menushow menuhide
GàidhligEnglish
facebook icon twitter icon email icon

Letter to Gaelic Learners Litir do Luchd-ionnsachaidh

Ruairidh MacIlleathain A series of letters to support Gaelic learners. This will help learners who already have some knowledge and understanding of Gaelic and are looking to develop their language skills. Sound files, text, vocabulary and language notes are also available. Sreath de litrichean a bheir taic do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig. Bidh iad seo cuideachail do luchd-ionnsachaidh le beagan tuigs air a’ Ghàidhlig agus a tha a’ coimhead airson dòigh air na sgilean cànain aca a leasachadh. Tha faidhle fuaim, teacsa, briathrachas agus puingean cànain rim faighinn cuideachd.

History Eachdraidh

Search Lorg

Gàidhlig aig Murrayfield (1) (Litir 1002)

Cò am fear mu dheireadh, aig an robh Gàidhlig, a riochdaich Alba ann an gèam rugbaidh eadar-nàiseanta? Agus cò am fear mu dheireadh, aig an robh Gàidhlig, ach nach robh a’ riochdachadh Alba, a chluich aig Murrayfield ann an gèam eadar-nàiseanta? Leis an fhìrinn innse, chan eil mi buileach cinnteach. Ma tha fuasglaidhean nan ceist sin agaibh fhèin, bu mhath leam cluinntinn bhuaibh.

Ach tha adhbhar agam airson na ceistean sin a chur. Tha mi airson innse dhuibh mu dhithis – aig an robh Gàidhlig, ach a bha an aghaidh a chèile air a’ phàirc – a chluich aig Murrayfield a’ chiad turas a thug Alba a-mach an t-sàr-bhuaidh no grand slam. Sin nuair a nì aon dùthaich an gnothach air a h-uile dùthaich eile san fharpais. Thachair e sa bhliadhna naoi ceud deug, fichead ʼs a còig (1925).

Bha an seusan sin gu math mòr ann an eachdraidh rugbaidh ann an Alba. Dh’atharraich a’ bhuidheann-stiùiridh a h-ainm bho Scottish Football Union gu Scottish Rugby Union. Tron t-seusan, ghluais iad na geamannan eadar-nàiseanta aca gu stadium ur – Murrayfield.

Ach ghabh a’ chiad ghèam de dh’Fharpais nan Còig Dùthchannan àite anns an Fhaoilleach air an t-seann phàirc ann an Inbhir Lìte. Rinn Alba a’ chùis air an Fhraing. Thachair rudeigin annasach letheach-slighe tron ghèam sin. Bha leth-dhubhadh na grèine ann. ʼS dòcha gun robh sin na mhanadh de shoirbheas ...!

Bha sgioba mhath aig na h-Albannaich, gu h-àraidh am measg nan dìonadairean. Bha Seòras Mac a’ Phearsain air leth làidir. Bha, agus Iain Mac a’ Ghobhainn, a bha a’ cluich air an iomaill. Bha Mac a’ Phearsain agus Mac a’ Ghobhainn le chèile a’ cluich airson Oilthigh Oxford. Agus chuir Mac a’ Ghobhainn ceithir scòraichean an aghaidh nam Frangach.

Chuir e ceithir scòraichean a-rithist anns an dàrna gèam an aghaidh na Cuimrigh ann an Swansea. Bhuannaich Alba fichead ʼs a ceithir gu ceithir-deug. Anns an treas gèam ann am Baile Atha Cliath, rinn Alba a’ chùis air Èirinn. An uair sin thàinig na Sasannaich a Mhurrayfield air an aonamh latha fichead dhen Mhàrt airson a’ ghèam mu dheireadh air beulaibh seachdad mìle duine. Agus bha cothrom aig Alba an t-sàr-bhuaidh a thoirt a-mach airson a’ chiad turais riamh.

Bha an latha tioram is grianach, agus bha an gèam air leth teann. Bhuannaich Alba le trì puingean – ceithir-deug gu h-aon-deug. Ach bha na Sasannaich dhen bheachd gun robh Iain Mac a’ Ghobhainn air a chas a chur thar na loidhne-oisein leis a’ bhall na làimh goirid mus do chuir Alba an scòr mu dheireadh. Ge-tà, cha robh rèitire-bhidio ann airson dàrna beachd a thoirt air a’ chùis an uair sin!

Bha co-dhiù dithis air a’ phàirc air an latha ainmeil sin aig an robh Gàidhlig. Bha Iain Mac Ille na Brataich cliùiteach mar chluicheadair airson sgioba na h-Alba. Rugadh e ann an Glaschu ach bhuineadh athair do dh’Uibhist a Deas. Agus bha Gàidhlig aig Iain.

Anns an sgioba eile, bha fear Ruairidh MacIllInnein – Roderick Ross Forrest MacLennan. Ged a bha e a’ cluich airson Sasainn, rugadh esan cuideachd ann an Glaschu. Agus bha Gàidhlig aige.

An robh an dithis a’ bruidhinn ri chèile air a’ phàirc ann an Gàidhlig? Chan urrainn dhomh a ràdh. Ach bha an dèidh a’ ghèam, a rèir choltais. Innsidh mi dhuibh mu dheidhinn an-ath-sheachdain.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na Litreach: a riochdaich: who represented; rugbaidh: rugby; eadar-nàiseanta: international; adhbhar: reason; a’ bhuidheann-stiùiridh: the governing body; Inbhir Lìte:Inverleith; dìonadairean: (half)backs; Baile Atha Cliath:Dublin; teann: tight; Iain Mac Ille na Brataich: John Bannerman.

Abairtean na Litreach: ach nach robh a’ riochdachadh Alba: but who wasn’t representing Scotland; leis an fhìrinn innse, chan eil mi buileach cinnteach: to tell you the truth, I’m not entirely sure; a’ chiad turas a thug Alba a-mach an t-sàr-bhuaidh: the first time Scotland won the grand slam; nuair a nì aon dùthaich an gnothach air a h-uile dùthaich eile: when one country defeats all the other countries; thachair rudeigin annasach letheach-slighe tron ghèam sin: something unusual happened halfway through that game; bha leth-dhubhadh na grèine ann: there was a partial eclipse of the sun; ʼs dòcha gun robh sin na mhanadh de shoirbheas: perhaps that was an omen of success; a’ cluich air an iomaill: playing on the wing; chuir Mac a’ Ghobhainn ceithir scòraichean an aghaidh nam Frangach: Smith scored four tries against the French; an aghaidh na Cuimrigh: against Wales; rinn Alba a’ chùis air Èirinn:Scotland defeated Ireland; air an aonamh latha fichead dhen Mhàrt: on 21 March; airson a’ ghèam mu dheireadh air beulaibh seachdad mìle duine: for the final game in front of seventy thousand people; gun robh Iain Mac a’ Ghobhainn air a chas a chur thar na loidhne-oisein: that Ian Smith had put his foot over the touchline; cha robh rèitire-bhidio ann airson dàrna beachd a thoirt air a’ chùis: there was no video referee to give a second opinion on the matter; chan urrainn dhomh a ràdh: I cannot say.

Puing-chànain na Litreach: Ma tha fuasglaidhean nan ceist sin agaibh fhèin: if you yourself have the solutions to [‘of’] those questions. If you look at the word ceist in the modern context, you would expect its definite genitive plural form to be nan ceistean , with a broad ending (the same as the nominative plural). However it follows an older model in which the genitive plural has the same form as the nominative singular, despite having a slender ending. The reason it retains this more ‘fossilised’ model is because of its use in religious matters as the Gaelic for ‘catechism’. The Shorter Catechism is Leabhar Aithghearr nan Ceist. And the Gaelic for quiz is farpais-cheist not farpais-cheistean.

Gnathas-cainnt na Litreach: Bha, agus Iain Mac a’ Ghobhainn : so was Ian Smith.

Download the text of this week's letter as a PDF: Thoir a-nuas Litir mar PDF: Adobe PDF of this letter

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

An Litir Bheag

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 698

Podcast

BBC offers this litir as a podcast – visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other Letters Litrichean eile

data loading indicator

Àireamh / Number

Facal / Word