FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1155: Cùis-eagail Phàra Mhòir

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Gaelic Gàidhlig

Bu mhath leam sgeulachd Ghàidhlig à Siorrachd Pheairt innse dhuibh. ’S e an t-ainm a th’ oirre Cùis-eagail Phàra Mhòir. Tha Pàra a’ seasamh airson Pàraig no Pàdraig. Tha an sgeulachd stèidhichte air taobh a deas Loch Tatha, timcheall baile ris an canar Àird Eònaig.

Bha ceàrdach ann an Àird Eònaig agus bhiodh na fir a’ cruinneachadh an sin gu tric air an oidhche. Bhiodh iad ag innse naidheachdan do chàch a chèile. Bhiodh iad ag innse sgeulachdan cuideachd – mu dheidhinn taibhsean, sìthichean, ùruisgean is buidsichean.

Bha gobha Àird Eònaig na dhuine tuigseach, còir is foighidneach. Ach cha robh foighidinn gu leòr aige nuair a thigeadh e gu Pàra Mòr. Bhiodh Pàra anns a’ cheàrdaich uabhasach tric. Agus bhiodh e a’ fuireach ann gus am biodh an doras air a dhùnadh aig deireadh na h-oidhche. Cha robh e cho diofar dè cho anmoch ’s a bha e.

Feasgar a bha seo, thàinig figheadair òg don cheàrdaich. Ann an Siorrachd Pheairt canaidh iad figheadair airson breabadair. Bha slabhraidh bhriste aig an fhighdeadair agus bha e ag iarraidh air a’ ghobha a càradh.

Nochd Pàra Mòr cuideachd – mar a bu dual dha. Thug an gobha am figheadair gu aon taobh. ‘Bidh mi fada nad chomain ma chuireas tu eagal air an lunndair mhòr sin,’ thuirt an gobha. ‘Tha mi air mo shàrachadh leis, agus e na shuidhe an sin ri glagaireachd gun bhrìgh.’

‘Is bargan e,’ thuirt am figheadair òg. Mu bheul na h-oidhche, nuair a bha an t-slabhraidh càraichte, ghabh am figheadair an rathad dhachaigh. Air an rathad bha craobh-dharaich. Shreap am figheadair suas agus shuidh e air meur làidir.

Chaidh Pàra Mòr a chur a-mach às a’ cheàrdaich aig deireadh na h-oidhche. Bha an oidhche dorch, agus bha Pàra air a bhith a’ cluinntinn naidheachdan gu leòr mu shìthichean, taibhsean is a leithid. Bha e fo iomagain a’ coiseachd dhachaigh. Ràinig e a’ chraobh-dharaich.

Bha am figheadair òg air a’ mheur os cionn Phàra Mhòir. Leig e an t-slabhraidh air an rathad. Rinn i gleadhraich oillteil. Chuala Pàra guth os a chionn. ‘Is mise an Diabhal. Is fhad’ on a bha mi an tòir ort, ach bidh thu agam a-nochd!’ Cha mhòr nach deach Pàra à cochall a chridhe leis an eagal!

Ruith e cho luath ri fiadh gus an do ràinig e taigh. Leum e a-steach air an doras agus thuit e an comhair a chinn na phaisean air an làr. Rè ùine is gann a bha plosg ann am Pàra Mòr.

Chaidh fear is bean an taighe an ath dhoras airson comhairle fhaighinn bhon t-seann fhigheadair agus a bhean a bha a’ fuireach an sin. B’ esan athair an fhigheadair òig. Bha am figheadair òg a’ fuireach còmhla ri a phàrantan.

Dh’fhàs màthair a’ ghille òig amharasach mu dheidhinn. Chaidh i don t-seòmar aige airson faicinn an robh e ann. Bha e a rèir choltais na chadal ro throm, agus srann aige a chuireadh na h-eich ris a’ mhonadh!

Agus Pàra Mòr? Uill, cha do dh’fhuirich esan anns a’ cheàrdaich seachad air beul na h-oidhche a-chaoidh tuilleadh. Mar sin, fhuair gobha Àird Eònaig a mhiann. Agus tha mi cinnteach nach robh am figheadair òg air a dhìochuimhneachadh leis.

Faclan na Litreach: Siorrachd Pheairt: Perthshire; Cùis-eagail Phàra Mhòir: the instance of Para Mòr’s fear; Àird Eònaig: Ardeonaig; ceàrdach: smiddy; taibhsean, sìthichean, ùruisgean is buidsichean; ghosts, fairies, urisks and wizards; craobh-dharaich: oak tree; meur: branch; fo iomagain: anxious; gleadhraich oillteil: horrible rattling.

Abairtean na Litreach: bhiodh na fir a’ cruinneachadh an sin gu tric air an oidhche: the men would often be collecting there at night; ag innse naidheachdan do chàch a chèile: telling each other anecdotes; bha gobha Àird Eònaig na dhuine tuigseach, còir is foighidneach: the smith of Ardeonaig was an understanding, generous and patient man; bhiodh e a’ fuireach ann gus am biodh an doras air a dhùnadh aig deireadh na h-oidhche: he would remain there until the door was closed at the end of the night; cha robh e cho diofar dè cho anmoch ’s a bha e: it didn’t matter how late it was; bha slabhraidh bhriste aig an fhighdeadair agus bha e ag iarraidh air a’ ghobha a càradh: the weaver had a broken chain and he was wanting the smith to repair it; mar a bu dual dha: as was his wont; thug an gobha am figheadair gu aon taobh: the smith took the weaver to one side; bidh mi fada nad chomain ma chuireas tu eagal air an lunndair mhòr sin: I’ll be much obliged to you if give that sluggard a scare; tha mi air mo shàrachadh leis: I’m tormented by him; agus e na shuidhe an sin ri glagaireachd gun bhrìgh: with him sitting and talking rubbish; is bargan e: it’s a bargain; mu bheul na h-oidhche, ghabh am figheadair an rathad dhachaigh: around nightfall, the weaver took the road home; is fhad’ on a bha mi an tòir ort: I’ve been chasing you a long time; is gann a bha plosg ann an X: X had hardly a heartbeat; srann a chuireadh na h-eich ris a’ mhonadh: a snore that would send the horses to the hills.

Puing-chànain na Litreach: thuit e an comhair a chinn na phaisean air an làr: he fell headfirst in a swoon on the floor. An comhair means ‘in the direction of’and commands a noun in the genitive, often with a possessive article – thus an comhair a bheòil means ‘face first’ [literally ‘in the direction of his mouth’]. An comhair a beòil would be the feminine equivalent. If Pàra Mòr had fallen backwards, I would have said thuit e an comhair a chùil.

Gnàthas-cainnt na Litreach: Cha mhòr nach deach Pàra à cochall a chridhe leis an eagal: Para almost jumped out of his skin with fright [lit. out of his pericardium].

Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 851

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean