ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

144: Cill Donnain

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Gaelic Gàidhlig

Bha amadan uaireigin aig gach cuid, ceann-cinnidh nan Leòdach agus ceann-cinnidh nan Dòmhnallach agus là a bha seo, thug an dithis cheann-cinnidh geall air cò an t-amadan a bu mhò is a bu mhios’. Dh’òrdaich iad air an dithis dhol sìos don chladach airson maoraich a chruinneachadh. Ach am measg nam maorach, dh’fhàg iad pìos òir.

Cha b’ fhada gus an do lorg na h-amadain an t-òr. “Seall air seo,” thuirt an t-amadan Dòmhnallach ris an amadan eile, “tha òr an seo.”

“Seadh, seadh,” ars’ am fear Leòdach, nach robh airson a dhol faisg air an òr idir, “an là a bhios sinn ri òrach, biomaid ri òrach; ach an là a bhios sinn ri maorach, biomaid ri maorach.” Uill, cò – nur beachd-san – an t-amadan a bu mhò?

Cha chreid mi nach eil sinn a’ diochuimhneachadh uaireannan gu robh àm ann nuair a bha òr air a lorg le Gàidheil, is chan ann dìreach ann an Astràilia is California, ach air a’ Ghàidhealtachd cuideachd. ’S e fear de na h-àiteachan sin Cill Donnain ann an Cataibh far an deach cnap dhen mheatailt a lorg ann an Abhainn Ilidh ann an ochd-deug ’s a h-ochd-deug (1818). Thathar ag ràdh gu robh fàinne air a dhèanamh dheth agus gu bheil am fàinne ann am bith fhathast.

Ach cha do thòisich gnìomhachas òir gu coimearsalta aig an àm sin. Cha do thachair sin airson leth-cheud bliadhna eile nuair a lorg fear a bhuineadh do Chill Donnain, Raibeart GilleChrìost, òr gu leòr anns an abhainn. Bha Raibeart air fàs gu math eòlach air na dòighean anns an tèid òr a lorg nuair a bha e a’ fuireach ann an Astràilia, is ag obair air raointean òir na duthcha, fad seachd bliadhna deug. Nuair a thill e dhachaigh, fhuair e cead bho Dhiùc Chataibh airson coimhead airson òr anns a’ ghrinneal aig grunnd na h-aibhne agus ann an uillt a bha a’ dol a-steach don abhainn.

Cha robh Raibeart ag obair leis fhèin fada. Nuair a sgaoil an naidheachd mun òr, chaidh mòran eile ann, grunn dhiubh a bh’ air a bhith ri obair de a leithid thall thairis. Taobh a-staigh sia mìosan, bha sia ceud duine air a dhol a dh’fhuireach anns an sgìre. Is cha robh e furasta faighinn ga h-ionnsaigh. Bha an rathad-iarainn a’ dol gu ruige Goillspidh, ach b’ fheudar coiseachd às a sin, an deich mìle fichead mu dheireadh a dh’ionnsaigh Chill Donnain.

Anns a’ Ghiblean, ochd-deug, seasgad ’s a naoi (1869), thug Diùc Chataibh siostam cheadan a-steach, a chosg not airson gach mìos airson pìos talmhainn anns an robh ceathrad troighean ceàrnagach de mheudachd. Is bha aig na mèinnearan ri deich às a’ cheud de luach an òir a phàigheadh don Diùc. Mar a thuigeas sibh, bha mòran de na h-òr a’ dol bho dhuine gu duine mar phàigheadh airson biadh is bathair, gun fhiosta don Diùc.

Reic an Diùc timcheall air dà cheud cead gach mìos anns an Ogmhìos agus anns an Iuchar agus, leis na bh’ ann de dhaoine, chaidh dà bhaile a chruthachadh as ùr – Baile an Òir agus Càrn nam Bùth. Tha e coltach nach do rinn mòran fortan às idir, ge-tà, agus nach robh na tuathanaich, no iasgairean nan aibhnichean, uabhasach toilichte agus, às dèidh ghreis, cho-dhùin an Diùc sgur cead a thoirt do mhuinntir an òir. Co-dhiù bha an àireamh dhiubh air a dhol sìos leis gu robh cothrom aig cuid falbh a dh’iasgach an sgadain aig deireadh an t-samhraidh. Agus aig deireadh na Dùbhlachd anns an dearbh bhliadhna anns an do thòisich e, thàinig gnìomhachas an òir ann an Cill Donnain gu crìch.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na Litreach: pìos òir: a piece of gold; Cataibh: Sutherland; Abhainn Ilidh: Helmsdale River; Raibeart GilleChrìost:Robert Gilchrist; raointean òir: goldfields; thall thairis: overseas; siostam cheadan: licensing system; fortan: fortune.

Abairtean na Litreach: bha amadan uaireigin aig gach cuid, ceann-cinnidh nan Leòdach agus ceann-cinnidh nan Dòmhnallach:both the chief of the Macleods and the chief of the MacDonalds once had a fool; thug iad geall air cò an t-amadan a bu mhò: they bet on who was the greater fool; airson maoraich a chruinneachadh: to collect shellfish; cha chreid mi nach eil sinn a’ diochuimhneachadh uaireannan: I think we sometimes forget; cha do thòisich gnìomhachas òir gu coimearsalta aig an àm sin: a commercial gold business did not start at that time; fhuair e cead bho Dhiùc Chataibh airson coimhead airson òr anns a’ ghrinneal aig grunnd na h-aibhne: he got permission (a licence) from the Duke of Sutherland to look for gold in the gravel in the riverbed; cha robh e furasta faighinn ga h-ionnsaigh: it wasn’t easy getting there (sgìre is feminine); airson pìos talmhainn anns an robh ceathrad troighean ceàrnagach de mheudachd:for a piece of land measuring forty square feet; bha aig mèinnearan ri deich às a’ cheud de luach an òir a phàigheadh don Diùc: miners had to pay ten percent of the value of the gold to the Duke; bha an àireamh dhiubh air a dhol sìos: their number had decreased; leis gu robh cothrom aig cuid falbh a dh’iasgach an sgadain: some had the opportunity to leave to fish the herring; aig deireadh na Dùbhlachd anns an dearbh bhliadhna: at the end of December in the same year; thàinig X gu crìch: X came to an end.

Puing-ghràmair na Litreach: Bha an rathad-iarainn a’ dol gu ruige Goillspidh, ach b’ fheudar coiseachd às a sin, an deich mìle fichead mu dheireadh a dh’ionnsaigh Chill Donnain: the railway went as far as Golspie but walking was necessary from there, the last 30 miles to Kildonan. The grammatical point this week is a simple one – that the seemingly complex preposition gu ruige (up to, as far as) does not behave as one; in fact, it commands a noun in the nominative case, not in the genitive as is the case with most compound prepositions. So we say tha mi a’ dol gu ruige an t-Òban, not gu ruige an Òbain, gu ruige Sasainn, not gu ruige Shasainn and gu ruig’ an Fhraing,not gu ruige na Frainge. So Goillspidh in the above example is unlenited. On the other hand, a dh’ionnsaigh (towards, up to) does take the genitive so we would say a dh’ionnsaigh Shasainn, a dh’ionnsaigh na Frainge and a dh’ionnsaigh an Òbain.

Seanfhacal na Litreach: an là a bhios sinn ri òrach, biomaid ri òrach; ach an là a bhios sinn ri maorach, biomaid ri maorach: when we are after gold, let us be after gold; but when we are after shellfish, le us be after shellfish. But is it sensible only to deal with the task in hand if something more important arises?

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean