895: Eòghann Mac a’ Ghobhair (4)
Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.
Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Eòghann Mac a’ Ghobhair (4)
Bha Eòghann Mac a’ Ghobhair agus an seann bhoireannach Oighrig fhathast ann am Poll Iù nuair a nochd soitheach mòr san loch. Dh’inns Oighrig a h-eachdraidh don chaiptean agus dh’iarr i air an toirt gu ruige Eilean Donnain. Ach mhothaich an caiptean don trusgan sgàrlaid is claidheamh aig a’ ghille, agus bha amharas aige gur e mac rìgh a bh’ ann. Chuir e roimhe an toirt don cheann-cinnidh aige fhèin, Cailean Mòr.
Chuir Cailean fàilte air an dithis. Bha Eòghann a’ fuireach anns a’ chaisteal far an do dh’ionnsaich e mu bheatha nan uaislean. Bha Oighrig a’ fuireach ann an taigh faisg air a’ chaisteal. Nuair a bha Eòghann ochd bliadhn’ deug a dh’aois, thuirt Cailean gum faigheadh e cothrom a ghaisgeachd a dhearbhadh. Bha iad gu bhith a’ cur cath air rìoghachd eile.
Ann an Cinn Tàile, bha Coinneach air Fionnghal a phòsadh. Dh’inns i dha mu a beatha. Bhuineadh i do na h-uaislean ach bha i na dìlleachdan. Bha an aon phiuthar aice air rìgh a phòsadh ann an rìoghachd eile faisg air làimh. Rugadh leanabh dhi agus b’ e sin Eòghann. B’ e mac rìgh a bh’ ann, gun teagamh.
Ach bha ar-a-mach ann. Chaidh an rìgh a mharbhadh. Thugadh a bhean – màthair Eòghainn – am bruid. Theich Fionnghal leis an leanabh oir bha esan ann an cunnart a bheatha. Thug i an trusgan sgàrlaid agus claidheamh leatha, eagal ʼs nach biodh cothrom aice uaireigin dearbhadh gur e mac rìgh a bh’ ann. Bha iad air allaban airson ùine mus d’ fhuair iad lorg air an uaimh taobh Loch Ma-ruibhe.
Thàinig clàrsair a dh’Eilean Donnain agus thug e naidheachd leis. Bha an rìoghachd dham buineadh Eòghann is Fionnghal a-nise gun rìgh agus gun oighre. Ach bha an t-seann bhanrigh – piuthar Fionnghail – fhathast beò. Chuir Fionnghal roimhpe a dhol a chèilidh oirre.
Chaidh i fhèin is Coinneach ann, agus chuidich iad an t-seann bhanrigh ann a bhith a’ faighinn a h-àite air ais air a’ chathair rìoghail. Ach cho luath ʼs a thachair sin, fhuair iad droch naidheachd. Bha Cailean Mòr a’ cur cath orra. Chuir iad feachd ri chèile agus fhuair iad taic bho Mhorair Caisteal Donnain. Ruaig iad sluagh Chailein Mhòir. Ghabh iad feadhainn mar phrìosanaich. Nam measg bha triùir mhac Chailein agus Eòghann.
Bha iad a’ dol a chur às don cheathrar a bha sin mar pheanas airson cath a chur orra gun adhbhar. Chuir Eòghann a thrusgan sgàrlaid air, agus a chlaidheamh, deiseil airson a dhol gu a bhàs. Thugadh e air beulaibh na banrigh.
‘O,’ thuirt Fionnghal, ‘seall air a thrusgan agus a chlaidheamh – agus a falt bàn is sùilean gorma. An e e fhèin a th’ ann?!’
‘Dè an t-ainm a th’ ort agus cò leis thu?’ dh’fhaighnich a’ bhanrigh.
‘Chan eil fhios agam cò leis mi,’ fhreagair Eòghann, ‘ach ʼs e Eòghann Mac a’ Ghobhair a chanas iad rium.’
‘Mac a’ Ghobhair – seadh – ʼs tu fhèin a th’ ann!’ thuirt Fionnghal. ‘Nach eil thu a’ faicinn, a phiuthar – seo do mhac fhèin!’
Cha robh a’ bhanrigh cinnteach. ‘Tha a thrusgan is a chlaidheamh coltach ri feadhainn a bh’ aig an duine agam nach maireann,’ thuirt i, ‘ach ciamar as urrainn dhomh a bhith cinnteach gur e seo mo mhac?’
Agus bheir mi an stòiridh gu ceann an-ath-sheachdain.
Faclan na Litreach: Poll Iù: Poolewe; dìlleachdan: orphan; ar-a-mach: rebellion; air allaban: wandering; clàrsair: harpist; triùir mhac: three sons.
Abairtean na Litreach: nuair a nochd soitheach mòr san loch: when a large vessel appeared in the loch; dh’inns X a h-eachdraidh don chaiptean:X told her story to the captain; mhothaich X don trusgan sgàrlaid is claidheamh aig a’ ghille:X noticed the lad’s scarlet apparel and sword; bha amharas aige gur e mac rìgh a bh’ ann: he suspected that he was the son of a king; chuir e roimhe an toirt don cheann-cinnidh aige fhèin:he decided to take them to his own clan chief; far an do dh’ionnsaich e mu bheatha nan uaislean:where he learned about the life of the gentry; gum faigheadh e cothrom a ghaisgeachd a dhearbhadh:that he would get an opportunity to prove his heroism; gu bhith a’ cur cath air rìoghachd eile: going to wage war on another kingdom; thugadh a bhean am bruid: his wife was taken hostage; eagal ʼs nach biodh cothrom aice uaireigin dearbhadh gur e mac rìgh a bh’ ann: in case there might be a chance someday to prove that he was the son of a king; gun rìgh agus gun oighre: without a king and without an heir [to the king]; chuir Fionnghal roimhpe a dhol a chèilidh oirre:Flora decided to go to visit her; ann a bhith a’ faighinn a h-àite air ais air a’ chathair rìoghail: in regaining her place on the throne; chuir iad feachd ri chèile: they assembled a military force; ruaig iad sluagh Chailein Mhòir: they routed Big Colin’s host; a’ dol a chur às don cheathrar a bha sin: going to kill those four; mar pheanas airson cath a chur orra gun adhbhar: as a punishment for waging war on them without a reason; thugadh e air beulaibh na banrigh:he was brought in front of the queen; seo do mhac fhèin: this is your own son; an duine agam nach maireann: my deceased husband; cinnteach gur e seo mo mhac: certain that this is my son.
Puing-chànain na Litreach: an t-seann bhanrigh: the old queen. Do you understand why the t- precedes seann here? It is because we are feminising the structure, banrigh being a feminine word. We would say an seann rìgh. It follows the same pattern as if seann were actually a noun starting with ‘s’. For example we say (in the nominative singular) an t-seirbheis (feminine) but an searmon (masculine).
Gnàthas-cainnt na Litreach: cò leis thu?: who [what people] do you belong to?
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Litir do Luchd-ionnsachaidh
This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 591
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn