadh dhuibh mu dheidhinn na cluaise-mara anns an ath litir, ach bu toil leam soraidh a leigeil leibh an t-seachdain-sa le fuaim … Dè an ceangal a th’ ann eadar a’ chluas-mhara agus am fuaim seo? Airson faighinn a-mach, bithibh anns an èisteachd an ath sheachdain!

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na Litreach: Blàr Allt Eireann: the Battle of Auldearn; Athall: Atholl; Siorrachd Pheairt: Perthshire; Stiùbhart, Stiùbhartach:Stewart; staing: difficulty (lit. ditch); theich: fled; aideachadh: admitting; fianais: evidence; maorach: shellfish; cluas-mhara: abalone (lit. sea-ear); tachartasan: happenings; blasda: tasty.

Abairtean na Litreach: cuin’ is càit’ a chaidh a chruthachadh: when and where it was created; bha X ann am fìor chunnart a bheatha: X was in real danger of (losing) his life; ruith e ga ionnsaigh airson a chuideachadh: he ran to him to help him; bha e cho teòma leis a’ chlaidheamh mhòr aige: he was so skilful with his claymore; feumaidh sinn cuimhneachadh gun do dh’fhulaing X droch chliù aig an àm: we must remember that X suffered from a bad reputation at the time; chan eil e gu diofar: it makes no difference; fàgamaid X air an darna taobh: let’s leave X aside; bu toil leam ur n-aire a tharraing: I would like to draw your attention; a thathar a’ dol a dh’àrach ma thèid gu math leotha: which will be reared (ie on a shellfish farm) if all goes well; cha mhòr gu bheil: there is hardly; tha deagh theans ann: there is a good chance; cha d’ fhuair mi lorg air: I have not (did not) found it; bu toil leam soraidh a leigeil leibh: I would like to bid you farewell.

Puing ghràmair na Litreach: Have you ever wondered why there is a similarity between the word for a tinker, ceàrd(see note on pejoration below) and that for a smithy, ceàrdach? The reason is that they are both related to the word ceàird , a trade, profession or craft. Ceàrd can also mean a smith eg ceàrd-òir (goldsmith), ceàrd-airgid (silversmith), ceàrd-staoin (tinsmith). Many of the travelling tinkers traditionally worked on tin and other metals and the name ceàrd (pl. ceàrdan, ceàrdannan) stuck. A ceàrdach is a place where the ceàrd (ie the smith) carries out his work. You will sometimes hear trades unions referred to as aonaidhean-ciùird, employing a genitive form of ceàird. Note also that in some dialects the e, not the a, is stressed, so ceàrd is pronounced cèard.

Seanfhacal na Litreach: ’S truagh nach bu cheàird gu lèir sibh an-diugh: it’s a pity you were not all tinkers today. Ceàird is an old plural form and is lenited after nach bu (as in cha bu mhise – it was not me). The reason for Alasdair Mac Cholla making the statement is explained in the letter. It should be noted that the word ceàrd (as with the English “tinker”) is seen as somewhat of a pejorative today and that neach-siubhail or (pl.) luchd-siubhail (traveller, travellers) is preferred in everyday conversation.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean