ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

866: Mac Gille Mhaoil na Cruit (1)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Gaelic Gàidhlig

Faisg air an t-seann chladh ann an Geàrrloch, tha lag ann a tha nise mar phàirt de raon-goilf. Uaireigin bhiodh na ceudan a’ cruinneachadh ann airson seirbheisean eaglaise. Bha sin aig àm a’ chomanachaidh nuair a bha cus dhaoine ann airson a dhol am broinn na h-eaglaise fhèin. Ach tha ainm annasach air an lag, a bhuineas do linn nas sine na sin. ’S e an t-ainm – Leabaidh na Bà Bàine. Thathar ag ràdh gur e Fionn MacCumhail fhèin a rinn an lag gus gum biodh àite-breith aig a’ bhoin bhàin aige. Leabaidh na Bà Bàine.

Bha muinntir na sgìre ag innse sgeulachdan na Fèinne airson ceudan bhliadhnaichean. Agus seo agaibh seann stòiridh à Geàrrloch – Mac Gille Mhaoil na Cruit. Tha ‘cruit’ an seo a’ ciallachadh nàdar de chlàrsach a bhathar a’ cluich o chionn fhada.

Bha fear a bha seo a’ fuireach ann an Inbhir Àsdail air cladach Locha Iù. Bha e na Dhòmhnallach ach bha e beò ri linn nan ciad uachdaran aig Chloinn ’ic Coinnich ann an Geàrrloch. Bha sin timcheall an t-siathamh linn deug. Bha an Dòmhnallach seo cianail fhèin measail air sgeulachdan na Fèinne.

Oidhche gheamhraidh a bha seo, bha e na shuidhe làimh ris an teine nuair a thàinig duine bochd don taigh aige. Dh’fheòraich e am faigheadh e cead fuireach airson na h-oidhche. Thuirt an Dòmhnallach gum faigheadh. Cho luath ’s a shuidh an coigreach sìos, chuir an Dòmhnallach ceist air – ‘A bheil dad agad air an Fhèinn?’ Thuirt an coigreach gun robh agus thòisich e air sgeulachdan innse nach cuala am fear eile riamh roimhe.

Mus deach an aithris ro fhada, dh’fheòraich fear an taighe gu dè an t-ainm a bh’ air an fhear eile.

‘Mac Gille Mhaoil na Cruit,’ thuirt an coigreach. Dh’inns an dithis stòiridhean na Fèinne do chèile fad na h-oidhche. Cha robh fear seach fear dhiubh air taobh a-staigh na leapa fhaicinn nuair a dh’èirich a’ ghrian.

Dh’fhuirich Mac Gille Mhaoil fad a’ gheamhraidh còmhla ris an Dòmhnallach. Dh’aithris e sgeulachd ùr mun Fhèinn a h-uile oidhche. Thàinig an t-Earrach agus obair an treabhaidh. Nuair a bha e ris an treabhadh, aig ceann gach sgrìob, bha sgeul ùr aig Mac Gille Mhaoil mun Fhèinn. Gach turas a chuala an Dòmhnallach a leithid de stòiridh, chanadh e, ‘Is truagh nach robh mi beò ri linn na Fèinne; ’s mi a dh’fhàgadh gach nì agus a leanadh iad.’

Bhiodh an Dòmhnallach ag obair fad an latha agus bhiodh e claoidhte air an oidhche. Mar sin, ’s e Mac Gille Mhaoil a bhiodh a’ saodachadh nan each chun a’ mhonaidh gach feasgar. Bha e a’ dol leotha cho fada ri Feadan Mòr Locha Dring – àite a bha ainmeil airson ghnothaichean os-nàdarrach agus mar àite-còmhnaidh na Fèinne.

Gach dàrnacha oidhche, bhiodh Mac Gille Mhaoil a’ fuireach cuide ris na h-eich fad na h-oidhche mus tilleadh e dhachaigh. Agus air an latha a thilleadh e, bhiodh sgeul ùr aige mun Fhèinn. Chanadh an Dòmhnallach mar a bu dual dha, ‘Is truagh nach robh mi beò ri linn na Fèinne; ’s mi a dh’fhàgadh gach nì agus a leanadh iad.’

Mu dheireadh, thuirt Mac Gille Mhaoil ris, nan tigeadh an Dòmhnallach còmhla ris, gum faigheadh e sealladh air an Fhèinn. Agus chì sinn dè thachair an-ath-sheachdain.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na Litreach: lag: hollow; raon-goilf: golf course; Leabaidh na Bà Bàine: the bed of the white cow; coigreach: stranger; claoidhte: exhausted.

Abairtean na Litreach : Faisg air an t-seann chladh ann an Geàrrloch: near the old burial ground in Gairloch; uaireigin bhiodh na ceudan a’ cruinneachadh ann:at one time hundreds would gather there; àm a’ chomanachaidh: communion time; a bhuineas do linn nas sine:which belongs to an older time; ag innse sgeulachdan na Fèinne: telling Fingalian legends; Mac Gille Mhaoil na Cruit: MacMillan the Harpist; Inbhir Àsdail air cladach Locha Iù: Inverasdale on the shore of Loch Ewe; beò ri linn nan ciad uachdaran aig Chloinn ’ic Coinnich: living at the time of the first Mackenzie lairds; cianail fhèin measail air: extremely keen on; oidhche gheamhraidh a bha seo: one winter’s night; dh’fheòraich e am faigheadh e cead fuireach: he asked if he might stay; a bheil dad agad air an Fhèinn?: do you know any Fingalian stories?; nach cuala am fear eile riamh roimhe: that the other man had never heard; cha robh fear seach fear dhiubh air taobh a-staigh na leapa fhaicinn nuair a dh’èirich a’ ghrian: neither had seen the inside of a bed when the sun rose; nuair a bha e ris an treabhadh: when he was ploughing; aig ceann gach sgrìob: at the end of every furrow; is truagh nach robh mi beò ri linn na Fèinne:it’s a pity I wasn’t alive in the days of the Fingalians; ’s mi a dh’fhàgadh gach nì agus a leanadh iad:it’s myself that would leave everything [to] follow them; Feadan Mòr Locha Dring:the big runnel near Loch Dring [given as Loch an Draing on OS maps]; airson ghnothaichean os-nàdarrach agus mar àite-còmhnaidh na Fèinne:for supernatural things and as a dwelling place of the Fingalians; gach dàrnacha oidhche: every second night; mar a bu dual dha: as was his wont; gum faigheadh e sealladh air: that he would get to see.

Puing-chànain na Litreach: gum biodh àite-breith aig a’ bhoin bhàin aige: that his white cow would have a birthing-place. This inflected form of might seem a bit old-fashioned to many today, but you’ll still hear it used on Skye and Uist. It is the dative singular form. Because feminine nouns traditionally slenderise in the dative singular, so the adjective also slenderises. It also lenites like the noun, so we get ‘ bhoin’.

Gnàthas-cainnt na Litreach: a bhiodh a’ saodachadh nan each chun a’ mhonaidh: who would drive the horses to the hill.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 562

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean