FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1001: Flada

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Flada

Gaelic Gàidhlig

Tha grunn eileanan air a bheil an t-ainm – Flada no Fladaigh. Tha an t-ainm a’ tighinn bhon t-Seann Lochlannais, a’ ciallachadh ‘eilean còmhnard’. Tha dà eilean bheag air a bheil Flada ann an Sealtainn. Cha bhi sin na iongnadh oir buinidh ainmean-àite Shealtainn gu lèir do dhualchas nan Lochlannach.

Dh’fhàg na Lochlannaich an dìleab air taobh an iar na h-Alba cuideachd. Tha Flada eile gu siar air Eilean Luing ann an Earra-Ghàidheal. Cuideachd ann an Earra-Ghàidheal tha Flada siar air Muile anns na h-Eileanan Treisnis.

Tha Flada Chuain gu tuath air an Eilean Sgitheanach. Tha e a-muigh sa chuan, agus tha ainm ga chomharrachadh mar eadar-dhealaichte bho eileanan eile air a bheil Flada no Fladaigh. Agus tha sin ciallach, oir beagan mhìltean air falbh anns an Taobh Sear, tha eilean beag air a bheil Staffin Island no Eilean Steinseil. Ach ʼs e mo thuigse gu robh ainm eile air an eilean o shean – Fladaigh.

Tha eachdraidh is dualchas iongantach aig Flada Chuain. Tha tobhta seann chaibeil ann a tha co-cheangailte ri Calum Cille. Agus sin an t-eilean far an do chuir ceann-cinnidh nan Dòmhnallach a phàipearan laghail am falach mus do dh’èirich e ann an adhbhar nan Seumasach ann an seachd ceud deug is còig-deug (1715).

Tha aon Flada eile ann air a bheil mi eòlach. Tha sin far cladach an iar-thuath Ratharsair agus chaidh mi ann o chionn ghoirid ann an gheat. Tha caolas cumhang ann eadar Flada agus Ratharsair ach chan urrainn seòladh troimhe air fad ann am bàta le druim mòr oir tha an dà eilean ceangailte ri chèile le dòirlinn. Airson greis gach latha, aig àm an làin, bidh Flada na eilean ceart, agus sàl ga chuairteachadh gu lèir.

Ma tha sibh ag iarraidh coiseachd ann, feumaidh sibh an carbad fhàgail aig ceann Rathad Chaluim aig an Torran ann an Ratharsair. Tha ceum coiseachd dà mhìle a dh’fhaid an uair sin a’ dol chun na dòirlinn.

ʼS e eilean snog a th’ ann am Flada. Tha e mìle gu leth ann am fad agus beagan is leth-mhìle ann an leud. Tha e car còmhnard – mar a bhiodh dùil – le loch anns a’ mheadhan. Tha boglaichean is mòinteach gu leòr ann ach, timcheall a’ bhaile, far an robh an sluagh a’ fuireach, tha e rudeigin torrach. Chanainn gun robh na Fladaich a’ cur buntàta is coirce is eòrna an sin uaireigin. Agus bha cala math aca airson an cuid eathraichean.

Aig deireadh an naoidheamh linn deug, bha caogad duine a’ fuireach ann. Bhiodh na sgoilearan a’ coiseachd don sgoil ann an Torran ach cha b’ urrainn dhaibh fhaighinn thar a’ chaolais aig àm an làin. Anns na ficheadan dhen fhicheadamh linn, dh’iarr muinntir an eilein air Comhairle Siorrachd Inbhir Nis drochaid no cabhsair a thogail eadar Flada is Ratharsair. Dhiùlt a’ Chomhairle an t-iarrtas ach thog iad sgoil ann am Flada fhèin.

Aig toiseach nan seasgadan cha robh ach dusan duine a’ fuireach ann am Flada. Bha iad a’ tagradh airson cabhsair, uisge na pìob agus cumhachd an dealain, ach dh’fhàs iad sgìth de bhith a’ feitheamh. Dh’fhàg iad uile an t-eilean mus robh a’ bhliadhna seasgad ʼs a còig (1965) a-mach. Tha trì taighean anns an eilean fhathast ach tha iad air an cur gu feum a-mhàin as t-samhradh airson làithean-saora.

Faclan na Litreach: còmhnard: flat; dìleab: legacy; gheat: yacht; caolas cumhang: narrow channel; dòirlinn: natural causeway to tidal island; torrach: fertile.

Abairtean na Litreach: grunn eileanan far chosta na h-Alba: a number of islands off the coast of Scotland; cha bhi sin na iongnadh: that won’t be a surprise; buinidh ainmean-àite Shealtainn do dhualchas nan Lochlannach: Shetland’s place-names belong to the Scandinavian heritage; gu siar air Eilean Luing ann an Earra-Ghàidheal: to the west of the Isle of Luing in Argyll; siar air Muile anns na h-Eileanan Treisnis: west of Mull in the Treshnish Isles; beagan mhìltean air falbh anns an Taobh Sear: a few miles away on the east of the Trotternish Peninsula (Staffin); ʼs e mo thuigse gu robh ainm eile air an eilean o shean: it’s my understanding that the island had another time in olden times; tobhta seann chaibeil a tha co-cheangailte ri Calum Cille: a ruin of an old chapel that is connected to St. Columba; far an do chuir ceann-cinnidh nan Dòmhnallach a phàipearan laghail am falach: where the clan chief of the MacDonalds hid his legal papers; mus do dh’èirich e ann an adhbhar nan Seumasach: before he rose on behalf of the Jacobites; far cladach an iar-thuath Ratharsair: off the north-west coast of Raasay; chan urrainn seòladh troimhe air fad ann am bàta le druim mòr: it’s not possible to sail all the way through it in a boat with a large keel; aig àm an làin bidh Flada na eilean ceart: at high tide Fladda is a proper island; agus sàl ga chuairteachadh gu lèir: with seawater entirely surrounding it; ceum coiseachd dà mhìle a dh’fhaid: a walking track two miles long; mìle gu leth ann am fad agus beagan is leth-mhìle ann an leud: a mile and a half in length and a bit over half a mile in width; a’ cur buntàta is coirce is eòrna:planting potatoes and oats and barley; thar a’ chaolais:across the channel; dhiùlt a’ Chomhairle an t-iarrtas: the Council refused the request; a’ tagradh airson cabhsair, uisge na pìob agus cumhachd an dealain: appealing for a causeway, piped water and electricity; sgìth de bhith a’ feitheamh: tired of waiting.

Puing-chànain na Litreach: Anns na ficheadan dhen fhicheadamh linn : in the 1920s [lit. in the twenties of the 20th Century]. You might also say anns na naoi deug is ficheadan but that is a bit clumsy and native speakers would often use the English ie ‘anns na 1920s’.

Gnathas-cainnt na Litreach: : mus robh a’ bhliadhna seasgad ʼs a còig a-mach : before the year 1965 was out.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 697

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean