FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1259: Am Foghar

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Am Foghar

Gaelic Gàidhlig

Cuin a tha am foghar a’ tòiseachadh? Tha mi a’ ciallachadh le sin ‘when does autumn begin?’ Tha am facal foghar, fomhair, foghar a’ ciallachadh harvest a bharrachd air autumn. Ach an-dràsta tha mi a’ smaoineachadh air ràithean na bliadhna – an t-earrach, an samhradh, am foghar ʼs an geamhradh.

Tha rud air mo bheulaibh a tha ag ràdh gu bheil am foghar a’ tòiseachadh air a’ chiad latha dhen Mhàrt. Tha e a’ tighinn gu ceann air an latha mu dheireadh dhen Chèitean. Bidh sibh a’ smaoineachadh gu bheil mi air a dhol às mo rian. Ach tha mi a’ leughadh làrach-lìn Astràilianach! Ach, chanainn nach eil na deitichean sin uabhasach ciallach ann an Astràilia. Bha mi o chionn bhliadhnaichean ann an ceann a tuath Astràilia far am bi na tùsanaich ag aithneachadh sia ràithean anns a' bhliadhna, seach ceithir.

Ach dè mu dheidhinn Gàidheil na h-Alba? Cuin a bha ar sinnsearan ag aithneachadh toiseach an fhoghair? Uill, bha uair ann, agus ʼs e Ciad Mhìos an Fhoghair a bh’ aig na Gàidheil air mìos an Lùnastail. Mar sin, bha am foghar a’ tòiseachadh air Latha Lùnastail. B’ e an t-Sultain – September – Mìos Meadhanach an Fhoghair. Agus b’ e an Dàmhair – October – Mìos mu Dheireadh an Fhoghair.

Bha na Gàidheil eòlach air a’ chòigeamh latha deug no siathamh latha deug dhen t-Sultain mar Lath Leth an Fhoghair. Tha abairt againn mun aimsir co-cheangailte ris an latha sin: ‘Bha dùil aig na seann daoine, air Latha Leth an Fhoghair, nan cumadh damh a chabar tioram gus an laigheadh a’ ghrian, gum biodh a’ chuid eile dhen fhoghar tioram.’ Nach iongantach sin!

Beagan làithean an dèidh sin tha Co-fhad-thràth an Fhoghair. ʼS e sin an latha as t-fhoghar nuair a tha an oidhche cho fada ris an latha. Ann am Beurla – the autumnal equinox.

Seo abairtean co-cheangailte ris an fhacal foghar: Foghar an eòrna ‘the barley harvest’; Foghar geal grianach ‘fine sunny autumn’; Foghar nam bràithrean ‘the brothers’ harvest’ – aimsir bhrèagha anns an Dàmhair agus as t-Samhain. Ge-tà, nach eil an t-Samhain anns a’ gheamhradh? Uill, bha beachd inntinneach air sin aig an iasgair agus seanchaidh, Seòras MacLeòid – Seòras Chaluim Sheòrais – à Beàrnaraigh Leòdhais. Sgrìobh esan an leabhar iongantach Muir is Tìr. Bha Seòras dhen bheachd gun robh am foghar a’ tòiseachadh air an treas latha fichead dhen t-Sultain aig trì uairean feasgar – seachd seachdainean an dèidh Latha Lùnastail.

Co-dhiù no co-dheth, seo agaibh seanfhaclan co-cheangailte ris an fhoghar. Seo a’ chiad fhear: am fear nach cuir sa Mhàrt, cha bhuain e as t-fhoghar ‘he who doesn’t sow in March won’t reap in autumn’. Am fear nach cuir sa Mhàrt, cha bhuain e as t-fhoghar. Comharra air foghar math – cuiridh na deargadan a-mach thu ’s cuiridh na meanbh-chuileagan a-steach thu! ‘the sign of a good autumn – the fleas force you out of the house and the midges force you back in!’ Cuiridh na deargadan a-mach thu ’s cuiridh na meanbh-chuileagan a-steach thu. Tha mi an dòchas gum bi foghar math agaibh ach nach cuir na deargadan a-mach às an taigh sibh!

Faclan na Litreach: làrach-lìn Astràilianach: an Australian website; sinnsearan: ancestors; mìos an Lùnastail: the month of August; Latha Lùnastail: Lammas Day (1 August); Lath Leth an Fhoghair: ‘the halfway day of autumn’.

Abairtean na Litreach: ràithean na bliadhna – an t-earrach, an samhradh, am foghar ʼs an geamhradh: the seasons of the year – spring, summer, autumn and winter; air mo bheulaibh: in front of me; a’ chiad latha dhen Mhàrt: the first day of March; a’ tighinn gu ceann air an latha mu dheireadh dhen Chèitean: coming to an end on the last day of May; gu bheil mi air a dhol às mo rian: that I’ve gone out of my mind; chanainn nach eil na deitichean sin uabhasach ciallach: I’d say that those dates are not terribly meaningful; far am bi na tùsanaich ag aithneachadh sia ràithean: where the aborigines recognise six seasons; nan cumadh damh a chabar tioram gus an laigheadh a’ ghrian: if a stag kept its antlers dry until sunset, gum biodh a’ chuid eile dhen fhoghar tioram; the rest of the autumn would be dry; nach iongantach sin: isn’t that amazing; nuair a tha an oidhche cho fada ris an latha: when the night is as long as the day; aimsir bhrèagha anns an Dàmhair agus as t-Samhain: beautiful weather in October and November; iasgair agus seanchaidh, Seòras MacLeòid – Seòras Chaluim Sheòrais – à Beàrnaraigh Leòdhais: fisherman and tradition-bearer George MacLeod – George son of Calum son of George – from Great Bernera; gun robh am foghar a’ tòiseachadh air an treas latha fichead dhen t-Sultain aig trì uairean feasgar: that autumn was starting on the 23rd of September at 3 o’clock in the afternoon; tha mi an dòchas gum bi foghar math agaibh: I hope you’ll have a good autumn; ach nach cuir na deargadan a-mach às an taigh sibh: but that the fleas won’t won’t force you out of the house!

Puing-chànain na Litreach: an latha as t-fhoghar nuair a tha an oidhche cho fada ris an latha: the day in autumn when the night is as long as the day. Note that we usually say as t-fhoghar rather than anns an fhoghar for ‘in autumn’. Similarly we say as t-earrach (rather than anns an earrach) for ‘in spring’ and as t-samhradh rather than anns an t-samhradh for ‘in summer’.

Gnàthas-cainnt na Litreach: Co-dhiù no co-dheth: anyway [but stronger than just saying ‘co-dhiù].

Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 955

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean