ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

421: Edward Faragher

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Gaelic Gàidhlig

Rugadh Edward Faragher, no Neddy Beg Hom Ruy, ann an Creneash ann an Eilean Mhanainn anns a’ bhliadhna ochd ceud deug, trithead ’s a h-aon (1831). Bha glè bheag dhen Bheurla ga bruidhinn anns a’ bhaile sin aig an àm.

Bha athair na iasgair agus dh’obraich Neddy air an eathar aige fad seachd bliadhna. Dh’fhalbh e airson greis a Liverpool ach, gu h-iongantach, cha do dh’ionnsaich e mòran Beurla ann. Carson? Uill, bha e ag obair am measg Chuimreach agus cha robh mòran Beurla aca!

Thill Neddy a dh’Eilean Mhanainn agus chuir e seachad còig bliadhna fichead mar iasgair, ag iasgach timcheall costa na h-Èireann. Dh’fhàs e ainmeil airson cho math ’s a bha a chuid eòlais air dualchas Gàidhlig an eilein. Eadar ochd ceud deug is ochdad (1880) agus naoi ceud deug (1900) sgrìobh e mìle òran no dàn. A bharrachd air sin, rinn e tòrr eadar-theangachaidh agus sgrìobh e mu dhualchas is beul-aithris Eilean Mhanainn.

Seo sgeulachd bheag aige, air a bheil Thom Gordon as ny Mooinjer-Veggey no Tom Gòrdan agus na Daoine Beaga: Bha fear a bha seo air an robh Tom Gòrdan. Bha e a’ falbh dhachaigh à Purt ny Hinshey. Thàinig an oidhche air nuair a bha e air mullach nan slèibhtean agus cha b’ urrainn dha an rathad a dhèanamh a-mach. Chunnaic e solas a’ deàlradh. Chaidh e dha ionnsaigh.

Thàinig e gu taigh mòr. Nochd duine. Dh’iarr am fear seo air Tom a dhol a dh’iasgach cuide ris oir bha sluagh mòr a’ tighinn airson suipear a ghabhail anns an taigh aige air an oidhche sin.

Chaidh Tom cuide ris don tràigh. Tharraing iad bàta don uisge. Thog Tom na ràimh agus dh’iomraich e am bàta air falbh bho thìr. Thòisich an duine eile air iasgach agus cha b’ fhada gus an robh peile aige làn èisg. Thuirt an duine ri Tom gum bu chòir dha thighinn dhachaigh còmhla ris oir bha e gu math sgìth.

Ràinig iad an taigh agus thuirt an duine ri Tom gum bu chòir dha fuireach na h-oidhche. Bha preas mòr ri taobh na cagailte. Bha e air a bheul fodha. Chuir an duine Tom anns a’ phreas. Bha toll beag na chliathaich agus bha comas aig Tom an seòmar fhaicinn troimhe.

An ceann ùine ghoirid bha an taigh làn aoighean, fir agus mnathan, agus cleòcaichean brèagha orra. Shuidh iad sìos airson an suipear a ghabhail. Bha aon duine ann, agus falt liath air. Thuirt e, “Tha mi a’ faighinn fàileadh de dhuine.” Dh’èirich iad uile far a’ bhùird. Rinn iad rannsachadh airson Tom ach cha d’ fhuair iad lorg air.

Shuidh iad a-rithist agus thuirt am fear le falt liath a-rithist gun robh e a’ faighinn fàileadh de dhuine agus gun robh e cinnteach gun robh e am broinn an taighe. Rinn na daoine rannsachadh a-rithist ach cha do lorg iad Tom.

Thuirt fear eile, “Cuireamaid am preas thairis.” Dh’èigh Tom ann an guth mòr, “Sìth Dhè orm, fhuaireadh mi.” Ann am priobadh na sùla, bha an taigh agus na daoine air falbh. Bha Tom ann an Lhag ny Killey (Lag na Coille), na laighe air bad còinnich. Thòisich e air a cheann a sgrìobadh gus an tàinig an smuain thuige gun robh e air a bhith còmhla ris na sìthichean.

Dh’èirich e far na luig agus fhuair e an rathad dhachaigh. Thug a bhean cairteal de leann dha agus chaidh e a leabaidh. Nise, feumaidh gun do dh’innis e an stòiridh do a bhean mus deach e innte, oir an làrna-mhàireach cha robh cuimhne sam bith aige air na thachair.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na Litreach: Creneash: Cregneash; Eilean Mhanainn: Isle of Man; dàn: poem; Purt ny Hinshey: Peel; preas: press, cupboard; an làrna-mhàireach: the next day.

Abairtean na Litreach: bha glè bheag dhen Bheurla ga bruidhinn: very little English was spoken; bha athair na iasgair: his father was a fisherman; gu h-iongantach: surprisingly; am measg Chuimreach: amongst Welshmen; timcheall costa na h-Èireann: around the coast of Ireland; a chuid eòlais air dualchas Gàidhlig an eilein: his knowledge of the island’s Gaelic heritage; thàinig an oidhche air: the night came upon him; mullach nan slèibhtean: the top of the hills; cha b’ urrainn dha an rathad a dhèanamh a-mach: he couldn’t make out the road; chaidh e dha ionnsaigh: he went towards it; bha sluagh mòr a’ tighinn airson suipear a ghabhail: many people were coming to take supper; thog Tom na ràimh agus dh’iomraich e am bàta: Tom picked up the oars and he rowed the boat; cha b’ fhada gus an robh peile aige làn èisg: it wasn’t long until he had a pail full of fish; ri taobh na cagailte: beside the hearth; air a bheul fodha: face down; bha toll beag na chliathaich: there was a small hole in its side; bha an taigh làn aoighean, agus cleòcaichean brèagha orra: the house was full of guests wearing beautiful cloaks; tha mi a’ faighinn fàileadh de dhuine: I smell a man; dh’èirich iad far a’ bhùird: they rose from the table; gun robh e am broinn an taighe: that he was inside the house; Sìth Dhè orm, fhuaireadh mi: the peace of God be upon me, I am found; priobadh na sùla: a blink of an eye; na laighe air bad còinnich: lying on a clump of moss; far na luig: from the hollow; thug a bhean cairteal de leann dha: his wife gave him a quart of ale; mus deach e innte: before he went to bed.

Puing-chànain na Litreach: chuir e seachad còig bliadhna fichead mar iasgair: he spent 25 years as a fisherman. Are you comfortable with còig bliadhna fichead ? It is an older form of counting but you will meet it frequently. An alternative form (also traditional) is còig bliadhna air fhichead. Under the influence of the modern counting system, you will increasingly frequently hear fichead ’s a còig bliadhna . All three are acceptable – it’s best to learn to be flexible as both counting systems exist side-by-side and are likely to remain so for some time until the modern system finally takes over.

Gnàthas-cainnt na Litreach: Cuireamaid am preas thairis: let’s turn [put] the press/cupboard over.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 117

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean