ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

768: Beul-àtha nan Trì Allt (1)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Audio is playing in pop-over.

Gaelic Gàidhlig

Ma tha sibh air a bhith a’ dràibheadh anns an Eilean Sgitheanach eadar Dùn Bheagain agus an t-Aodann Bàn, bidh sibh eòlach air drochaid air a bheil The Fairy Bridge. Tha an t-àite co-cheangailte ris na sìthichean agus, a rèir choltais, ro mheadhan an naoidheamh linn deug, ’s e fear treun a-mhàin a rachadh thairis oirre air an oidhche. Carson a dh’atharraich cùisean ann am meadhan an naoidheamh linn deug, ma-thà? Uill, thig sinn gu sin an-ceartuair.

Bha feadhainn dhen bheachd gum faiceadh eich na sìthichean a’ dannsadh air an fheur ri taobh na drochaid. Anns an leabhar Skye: The Island and its Legends, tha Otta Swire ag innse dhuinn mu a seanair, Iain MacDhonnchaidh à Orabost. Ghabh Iain iongnadh mu eich agus mar a ghabhadh iad eagal ron drochaid. Cha robh e gu diofar an robh marcaiche air an each gus nach robh, no co-dhiù bha duine ga tharraing no ga phutadh a-null.

Bha an aon rud a’ tachairt ri eich Iain, ged nach robh e fhèin a’ creidsinn ann an sìthichean. Bha e dhen bheachd gur e an duine a bha còmhla ris an each a bha a’ toirt buaidh air an each, is gun togadh am beathach eagal bhon duine, nam biodh an duine a’ creidsinn anns na sìthichean.

Rinn Iain deuchainn air buaidh na drochaid air each. Cheannaich e each ùr à Èirinn. Thàinig an t-each air bàta a Dhùn Bheagain; mar sin cha robh e air a bhith faisg air drochaid nan sìthichean.

Aig an aon àm, bha caraid a’ fuireach aige a bhuineadh do cheann a deas na dùthcha. Cha robh a charaid air a bhith anns an Eilean Sgitheanach roimhe. Cha robh e eòlach air an eilean no air dualchas an eilein. Dh’fhaighnich e de dh’Iain am biodh cead aige falbh a-mach air an each ùr aige. Thuig Iain gun robh cothrom aige deuchainn a chur air buaidh na drochaid, agus dh’aontaich e. Thug e stiùireadh do a charaid mun rathad – a bheireadh e tarsainn na drochaid dà thuras – air an rathad a-mach agus air an rathad air ais.

Dh’fhalbh a charaid air muin an eich. Nuair a thill e, chuir Iain ceistean air mun each. Tha e math, thuirt am fear eile. Tha e dòigheil is socrach ach tha aon trioblaid aige – tha eagal air ro uisge. Dh’fhaighnich Iain mun uisge. Agus thuirt a charaid gur ann aig drochaid, a’ dol tarsainn allt, a dh’èirich an t-each air a chasan deiridh le eagal – an dà chuid air an rathad a-mach agus air an rathad air ais. Dìreach an aon drochaid. Cha do chuir tè sam bith eile dragh air. Agus dè an drochaid a bha sin? Tuigidh sibh cò tè a bh’ ann.

Ann am Beurla, canar Fairybridge ris an àite. Ach tha ainm gu tur eadar-dhealaichte air ann an Gàidhlig – Beul-àtha nan Trì Allt. Agus tha an t-àite ainmeil ann an dualchas nan Gàidheal airson a bhith na àite-coinneachaidh do mhuinntir ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich. Aig àm Briseadh na h-Eaglaise ann an ochd ceud deug, ceathrad ’s a trì (1843) bha an t-Urramach Ruairidh MacLeòid à Sniothasort a’ cumail sheirbheisean an sin airson nam mìltean de dhaoine. Aig an àm sin, sguir na Sgitheanaich bho bhith a’ gabhail eagal ron drochaid, uill a’ chuid a bu mhotha aca co-dhiù.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na Litreach: an-ceartuair: presently, shortly; deuchainn: test, experiment; dh’aontaich: agreed; Beul-àtha nan Trì Allt: ‘ the ford of the three burns’; Sniothasort: Snizort.

Abairtean na Litreach: eadar Dùn Bheagain agus an t-Aodann Bàn: between Dunvegan and Edinbane; co-cheangailte ris na sìthichean: connected to the fairies ; ’s e fear treun a-mhàin a rachadh thairis oirre: it’s only a brave man that would go over it; gum faiceadh eich na sìthichean a’ dannsadh air an fheur: that horses would see the fairies dancing on the grass; mu a seanair, Iain MacDhonnchaidh: about her grandfather, John Robertson; mar a ghabhadh iad eagal ron drochaid: how they would be scared of the bridge; an robh marcaiche air an each gus nach robh: whether there was a rider on the horse or not; a’ toirt buaidh air an each: affecting the horse; a bhuineadh do cheann a deas na dùthcha: who belonged to the south of the country; dh’fhaighnich e de dh’Iain am biodh cead aige falbh a-mach air an each ùr aige: he asked John for permission to ride his new horse; a bheireadh e tarsainn na drochaid dà thuras:that would take him over the bridge twice; tha e dòigheil is socrach ach tha aon trioblaid aige – tha eagal air ro uisge:it’s well-behaved and gentle but it has one problem – it’s scared of water; a dh’èirich an t-each air a chasan deiridh: that the horse shied; cha do chuir tè sam bith eile dragh air: no other one [fem] upset it; airson a bhith na àite-coinneachaidh do mhuinntir ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich: for being a meeting place for the people of north Skye; sguir na Sgitheanaich bho bhith a’ gabhail eagal ron drochaid: the Skye people stopped being afraid of the bridge; a’ chuid a bu mhotha aca co-dhiù: most of them anyway.

Puing-chànain na Litreach: bha caraid a’ fuireach aige: he had a friend staying with him [in his home]. We can use the preposition aig in this idiom with fuirich cf ‘with’ in English. Bha thu a-staigh agam turas, nach robh? ‘you visited me once [in my home], didn’t you?’; bha mi a’ fuireach aice nuair a bha mi beag ‘I was staying with her when I was small’; dh’fhuirich mi aca airson dà oidhche ‘I stayed with them for two nights [in their house]’. Also with a-staigh: bha thu a-staigh againn turas ‘you visited us at home once’; bha mi a-staigh agaibh cuide ri Seumas ‘I visited you along with James’.

Gnàthas-cainnt na Litreach: Briseadh na h-Eaglaise: the Church Disruption of 1843 which saw the birth of the Free Church of Scotland.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 464

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean