ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1075: Clach an Fhithich (3)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag aithris na sgeulachd Clach an Fhithich. Dh’inns athair Iain Bhàin dha mu dhraoidheachd na cloiche. Lorg iad nead fithich air creag. Ghoid iad na h-uighean bhon nead. Rinn iad teine le fraoch tioram, agus ghoil iad na h-uighean. Dh’fhuirich iad ann an sealladh an nid fad an t-siubhail. Thill na fithich. Bha fios aca gun robh na h-uighean millte, agus dh’fhalbh iad a-rithist.

An dèidh trì latha, thill na fithich. Bha clach bheag – èiteag – aig a’ choileach. Shuath e na h-uighean leis a’ chloich. Nuair a bha iad a-mach às an nead a-rithist, chaidh Iain ann. Thog e a’ chlach agus thug e leis i. Nuair a bha e air ais air talamh rèidh, dh’fheuch e draoidheachd na cloiche. Chuir e na bheul i, agus chaidh e à fianais. Bha e do-fhaicsinneach. Nuair a chuir e a’ chlach na phòcaid bha e faicsinneach a-rithist.

Bha fios aig dìreach ceathrar gun robh Clach an Fhithich aig Iain. B’ iad sin Iain, athair, a phiuthar, Màiri, agus a bhràthair-chèile, Calum. Dh’aontaich iad an gnothach a chumail dìomhair oir bha a’ chlach cho cumhachdach. ‘Bhiodh e math a’ chlach a bhith aig duine air blàr-catha,’ thuirt Iain. ‘Dh’fhaodadh e sgrios a dhèanamh air a nàimhdean, agus cha bhiodh fios aca gun robh e ann.’

‘Ist,’ thuirt athair. ‘Chan fhaodar a’ chlach a chur gu feum le droch rùn. ʼS ann airson deagh rudan a-mhàin a dh’fheumas tu a cur gu feum. Am fear a chleachdas i airson droch-dhìol no ainneart, bidh e a’ fulang gu dubh.’

Dh’fhalbh Iain a-null a Dhùn Neachdain agus chuir e Clach an Fhithich na bheul. Chan fhaca duine e nuair a chaidh e a-steach a dh’ubhal-ghort ri taobh a’ chaisteil. Chunnaic Iain Eilidh agus a h-antaidh, a’ Bhean-uasal Nic an Tòisich. Bha dà chù mhòr aca. Bha na coin a’ gabhail dragh oir bha iad a’ faighinn fàileadh de shrainnsear. Ach bha Iain do-fhaicsinneach.

Mu dheireadh, dh’fhalbh a’ Bhean-uasal a-steach leis na coin. Bha Eilidh leatha fhèin. Chaidh Iain air cùl craoibhe, agus chuir e a’ chlach air ais na phòcaid. Sheas e a-mach bhon chraoibh agus ghabh Eilidh iongnadh. Cha robh fios aice gun robh e air a bhith do-fhaicsinneach mionaid roimhe. ‘Iain, a ghràidh!’ thuirt i. ‘Dè fon ghrèin?!’ Bha i cho sona ris an rìgh a leannan fhaicinn.

‘Tha m’ athair air dearbhadh gun dìon e thu ma thig thu a dh’fhuireach againn,’ thuirt Iain. Bha Eilidh gu math mì-thoilichte ann an Dùn Neachdain, agus dh’aontaich i teicheadh còmhla ri Iain. Chaidh iad tarsainn na h-aibhne aig an àth, agus ràinig iad Baile na Creige aig àm dol-fodha na grèine.

Bha dragh air a h-uile duine an sin nach robh an gobha, Donnchadh na Dà Òrdaig, air tilleadh dhachaigh an dèidh dha a bhith ann an Dùn Neachdain. ‘Dè thachair dha?’ dh’fhaighnich iad.

‘Chaidh a mhurt,’ thuirt Eilidh.

‘Carson?’ dh’fhaighnich athair Iain.

‘Chaidh a lorg, agus e a’ lìbhrigeadh litir dhomh bho Iain,’ thuirt Eilidh.

‘Tha sin uabhasach,’ ars am bodach. ‘Pàighidh a’ Bhean-uasal Nic an Tòisich airson sin.’

‘Chan e m’ antaidh a dh’òrdaich a bhàs,’ thuirt Eilidh, ‘ach am freiceadan. Ach, innsidh mi seo dhuibh – chan fhada gus an nochd i fhèin is feachd armaichte an seo airson mo thoirt dhachaigh.’

Agus bheir mi an stòiridh gu crìch an-ath-sheachdain.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na Litreach: Clach an Fhithich: The Raven’s Stone; nead fithich:a raven’s nest; ghoil: boiled; èiteag: small white pebble; do-fhaicsinneach: invisible; blàr-catha: battlefield; Donnchadh na Dà Òrdaig:Duncan of the Two Thumbs; freiceadan: watchman, sentry.

Abairtean na Litreach: : Dh’inns athair Iain Bhàin dha mu dhraoidheachd na cloiche: Fair John’s father told him about the stone’s magic; ghoid iad na h-uighean: they stole the eggs; dh’fhuirich iad ann an sealladh an nid fad an t-siubhail: they remained in view of the nest the whole time; shuath e na h-uighean leis a’ chloich: it rubbed the eggs with the stone; nuair a bha e air ais air talamh rèidh, dh’fheuch e draoidheachd na cloiche: when he was back on level land, he tried out the stone’s magic; chaidh e à fianais: he disappeared; dh’aontaich iad an gnothach a chumail dìomhair: they agreed to keep the matter secret; oir bha a’ chlach cho cumhachdach: because the stone was so powerful; dh’fhaodadh e sgrios a dhèanamh air a nàimhdean, agus cha bhiodh fios aca gun robh e ann: he could do damage to his enemies, and they wouldn’t know he was there; am fear a chleachdas i airson droch-dhìol no ainneart, bidh e a’ fulang gu dubh: the man who uses it for abuse or violence, he’ll suffer badly; dh’fhalbh Iain a-null a Dhùn Neachdain: John went over to Dunachton; nuair a chaidh e a-steach a dh’ubhal-ghort ri taobh a’ chaisteil: when he entered an orchard next to the castle; bha na coin a’ gabhail dragh oir bha iad a’ faighinn fàileadh de shrainnsear: the dogs were upset because they were getting the smell of a stranger; air cùl craoibhe: behind a tree; cha robh fios aice gun robh e air a bhith do-fhaicsinneach mionaid roimhe: she didn’t know that he had been invisible a minute before; tha m’ athair air dearbhadh gun dìon e thu ma thig thu a dh’fhuireach againn: my father has certified that he will protect you if you come to stay with us; a’ lìbhrigeadh litir dhomh: delivering me a letter; chan e m’ antaidh a dh’òrdaich a bhàs: it isn’t my aunt that ordered his death.

Puing-chànain na Litreach: Chan fhaodar a’ chlach a chur gu feum le droch rùn: the stone must not be used with evil intent. Chan fhaodar (or the positive faodar ) is an example of a future passive verbal form. Chan fhaodar smocadh ann an taighean-seinnse ann an Alba ‘smoking is not permitted in pubs in Scotland’.

Gnàthas-cainnt na Litreach: Bha i cho sona ris an rìgh a leannan fhaicinn: she was as happy as the king to see her sweetheart.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 771

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean