FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1070: Àird na Gaoithe

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Àird na Gaoithe

Gaelic Gàidhlig

Ann an Alba, tha sinn a’ fuireach ann an tè de na dùthchannan as gaothaiche anns an Roinn Eòrpa. Tha sin nar fàbhar oir tha e a’ leigeil leinn cumhachd an dealain a chruthachadh ann am pailteas, le crainn-ghaoithe an dà chuid air tìr agus far nan cladaichean aig muir.

Chan eil e na iongnadh, ma-thà, gu bheil seanfhaclan gu leòr againn co-cheangailte ris a’ ghaoith. Tòisicheamaid le fear a tha car fàbharach: Cha do shèid gaoth riamh nach robh an seòl cuideigin. A bheil sibh ga thuigsinn? Às bith dè an àird às an tig a’ ghaoth, gheibh cuideigin buannachd aiste – sin mura h-eil i ro làidir. Ach tuigidh sibh, gu bheil e cuideachd a’ buntainn ri staid mac an duine. Às bith dè cho dona ʼs a tha suidheachadh do chuid, bidh feadhainn a’ faighinn buannachd às. Cha do shèid gaoth riamh nach robh an seòl cuideigin.

Tha uiread de dhualchas co-cheangailte ri ro-innse na h-aimsir ann an saoghal nan Gàidheal, ’s gu bheil facal sònraichte againn airson neach a dh’innseas mar a bhios an t-sìde a rèir na chì iad anns an adhar – màirnealach.

Seo agaibh abairtean eile co-cheangailte ris a’ ghaoith, agus gu sònraichte àird na gaoithe a rèir na combaist. Gaoth an iar an dèidh uisge reamhar. An dèidh uisge trom a bhith ann, gu math tric bidh a’ ghaoth a’ tighinn on àird an iar.

Gaoth an iar gun fhras, bidh i ag iarraidh gu deas. Ma tha i tioram on àird an iar, bidh a’ ghaoth gu tric a’ dol tuathal, a’ gluasad an aghaidh gluasad na grèine. Tha dà abairt eile mu ghluasad na gaoithe. A’ ghaoth ag atharrachadh leis a’ ghrèin. Nuair a bhios a’ ghaoth ag atharrachadh gu deiseil, ’s e comharra de dh’aimsir a tha a’ fàs nas fheàrr. Calg-dhìreach an aghaidh sin tha A’ ghaoth ag atharrachadh an aghaidh na grèine. Tha sin na chomharra de dh’aimsir a tha a’ dol am miosad. Tha na dhà mu dheireadh ’s dòcha a’ buntainn ri gluasad deiseil is tuathal na gaoithe ann an siostaman bruthadh-àrd is bruthadh-ìosal anns an Leth-chruinne mu Thuath.

Dè a’ ghaoth as lugha air muinntir na h-Alba a bhios ri obair no cur-seachadan a-muigh? Tha sin follaiseach, gu h-àraidh aig an àm seo dhen bhliadhna, nach eil? A’ ghaoth tuath. Tha i cianail fhèin fuar.

Ach bha ar sinnsirean a’ mothachadh rud no dhà mun ghaoith sin nach robh buileach cho dona. Mar eisimpleir – ’S i a’ ghaoth tuath a sgaoileas ceò. ’S i a’ ghaoth tuath a sgaoileas ceò. Agus Gaoth tuath am beul na h-oidhche, cha robh i riamh buan. Gaoth tuath am beul na h-oidhche, cha robh i riamh buan.

Agus seo agaibh rann snog a bheir comhairle do luchd-siubhail air bàtaichean-aiseig an taoibh an iar. Tha e a-mach air na làithean as fheàrr airson a bhith a’ seòladh, a rèir àird na gaoithe agus cho fada ’s a tha i air a bhith a’ sèideadh:

A’ chiad latha dhen ghaoith a deas,

An treas latha dhen ghaoith a tuath,

An dàrna latha dhen ghaoith an iar

’S a’ ghaoth an ear gach ial ’s gach uair

Ma tha sibh am beachd tiogaid aiseig a cheannach aig a’ mhionaid mu dheireadh, ’s dòcha gum bi a’ chomhairle sin gu math feumail dhuibh!

Faclanna Litreach: nar fàbhar: in our favour; màirnealach: a person who foretells the weather by looking at the sky and clouds; àird: compass point; cianail fhèin fuar: exceedingly cold; a’ sèideadh: blowing.

Abairtean na Litreach: tè de na dùthchannan as gaothaiche anns an Roinn Eòrpa: one of the windiest countries in Europe; tha e a’ leigeil leinn cumhachd an dealain a chruthachadh ann am pailteas: it allows us to create a lot of electrical power; far nan cladaichean: off the coast(s); chan eil e na iongnadh: it’s not a surprise; tha uiread de dhualchas co-cheangailte ri ro-innse na h-aimsir: there is so much heritage connected to weather forecasting; gaoth an iar an dèidh uisge reamhar: west wind after heavy rain; gaoth an iar gun fhras, bidh i ag iarraidh gu deas: a west wind without rain, it tends to seek the south (ie it ‘backs’); a’ gluasad an aghaidh gluasad na grèine: moving against the movement of the sun; a’ ghaoth ag atharrachadh leis a’ ghrèin: the wind changing with the sun (ie ‘veering’); calg-dhìreach an aghaidh sin: directly against that; a tha a’ dol am miosad: that is deteriorating; siostaman bruthadh-àrd is bruthadh-ìosal anns an Leth-chruinne mu Thuath: high pressure and low pressure zones in the Northern Hemisphere; dè a’ ghaoth as lugha air muinntir na h-Alba a bhios ri obair no cur-seachadan a-muigh?: which wind is least favoured by the people of Scotland who work outdoors or are engaged in outdoor pursuits?; ’s i a’ ghaoth tuath a sgaoileas ceò: it’s the north wind that dissipates mist; gaoth tuath am beul na h-oidhche, cha robh i riamh buan: a north wind at nightfall never lasted long; a’ chiad latha dhen ghaoith a deas: the first day of the south wind; an treas latha dhen ghaoith a tuath: the third day of the north wind; an dàrna latha dhen ghaoith an iar: the second day of the west wind; a’ ghaoth an ear gach ial ’s gach uair: the east wind at all times; ma tha sibh am beachd tiogaid aiseig a cheannach aig a’ mhionaid mu dheireadh: if you’re intending to buy a ferry ticket at the last minute.

Puing-chànain na Litreach: Às bith dè cho dona ʼs a tha suidheachadh do chuid:however bad the situation is for some people. Às bith can stand for ‘however’, ‘whoever’, ‘whatever’ or ‘wherever’. Às bith cò nochdas nar n-aghaidh, nì sinn a’ chùis orra ‘whoever appears against us, we’ll defeat them’.

Seanfhacal na Litreach: Cha do shèid gaoth riamh nach robh an seòl cuideigin: no wind ever blew that did not fill someone’s sails.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 766

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean