253: Loch ma Nàire
Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.
Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Loch ma Nàire
Bha mi ag innse dhuibh an t-seachdain sa chaidh mu thachartas annasach ann am Baile Dhubhthaich anns an naoidheamh linn deug, anns an do rinn boireannaich leigheas air fear a bha tinn, agus iad dhen bheachd gun do ghabh cuideigin sùil air – ’s e sin an droch-shùil. Agus chleachd iad èiteag, no clach bheag gheal, ann an uisge mar phàirt dhen leigheas.
Uill, gu tuath air Baile Dubhthaich, ann an Srath Nabhair ann an Dùthaich MhicAoidh, tha loch ann air a bheil Loch ma Nàire. ’S ann mar sin a tha e air na mapaichean – Loch ma Nàire, ged a tha cuid dhen bheachd gur e Loch mo Nàire a bu chòir a bhith ann. Tha sgoilearan air ceangal a dhèanamh eadar an t-ainm agus ban-dia phàganach. Is dòcha gun tàinig ainm na h-aibhne – Nabhar – bhon bhan-dia seo, oir tha e gu math sean. Bha e air map Ptolemy mar Naberus.
Co-dhiù, cha do chuir sgoilearachd stad a-riamh air a’ mhòr-shluagh bho bhith a’ cruthachadh beul-aithris (a dh’fhaodadh a bhith breugach) mu ainm àite, agus tha stòiridh ann mu dheidhinn an locha seo.
Bha cailleach ann o shean aig robh clach gheal dhraoidheil. Bha i gu math bochd ach a-mhàin gu robh a’ chlach seo aice. Leis a’ chloich, bha i comasach air cobhair a dhèanamh air daoine a bha tinn. Chuireadh i a’ chlach ann an uisge agus dh’òladh na h-euslaintich an t-uisge.
Là a bha seo chaidh an seann bhoireannach gu ruige bàillidh na h-oighreachd, Sir Raibeart Gòrdan, agus i a’ sireadh fàbhar. ’S e duine cruaidh a bh’ anns a’ Ghòrdanach, agus dhiùlt e an t-iarrtas aice. Gu dearbh, dh’fhàs e feargach agus chuir e às leth na caillich gu robh i na bana-bhuidseach.
Na bu mhiosa na sin, dh’iarr e oirre a’ chlach aice a thoirt dha. Dhiùlt i sin a-muigh no mach, agus rinn i a-mach às an taigh na deann. Bha an caothach air a’ Ghòrdanach, a rèir choltais, agus lean e oirre a-mach às an taigh mhòr. Ghlac e i air bruach an loch’ a bha seo.
Co-dhiù, mus d’ fhuair an Gòrdanach cothrom greim fhaighinn air a’ chloich dhraoidheil, thilg a’ chailleach don loch i, agus i a’ toirt mallachd air na Gòrdanaich gu lèir. Nise, tha mi air dà chunntas eadar-dhealaichte a leughadh mu na thachair às dèidh sin. A rèir aona chunntais, mhuirt am bàillidh a’ chailleach le bhith a’ tilgeil chlachan mòra oirre, agus i anns an loch. Anns a’ chunntas eile, chan eil guth air murt. Ach tha iad le chèile ag aontachadh gun do dh’èigh i, “Mo nàire, mo nàire!”, agus gur e sin as coireach gur e Loch mo Nàire a th’ air an loch mar ainm an-diugh.
Co-dhiù tha sin fìor gus nach eil, dh’fhàs an loch ainmeil air feadh a’ chinn a tuath, oir bhathar a’ creidsinn gun do chuir a’ chlach an t-uisge fo dheagh gheasaibh. Thigeadh daoine bho cho fad’ air falbh ri Inbhir Nis is Arcaibh airson ionnlaid a dhèanamh anns an loch, agus is iomadh duine a bha dhen bheachd gun d’ fhuair e leigheas ann.
Agus tha e gu math iomchaidh gu bheil mi ag aithris air seo an-diugh oir air dà là anns a’ bhliadhna, bha an leigheas gu sònraichte èifeachdach. B’ e sin a’ chiad Dhiluain anns an Lùnastal agus a-màireach – a’ chiad là dhen Chèitean no mar a chanas na Gaidheil Là Buidhe Bealltainn. Chan eil mi ag ràdh nach nochd duine air choreigin a-màireach air bruach Loch mo Nàire, agus e a’ sireadh deagh shlàinte anns a’ bhliadhna romhainn.
Faclan na Litreach: èiteag: white pebble; Srath Nabhair: Strathnaver; ban-dia phàganach: a pagan goddess; draoidheil: magic (adj.); ghlac e: he caught; Inbhir Nis: Inverness; Arcaibh: Orkney; ionnlaid: washing, cleansing; iomchaidh: fitting; èifeachdach: effective.
Abairtean na Litreach: mu thachartas annasach ann am Baile Dhubhthaich: about an unusual happening in Tain; anns an do rinn boireannaich leigheas air X: in which [some] women cured X; gun do ghabh cuideigin sùil air: that somebody gave him the evil eye; cha do chuir sgoilearachd stad a-riamh air X: scholarship has never stopped X; beul-aithris (a dh’fhaodadh a bhith breugach): oral tradition (which might be untruthful); ach a-mhàin gu robh a’ chlach aice: except that she had the stone; bha i comasach air cobhair a dhèanamh: she was able to help; gu ruige bàillidh na h-oighreachd: to the estate factor; a’ sireadh fàbhar: seeking a favour; dhiùlt i sin a-muigh no mach: she absolutely refused that; rinn i a-mach às an taigh na deann: she left the house in a hurry; bha an caothach air X: X was very angry: a’ toirt mallachd air na Gòrdanaich gu lèir: cursing all the Gordons; chan eil guth air murt: there is no mention of murder; mo nàire!: shame!; co-dhiù tha sin fìor gus nach eil: whether that is true or not; fo dheagh gheasaibh: under a benevolent spell; nach nochd duine air choreigin a-màireach: that somebody or other won’t appear tomorrow.
Puing-ghràmair na Litreach: dh’òladh na h-euslaintich an t-uisge: the patients would drink the water. Do you know the difference between this and òladh na h-euslaintich an t-uisge? The latter is an imperative and would mean “let the patients drink the water”. The diagnostic difference is the presence of the dh’ at the beginning of the first form, which is the independent form of the conditional/past habitual, although there may be other clues in the sentence that tell you which verbal form is meant. Other examples are abradh iad na thogras iad (let them say what they want – imperative) and dh’abradh iad na thogradh iad (they would say what they wanted – conditional/past habitual); and itheadh iad a h-uile nì (let them eat everything – imperative) and dh’itheadh iad a h-uile nì (they would eat everything – conditional/past habitual).
Gnàthas-cainnt na Litreach: chuir e às leth na caillich gu robh i na bana-bhuidseach: he claimed that the old woman was a witch. Chuir X às leth Y (genitive) gu robh e…: X attributed … to Y, or X charged Y with …, or X claimed that Y was...
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn