ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1115: Smeòrach Chlann Raghnaill

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Gaelic Gàidhlig

Bha sinn a’ toirt sùil air ‘Smeòrach Chlann Dòmhnaill’ le Iain MacCodruim. A-nise, tha mi airson sùil a thoirt air dàn eile – ‘Smeòrach Chlann Raghnaill’ le Alasdair mac Mhaighstir Alasdair. Agus tha mi airson a’ cheist a chur – an tug an dàrna fear buaidh air an fhear eile?

Seo an t-sèist ann an Smeòrach Chlann Dòmhnaill:

Hoilibheag hilibheag hó ail il ó,
Hoilibheag hilibheag hó ró i,
Hoilibheag hilibheag hó ail il ó,
Smeòrach le Clann Dòmhnaill mi.

Agus a-nise an t-sèist ann an Smeòrach Chlann Raghnaill:

Hoile bho hì riag hò roll il ò,
Hoile bho hì riag hò rò ì,
Hoile bho hì riag hò roll il ò,
Smeòrach do Chlann Raghnaill mi.

Tha iad coltach ri chèile, nach eil? Co-dhiù, seo a’ chiad rann aig Mac Mhaighstir Alasdair:

Gura mise ’n smeòrach chreagach,
An dèis leum bhàrr cuaich mo nidein;
Sholar bìdh do m’ eunaibh bheaga,
Seinneam ceòl air bàrr gach bidein.

Chan eil a’ chiad rann ach ag ainmeachadh na smeòraich mar eun. Anns an dàrna rann, tha e a’ tighinn am follais gu bheil an t-eun a’ bruidhinn às leth Chlann Dòmhnaill anns na h-eileanan agus air taobh an iar Loch Abar – ’s e sin Clann Raghnaill.

Smèorach mise do Chlann Dòmhnaill,
Dream a dhìtheadh ’s a leònadh,
’S chaidh mo chur an riochd na smeòraich,
Gu bhith seinn ’s a’ cur ri ceòl dhaibh.

Anns a’ cheathramh rann, tha am bàrd gar suidheachadh ann an dùthaich Chlann Raghnaill. Tha an Caisteal Tioram ann am Mùideart agus tha Eilean Fhìanain ann an Loch Seile:

Do shliochd nan eun on Chaisteal Thioram,
’S o Eilean Fhìanain nan gallan,
Moch is feasgar togar m’ iolach,
Seinn gu bileach, milis, mealach.

Tha an dàn a’ moladh Dòmhnallaich Chlann Raghnaill, ach tha e cuideachd a’ dearbhadh taic mhòr do na Seumasaich. Feumar cuimhneachadh gun robh Mac Mhaighstir Alasdair na Sheumasach do a smior. Seo agaibh dà rann a tha a’ foillseachadh taic do dh’adhbhar a’ Phrionnsa:

Ach mur tig mo Rìgh-sa dhachaigh,
Triallaidh mi do dh’uamhaidh shlocaich
’S bidh mi ’n sin a’ caoidh ’s a’ basraich,
Gus am faigh mi bàs le osnaich.

Ach ma thig mo Phrionnsa thairis,
Cuirear mis’ an cliabhan lurach,
Bidh mi canntaireachd gu buileach,
’S ann ’na phailis nì mi fuireach.

Ach ma thig mo Phrionnsa thairis. A bheil sin a’ ciallachadh gun deach an dàn a sgrìobhadh, no co-dhiù a thòiseachadh, ro Bhliadhna a’ Phrionnsa? Tha beachd ann gun deach. Ach cha do nochd e ann an clò gu seachd ceud deug, seachdad ’s a sia (1776), an dèidh bàs an ùghdair – ach trì bliadhna ro bhàs MhicCodruim. Cha robh na dàin aig MacCodruim air an cur an clò gu às dèidh a bhàis fhèin.

Ma-thà, an do nochd Smeòrach Chlann Raghnaill an toiseach, agus an tug e buaidh air MacCodruim? Chan eil fhios a’m. Tha cuid ann an Uibhist dhen bheachd gun do sgrìobh MacCodruim a dhàn fhèin an toiseach, agus gun robh e air a chur ri fonn aig seann òran Uibhisteach mu na ròin – dham buineadh Clann ’ic Codruim fhèin! Agus fàgaidh mi a’ chonnspaid sin far a bheil i!

Faclan na Litreach: Iain MacCodruim: John MacCodrum; Clann Raghnaill: Clanranald; Mùideart: Moidart; Loch Seile: Loch Shiel; canntaireachd: chanting; Bliadhna a’ Phrionnsa: 1745-6.

Abairtean na Litreach: an tug an dàrna fear buaidh air an fhear eile?: did one influence the other?; an dèis leum bhàrr cuaich mo nidein: after jumping out of the hollow of my wee nest; sholar bìdh do m’ eunaibh bheaga: supplying food to my wee chicks; seinneam ceòl air bàrr gach bidein: let me sing on top of every pinnacle; dream a dhìtheadh ’s a leònadh: a people who would perish and afflict; chaidh mo chur an riochd na smeòraich: I was put in the guise of the thrush; gu bhith seinn ’s a’ cur ri ceòl dhaibh: to sing and add to their music; gar suidheachadh ann an dùthaich Chlann Raghnaill: placing us in Clanranald territory; do shliochd nan eun on Chaisteal Thioram: for the descendants of the birds from Caisteal Tioram; o Eilean Fhìanain nan gallan: from Isle Finnan of the heroes; moch is feasgar togar m’ iolach: early and evening my clamour arises, seinn gu bileach, milis, mealach: singing from my beak, sweet and honeylike; taic do dh’adhbhar a’ Phrionnsa: support for the Prince’s cause; triallaidh mi do dh’uamhaidh shlocaich: I shall depart to a pitted hollow; a’ caoidh ’s a’ basraich: lamenting and wringing my hands; gus am faigh mi bàs le osnaich: until I meet a groaning death; ma thig mo Phrionnsa thairis: if my Prince comes over; cuirear mis’ an cliabhan lurach: I’ll be put in a lovely wicker chest; ’s ann ’na phailis nì mi fuireach: it’s in his palace I’ll be staying; air an cur an clò gu às dèidh a bhàis fhèin: put in print until after his own death; na ròin – dham buineadh Clann ’ic Codruim fhèin: the seals – to which the MacCodrums themselves belonged; fàgaidh mi a’ chonnspaid sin far a bheil i: I’ll leave that controversy where it is.

Puing-chànain na Litreach: Feumar cuimhneachadh gun robh X na Sheumasach do a smior: it must be remembered that X was a Jacobite to his core [lit. marrow]. Feumar is an example of a passive verb and is very useful in this type of phrases. Feumar a’ bhileag seo a lìonadh ‘this leaflet/page must be filled out’; feumar aideachadh nach ruigear an ceann-uidhe a-nis ‘it must be admitted that the destination will not now be reached’.

Gnàthas-cainnt na Litreach: tha e a’ tighinn am follais gu bheil an t-eun a’ bruidhinn às leth Chlann Dòmhnaill: it becomes apparent that the bird is speaking on behalf of Clan Donald.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 811

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean