menushow menuhide
GàidhligEnglish
facebook icon twitter icon email icon

Letter to Gaelic Learners Litir do Luchd-ionnsachaidh

Ruairidh MacIlleathain A series of letters to support Gaelic learners. This will help learners who already have some knowledge and understanding of Gaelic and are looking to develop their language skills. Sound files, text, vocabulary and language notes are also available. Sreath de litrichean a bheir taic do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig. Bidh iad seo cuideachail do luchd-ionnsachaidh le beagan tuigs air a’ Ghàidhlig agus a tha a’ coimhead airson dòigh air na sgilean cànain aca a leasachadh. Tha faidhle fuaim, teacsa, briathrachas agus puingean cànain rim faighinn cuideachd.

People Daoine

Search Lorg

Cead Deireannach nam Beann (Litir 209)

Ged tha mo cheann air liathadh,

’S mo chiabhagan air tanachadh,

’S tric a leig mi mial-chù

ri fear fiadhaich, ceannartach:

Ged bu toigh leam riamh iad,

’S ged fhaicinn air an t-sliabh iad,

Cha tèid mi nis gan iarraidh

On chaill mi trian na h-analach.

Halo a-rithist. Beagan bàrdachd airson toiseach na Litreach an t-seachdain-sa. Ach chan ann orm fhìn a tha i a-mach! Cha do chaill mi trian mo h-analach fhathast!

A bheil sibh ga h-aithneachadh? Tha i às an dàn ainmeil Cead Deireannach nam Beann, le Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir, anns a bheil Donnchadh a’ leigeil soraidh leis a’ bheinn a rinn e ainmeil na bhàrdachd – Beinn Dòrain, faisg air Taigh an Droma. Tha Slighe Taobh an Iar na Gaidhealtachd a’ dol seachad air a’ bheinn. Ach feumaidh mi aideachadh gu robh an là san robh mise anns an sgìre sin ro theth airson a’ bheinn a dhìreadh. Uill, ’s e sin mo leisgeul, co-dhiù!

Aig deireadh an là sin, ràinig mi Drochaid Urchaidh, baile beag ann an sealladh Beinn Dòrain. ’S e àite annasach a th’ ann oir, a bharrachd air àiteachan-fuirich, cha mhòr gu bheil dad eile ann. Agus buinidh a h-uile duine a tha ag obair anns an taigh-seinnse do dh’Astràilia. Mar sin, chuir e iongnadh orm, nuair a chaidh mi ann airson pinnt, gun cuala mi abairt Ghàidhlig – air a lìbhrigeadh ann an guth mòr.

“Suidh air do thòn!” ars’ an guth, agus choimhead mi a-null don àite às an tàinig e. Bha mi a’ smaoineachadh gu robh cuideigin gam aithneachadh is gu robh e a’ dol a thabhann deoch dhomh! Ach cha robh. Gu dearbh, cha robh an duine – fear a bha eadar ceathrad is leth-cheud bliadhna a dh’aois – eadhon a’ coimhead orm. “Suidh air do thòn!” thuirt e a-rithist. Bha e a’ coimhead air duine a bha ri thaobh. Agus bha am fear eile na shuidhe mu thràth.

Thuirt am fear na dearbh fhaclan a-rithist, ach lean e air ann am Beurla. “Suidh air do thòn! That means sit down. And, if we say it to a Mull-man, we say ‘Suidh air do thòn, a Mhuilich!’” Cha b’ e Muileach ris an robh e a’ bruidhinn ge-tà, ach Sasannach. Uill, bu chòir dhomh ghluasad air falbh gus nach robh mi ann an claisneachd a’ chòmhraidh, ach cha b’ urrainn dhomh. Bidh a’ Ghàidhlig gam tharraing ga h-ionnsaigh an-còmhnaidh. Bha mi dìreach a’ dol a ràdh rudeigin nuair a chuala mi guth eile air cùl a’ chunntair – “Gidday, can I get you anything….?”

Cha do bhruidhinn mi ris a’ Ghaidheal an uair sin, ach shaoil mi gum faighinn facal air na b’ fhaide dhen fheasgar. Ghabh mi an deoch a-muigh leis cho math ’s a bha an t-sìde agus, as deidh greis, thill mi a-steach agus bha fear ùr ri taobh a’ Ghaidheil. Sasannach eile. Agus ghabh mi iongnadh nuair a chuala mi an còmhradh. “Suidh air do thòn, a Mhuilich!” Shaoil mi gur dòcha nach bu chòir dhomh leigeil air gu robh Gàidhlig agam!

Is iomadh trup a shuidh Donnchadh Bàn air a thòn air Beinn Dòrain, tha mi cinnteach. Agus bu toigh leam ur fàgail an t-seachdain seo le faclan brèagha mun sgìre sin – an rann mu dheireadh à Cead Deireannach nam Beann.

Mo shoraidh leis na frìthean

O ’s mìorbhailteach na beannan iad,

Le biolair uaine is fìor-uisg’,

Deoch uasal, rìomhach, cheanalta:

Na blàran a tha prìseil,

’S na fàsaichean tha lìonmhor,

O ’s àite a leig mi dhiom iad,

Gu bràth mo mhìle beannachd leo’!

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na Litreach: Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir: Duncan Ban MacIntyre; Drochaid Urchaidh: Bridge of Orchy; pinnt: a pint; biolair-uaine: watercress; fìor-uisge: spring-water, fresh-water.

Abairtean na Litreach: ged tha mo cheann air liathadh: although my head has gone grey; ’s mo chiabhagan air tanachadh: and my whiskers have thinned; ’s tric a leig mi mial-chù ri fear fiadhaich, ceannartach: it’s often I let a greyhound go at a wild, imperious one (stag); ged fhaicinn:though I would see; on chaill mi trian na h-analach: since I lost a third of the (my) breath; Cead Deireannach nam Beann:The Last Farewell of (to) the Mountains; ’s e sin mo leisgeul: that’s my excuse; a bharrachd air àiteachan-fuirich: other than dwelling places; buinidh X do dh’Astràilia: X belongs to Australia; chuir e iongnadh orm: it surprised me; air a lìbhrigeadh ann an guth mòr: delivered in a loud voice; ann an claisneachd a’ chòmhraidh: in earshot of the conversation; bidh a’ Ghàidhlig gam tharraing ga h-ionnsaigh: Gaelic attracts me towards it (fem.); shaoil mi gum faighinn facal air:I though I would get a word with (on) him; nach bu chòir dhomh leigeil air: that I should not let on; mo mhìle beannachd leo’ (leotha): my thousand blessings with them.

Puing-ghràmair na Litreach: gu robh an là san robh mise anns an sgìre sin ro theth: that the day in which I was in that area was too hot. A short point this week on the word san. It is an abbreviated form of the phrase anns an, meaning “in the” (tha an cù san taigh), or, as here, “in which” and reflects modern pronunciation of anns an in many instances (though not all). It has now been officially adopted as a standardised abbreviation – and note that it has no apostrophe.

Gnàthas-cainnt na Litreach: Two items this week: (1) is iomadh trup a shuidh Donnchadh: many times Duncan sat. Trupis not easily found in a dictionary; it is a loanword from English (“trip”). It might mean “once” eg chaidh mi ann trup (I went there once) but it is also heard in a plural sense as above. (2) Suidh air do thòn!: sit on your backside! This is not an overly polite phrase and would only be used with a child or with a friend who doesn’t mind you being a bit cheeky. To be polite, you would say (in the singular or informal) – suidh sìos (sit down) or dèan suidhe (lit. make sit). In the plural or formal, you would say suidhibh sìos or dèanaibh suidhe.

Download the text of this week's letter as a PDF: Thoir a-nuas Litir mar PDF: Adobe PDF of this letter

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Podcast

BBC offers this litir as a podcast – visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other Letters Litrichean eile

data loading indicator

Àireamh / Number

Facal / Word