1048: Iain Ruadh Stiùbhart (3)
Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.
Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Iain Ruadh Stiùbhart (3)
Tha mi a’ dol a chur crìoch air mo chunntas air an t-Seumasach ainmeil à Srath Spè, Iain Ruadh Stiùbhart. Bha e na ruagalaiche an dèidh Chùil Lodair. Fhuair e fios bhon Phrionnsa, Teàrlach Òg, a dhol a chèilidh air ann an Cèidse Chluainidh – Cluny’s Cage – taobh Beinn Eallair. Nise, tha àite air na mapaichean deas air Beinn Eallair faisg air Loch Eireachd – Prince Charlie’s Cave – ach tha mòran dhen bheachd nach e sin a bh’ anns a’ Chèidse idir.
Tha iad ag ràdh gun deach a togail de dh’fhiodh air cliathaich na beinne. Bha i air a còmhdachadh le duilleach cuilinn agus còinneach gus nach biodh e furasta a faicinn aig astar.
Co-dhiù, sin far an robh am Prionnsa aig toiseach an fhoghair, seachd ceud deug ceathrad ʼs a sia (1746). Chaidh Iain Ruadh ann a chèilidh air, tha mi cinnteach, airson a dhìlseachd a dhearbhadh aon turas eile agus, mar a thachair e, airson teicheadh cuide ris. Goirid an dèidh a bhith sa Chèidse, sheòl iad don Fhraing còmhla air bòrd soitheach Frangach à Loch nan Uamh.
Chaochail Iain Ruadh anns an Fhraing sia bliadhna an dèidh Blàr Chùil Lodair, ach chan eil cinnt ann càite. Agus chan eil sgeul air uaigh.
Tha, ge-tà, àite ann an Srath Spè far a bheilear ga chuimhneachadh. Anns a’ bhliadhna dà mhìle (2000), chaidh carragh-cuimhne a thogail dha faisg air àite a bhreith ann an Cinn Chàrdainn.
Agus, a h-uile bliadhna anns an Lùnastal, bidh feadhainn a’ coiseachd gu mullach a’ Chùirn Ghuirm airson bratach Chinn Chàrdainn a chur an-àirde mar chuimhneachan air Iain Ruadh. Tha iad a’ leantainn air fear Seumas Mac an t-Saoir à Beag Ghleann anns a’ Ghleann Mhòr. ʼS e a bha an urra ri bratach uaine Chinn Chàrdainn aig Cùil Lodair. Rinn e cinnteach nach fhaigheadh na saighdearan dearga grèim oirre.
Gach bliadhna an dèidh Blàr Chùil Lodair, air an naoidheamh latha deug dhen Lùnastal, bhiodh Seumas a’ dol gu mullach a’ Chùirn Ghuirm airson a’ bhratach a chur an-àirde mar chuimhneachan air Iain Ruadh agus na fir eile à Srath Spè a dh’èirich ann an adhbhar a’ Phrionnsa. Carson a thagh e an latha sin? Uill, b’ ann air an latha sin a chaidh bratach nan Seumasach a thogail ann an Gleann Fhionnain aig toiseach Bliadhna Theàrlaich.
A bharrachd air an dàn aige Latha Chùil Lodair, sgrìobh Iain Ruadh dàn eile mun chath. ʼS e an t-ainm a th’ air Òran Eile air Latha Chùil Lodair. Anns an òran seo, tha am bàrd ag ainmeachadh cuid de na fineachan a ghabh pàirt anns a’ chath. Mar eisimpleir, tha e a’ caoidh nach robh Clann ʼic a’ Phearsain, no Clann Mhuirich mar a bh’ aige fhèin orra, an làthair. B’ e sin adhbhar eile, ann am beachd Iain, a chaill na Seumasaich. Bidh feadhainn a’ gabhail pàirt dheth chun an latha an-diugh. Seo dà rann dheth:
O gur mis’ th’ air mo chràdh, thuit mo chridhe gu làr,
ʼS tric snighe gu ʼm shàil o ʼm lèirsinn.
Dh’fhalbh mo chlaistinneachd bhuam,
Cha chluinn mi san uair, gu mall no gu luath nì ʼs èibhinn.
Mu Phrionns’ Teàrlach mo rùin, oighre dligheach a’ chrùin,
ʼS e gun fhios dè an taobh a thèid e,
Fuil Rìoghail nam buadh, bhith ga dìobairt san uair,
ʼS mac dìolain le sluagh ag èirigh.
Faclan na Litreach: Iain Ruadh Stiùbhart: John Roy Stuart; ruagalaiche: fugitive; Loch Eireachd: Loch Ericht; carragh-cuimhne: memorial; Cinn Chàrdainn: Kincardine; Seumas Mac an t-Saoir: James MacIntyre; Beag Ghleann: Beglan [now deserted village]; Gleann Fhionnain:Glenfinnan; fineachan: clans; claistinneachd: [sense of] hearing.
Abairtean na Litreach: a dhol a chèilidh air ann an Cèidse Chluainidh taobh Beinn Eallair: to go and visit him in Cluny’s Cage over Ben Alder way; gun deach a togail de dh’fhiodh air cliathaich na beinne: that it was built of wood on the side of the mountain; air a còmhdachadh le duilleach cuilinn agus còinneach: covered by holly foliage and moss; airson a dhìlseachd a dhearbhadh aon turas eile: to prove his loyalty one more time; mar a thachair e, airson teicheadh cuide ris: as it happened, to flee with him; sheòl iad don Fhraing còmhla air bòrd soitheach Frangach: they sailed to France together on board a French vessel; chan eil sgeul air uaigh: there is no knowledge of a grave; gu mullach a’ Chùirn Ghuirm: to the summit of Cairn Gorm; ʼs e a bha an urra ri bratach uaine X: he was responsible for the green flag of X; air an naoidheamh latha deug dhen Lùnastal: on 19th August; na fir eile à Srath Spè a dh’èirich ann an adhbhar a’ Phrionnsa: the other men from Strathspey who rose for the Prince; a’ caoidh nach robh Clann ʼic a’ Phearsain, no Clann Mhuirich mar a bh’ aige fhèin orra, an làthair: lamenting that the MacPhersons, or Clann Mhuirich as he called them, were not present; gur mis’ th’ air mo chràdh: that I am tortured; ʼs tric snighe gu ʼm shàil: often tears [go to] my heel; oighre dligheach a’ chrùin: the rightful heir to the crown; fuil Rìoghail nam buadh, bhith ga dìobairt san uair: the virtuous royal blood being forsaken at this hour.
Puing-chànain na Litreach: ʼS mac dìolain le sluagh ag èirigh: and a bastard son rising with a host. I have given this translation because John Roy clearly meant it as an insult (it is a reference to the Duke of Cumberland); it is the translation generally given by singers of the song. However, in normal circumstances, mac dìolain means ‘illegitimate son’ and doesn’t have the pejorative flavour of ‘bastard’. Cumberland was not strictly illegitimate but the Jacobites considered him and his family to be usurpers of the ‘true’ royal line.
Gnàthas-cainnt na Litreach: faisg air àite a bhreith:close to his birthplace.
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Litir do Luchd-ionnsachaidh
This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 744
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn