FaclairDictionary EnglishGàidhlig

736: Flòdaigearraidh agus Eilean a’ Chinn Mhòir (2)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Flòdaigearraidh agus Eilean a’ Chinn Mhòir (2)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh an t-seachdain sa chaidh mun chaolas a shnàmh an gille agam eadar Flòdaigearraidh agus Eilean a’ Chinn Mhòir. Thug e leth-uair a thìde dha gach rathad oir bha e a’ dol air fiaradh leis an t-sruth-mhara. Bha e doirbh gu leòr ann an solas an latha, le aimsir mhath agus deise-fhliuch air. Ach ciamar a bhitheadh e air an oidhche ann an droch shìde gun deise sam bith airson cumail blàth?

A rèir beul-aithris, anns an t-seann aimsir, bhiodh fear òg a’ snàmh a’ chaolais sin a h-uile oidhche airson a leannan fhaicinn. Seo an stòiridh.

Bha Iain Ruadh a’ fuireach anns an eilean. Bha e na bhanntrach. Bha a nighean Màiri a’ fuireach còmhla ris agus a’ cumail an taighe dha. Cha robh Iain idir airson ’s gum falbhadh Màiri gu àite sam bith eile.

Bha fios aig Iain gun robh nòisean aig Màiri do dh’fhear òg ann am Flòdaigearraidh, air an robh Ailean mar ainm. Chuir Iain stad air Màiri bho bhith a’ faicinn Ailean. Agus thuirt e, nam biodh i ag iarraidh pòsadh, nach fhaigheadh i tochradh sam bith bhuaithe. Chan fhaigheadh i eadhon laogh, ach a-mhàin nam biodh e corc-chluasach.

Nam biodh e corc-chluasach – le cluasan goirid – bhiodh sin a’ ciallachadh gun robh e air a ghineadh do tharbh-uisge. Bhiodh laogh mar sin a’ dèanamh cron mòr air an treud cruidh.

Mar a thachair e, thòisich tarbh-uisge air tadhal air Flòdaigearraidh mun àm sin. Bha e a’ dèanamh sgrios air a’ bhàrr air an oidhche ach cha robh duine treun gu leòr airson stad a chur air.

Leis nach robh cead aig Ailean a bhith a’ tadhal air Màiri, bhiodh e a’ snàmh a-null don eilean gach oidhche. Bhiodh Màiri a’ coinneachadh ris gu dìomhair air a’ chladach.

Oidhche bha seo, bha i air a’ chladach a’ feitheamh nuair a chuala i guth fann. Bha Ailean a’ tighinn gu tìr ann am fìor dhroch staid. Bha e claoidhte.

Nuair a fhuair e anail, dh’inns e do Mhàiri mar a chuala e fuaim mòr faisg air, agus e letheach-slighe don eilean. Bha biast mhòr a’ srannartaich. Chuir e eagal a bheatha air Ailean. Bha e cinnteach gur e an tarbh-uisge a bh’ ann.

Bha an t-eagal air Màiri nach robh e sàbhailte do dh’Ailean a bhith a’ snàmh don eilean tuilleadh. Dh’aontaich i, nam faigheadh Ailean bàta an ath oidhche, gun teicheadh i còmhla ris.

Thill Ailean an ath oidhche ann an eathar. Nuair a bha e letheach-slighe, chuala e srannartaich mhòr a-rithist. Chaidh ceann mòr dubh seachad air a’ bhàta. Ach chan e tarbh-uisge a bh’ ann. ’S e a bh’ ann an tarbh mòr dubh aig Iain Ruadh. Bhiodh e a’ snàmh a-null oir bha feurachadh na b’ fheàrr ann am Flòdaigearraidh na bha anns an eilean.

Roghnaich Ailean gun a bhith ag innse na fìrinn do Mhàiri. Bha an t-eagal air nach fhalbhadh i leis, nam biodh fios aice nach e tarbh-uisge a bh’ ann. Chùm e sàmhach. Theich an cupall agus rinn iad air Astràilia.

’S ann dìreach bliadhnaichean às dèidh làimh, nuair a bha Màiri is Ailean air tilleadh bho Astràilia, a dh’inns Ailean an fhìrinn do a bhean. Dh’inns e dhi gur e an tarbh dubh aig a h-athair, seach an tarbh-uisge, a thug orra teicheadh gu ceann thall an t-saoghail.

Faclan na Litreach: Flòdaigearraidh: Flodigarry; deise-fhliuch: wetsuit; laogh: calf; fann: weak; claoidhte: exhausted; letheach-slighe: halfway; tarbh-uisge: water-bull; eathar: boat.

Abairtean na Litreach: Thug e leth-uair a thìde dha gach rathad: it took him half an hour each way; bha e a’ dol air fiaradh leis an t-sruth-mhara:he was going sideways with the current; bhiodh fear òg a’ snàmh a’ chaolais sin airson a leannan fhaicinn: a young man would swim that channel to see his sweetheart; bha e na bhanntrach: he was a widower; cha robh Iain idir airson ’s gum falbhadh Màiri: Iain didn’t at all want Màiri to leave; gun robh nòisean aig Màiri do: that Màiri fancied; nach fhaigheadh i tochradh sam bith: that she wouldn’t get any dowry; gun robh e air a ghineadh do tharbh-uisge: that it was fathered by a water-bull; a’ dèanamh cron mòr air an treud cruidh: causing great damage to the cattle herd; a’ dèanamh sgrios air a’ bhàrr air an oidhche: destroying the crops at night; a’ coinneachadh ris gu dìomhair air a’ chladach: meeting him secretly on the shore; a’ tighinn gu tìr ann am fìor dhroch staid: coming to land in a terrible condition; nach robh e sàbhailte do dh’Ailean a bhith a’ snàmh don eilean tuilleadh:that it wasn’t safe for Ailean to be swimming to the island any more; dh’aontaich i gun teicheadh i còmhla ris: she agreed that she would elope with him; ’s e a bh’ ann an tarbh mòr dubh aig Iain Ruadh: it was Iain Ruadh’s big black bull; bha feurachadh na b’ fheàrr: there was better grazing; roghnaich Ailean gun a bhith ag innse na fìrinn:Ailean chose not to tell the truth; rinn iad air Astràilia: they went to Australia; a thug orra teicheadh gu ceann thall an t-saoghail: that made them go to the other end of the world.

Puing-chànain na Litreach: ach a-mhàin nam biodh e corc-chluasach: unless it were short-eared, belonging to the water-bull. It’s difficult to translate corc-chluasach or its equivalent corcach. It refers to the imaginary (?) tarbh-uisge (corc means ‘fairy bull, water bull’ according to Dwelly). But corc also means ‘knife’ and it was believed that a calf bearing short ears that appeared to have been cut with a knife were in fact the offspring of a tarbh-uisge and that they would bring misfortune upon the herd. Many parts of the Gàidhealtachd claimed the presence of a tarbh-uisge.

Gnàthas-cainnt na Litreach: Bha biast mhòr a’ srannartaich: a large beast was snorting.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 432

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean