ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

980: Uilebheist Ratharsair (1)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Gaelic Gàidhlig

An cuala sibh riamh an sgeulachd ‘MacMhuirich Ratharsair’? Bha MacMhuirich beò o chionn fhada ann an Ratharsair far an robh e ainmeil mar shealgair. Latha a bha seo, bha e a’ sealg faisg air Dùn Cana, a’ bheinn as àirde anns an eilean. Mharbh e fiadh, ghreallaich e e agus chuir e air a dhruim e. Bha e a’ coiseachd ri taobh Loch na Mèilich nuair a chuala e fuaim – mèilich, gu dearbh.

Bha e a’ tighinn às an fhraoch, ach bha fios aig MacMhuirich nach e caora no gobhar a bha ga dhèanamh. Chuir e am fiadh far a ghuailne agus rannsaich e anns an fhraoch. Lorg e creutair annasach. Bha e molach, bha spògan mòr’ aige agus bha a shùilean mòra a’ sealltainn gun robh eagal a bheatha air ron t-sealgair. Gu follaiseach, bha e gu math òg.

Chuir MacMhuirich an creutair am broinn a chòta airson a chumail blàth, thog e am fiadh agus chaidh e dhachaigh. Bha a dhinnear a’ feitheamh ris nuair a ràinig e an taigh, agus shuidh e aig a’ bhòrd, ga gabhail. Bha e a’ meòrachadh air a’ chreutair annasach a lorg e nuair a dh’fhàs an seòmar dorch. Choimhead MacMhuirich suas agus chunnaic e ceann mòr grànda aig an uinneig. B’ e sin a bha a’ dorchachadh an t-seòmair.

Bha fios aig MacMhuirich dè bh’ ann – Uilebheist Ratharsair. ‘Thoir dhomh mo leanabh air ais,’ thuirt an t-Uilebheist. ‘Tha fios agam gun do thog thu e às an fhraoch.’

‘Tha e a’ tighinn air èirig,’ fhreagair MacMhuirich. ʼS e duine cruaidh a bh’ ann am MacMhuirich.

‘Thoir air ais e gun chron sam bith air a dhèanamh air, no millidh mi an taigh agad agus gach rud a tha na bhroinn,’ fhreagair an t-Uilebheist.

‘Tha an leanabh agad na bhroinn,’ arsa MacMhuirich. Lean e air a ghabhail a dhinneir mar nach robh càil a’ cur dragh air.

‘Dè an èirig?’ dh’fhaighnich an t-Uilebheist.

‘Feumaidh tu cabhsair a thogail tarsainn Loch Storab,’ thuirt MacMhuirich. ‘Feumaidh e a bhith math gu leòr gus an toir mi mo chuid mònach dhachaigh air agus gun gabh e mo chuid cruidh, each is ghobhar.’ Tha Loch Storab anns a’ mhonadh letheach-slighe eadar Loch na Mèilich agus an Clachan, air cladach an iar Ratharsair.

‘ʼS e obair dhoirbh a tha sin,’ thuirt an t-Uilebheist. ‘Ach ma thogas mi an cabhsair, an toir thu gealltanas dhomh gum faigh mi an leanabh agam air ais gun chron sam bith air a dhèanamh air?’

‘Bheir,’ arsa MacMhuirich agus lean e air le a dhinnear mar nach robh dragh sam bith air.

Dh’fhalbh an t-Uilebheist. Thill e mu mheadhan-oidhche. ‘Rinn mi an obair,’ thuirt e. ‘Tha an cabhsair dèante.’

‘Tha e air èirig fhathast,’ arsa MacMhuirich. Nach tuirt mi gur e duine cruaidh a bh’ ann?!

‘Phàigh mi an èirig!’ Bha an t-Uilebheist a’ fàs feargach.

‘Uh-uh,’ thuirt MacMhuirich. ‘Feumaidh tu gach fàd mònach a th’ agam aig a’ pholl-mhònach a thoirt dhachaigh, agus cruach a dhèanamh dhiubh aig ceann an taigh agam.’

Dh’èigh an t-Uilebheist gur e bleigeard gun chogais a bh’ ann am MacMhuirich, ach dh’fhalbh e airson a’ mhòine a thoirt dhachaigh. Nuair a bha an obair dèante, thill e gu taigh MhicMhuirich. ‘Tha a’ chruach-mhònach togte,’ thuirt e. ‘Nise, thoir dhomh mo leanabh.’ Agus innsidh mi dhuibh dè thachair an-ath-sheachdain.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na Litreach: : MacMhuirich Ratharsair: MacVurich of Raasay; ghreallaich: gralloched (gutted); mèilich: bleating; creutair annasach: an unusual creature; molach:hairy, shaggy; gu follaiseach: obviously; a’ meòrachadh:contemplating; Uilebheist Ratharsair: the monster of Raasay; letheach-slighe: halfway.

Abairtean na Litreach : far an robh e ainmeil mar shealgair: where he was famous as a hunter; a’ bheinn as àirde anns an eilean: the highest hill on the island; nach e caora no gobhar a bha ga dhèanamh: that it wasn’t a sheep or goat that was making it; chuir e am fiadh far a ghuailne: he took the deer off his shoulder; rannsaich e anns an fhraoch: he searched in the heather; bha spògan mòr’ aige agus bha a shùilean mòra a’ sealltainn gun robh eagal a bheatha air ron t-sealgair: it had big paws and its large eyes were showing that it was petrified of the hunter; bha a dhinnear a’ feitheamh ris: his dinner was awaiting him; ceann mòr grànda aig an uinneig: a large ugly head appeared at the window; b’ e sin a bha a’ dorchachadh an t-seòmair: that was what was darkening the room ; duine cruaidh: a hard man; tha an leanabh agad na bhroinn:your baby is inside it; feumaidh tu cabhsair a thogail tarsainn X: you have to build a causeway across X; math gu leòr gus an toir mi mo chuid mònach dhachaigh air: good enough for me to take my peats home on it; gun gabh e mo chuid cruidh, each is ghobhar: that it will take my cattle, horses and goats; an toir thu gealltanas dhomh gum faigh mi an leanabh agam air ais: will you promise me that I’ll get my baby back?; gun chron sam bith air a dhèanamh air: without him suffering in any way; phàigh mi an èirig: I paid the ransom; feumaidh tu gach fàd mònach a th’ agam aig a’ pholl-mhònach a thoirt dhachaigh, agus cruach a dhèanamh dhiubh: you must bring home all the cut peats I have at my peat-bank, and make a stack of them.

Puing-chànain na Litreach: am broinn a chòta: inside his coat. Am broinn is a compound preposition commanding a noun (with the article) in the genitive case. The article here is the possessive third person singular masculine ‘a’ ie ‘his’ and còta is in the genitive. We know it is the possessive article rather than the definite article because of the absence of the apostrophe after the ‘a’.

Gnathas-cainnt na Litreach: Tha e a’ tighinn air èirig: it comes with a ransom.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 677

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean