ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1006: Na Trì Lèintean Canaich (2)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Gaelic Gàidhlig

Tha mi a’ leantainn leis an sgeulachd ‘Na Trì Lèintean Canaich’. Chaidh am fear a bu shine de mhic an rìgh a-null gu taigh na h-Iochlaich Ùrlair. ‘Tha mo mhuime ag iarraidh na cìre mìne,’ thuirt e.

‘Gheibh thu sin, a mhic màthair mo ghaoil agus athair mo ghràidh!’ ars a’ bhana-bhuidseach, ‘Is tric a bha mi ag imlich nam miasan ʼs nam poitean aig teine d’ athar. Seall – siud a’ chìr mhìn aig bonn na beingidh.’

Chaidh an gille a-null agus chuir e a làmh air a’ chìr. Ach thug an Iochlach Ùrlair slaic air a dhruim le a slacan draoidheil agus leum an gille na chù glas a-mach air an uinneig.

Leis nach do thill e, dh’iarr a’ bhanrigh air an dàrna gille a dhol a-null agus a’ chìr mhìn a thoirt air ais. Chaidh e ann. ‘Tha mo mhuime ag iarraidh na cìre mìne,’ thuirt e.

‘Gheibh thu sin, a mhic màthair mo ghaoil agus athair mo ghràidh!’ thuirt a’ bhana-bhuidseach. ‘Is tric a bha mi ag imlich nam miasan ʼs nam poitean aig teine d’ athar. Seall – siud a’ chìr mhìn aig bonn na beingidh.’

Chaidh an dàrna gille a-null agus chuir e a làmh air a’ chìr. Ach thug an Iochlach Ùrlair slaic air a dhruim le a slacan draoidheil. Leum an gille na chù glas a-mach air an uinneig. Thachair an dearbh rud don treas gille.

Nise, bha an nighean air a h-uile rud fhaicinn bhon uinneig aice. Chaidh i fhèin a-null. Nuair a thog a’ bhana-bhuidseach an slacan draoidheil, ghabh an nighean grèim air a làimh. Spìon i a làmh on ghàirdean aice. An uair sin, dh’fhalbh i a lorg a bràithrean a bha a-nise ann an riochd chon glasa. An dèidh greis, lorg i taigh. Cha robh duine a-staigh ach bha teine guail ann. Bha clobha a’ ruith timcheall an teine, a’ togail a h-uile sradag a thuiteadh às.

Cha robh an nighean ann fada nuair a thill bean an taighe. B’ ise Bean a’ Chòta Chaoil Uaine. ‘Dè do naidheachd?’ dh’fhaighnich i.

‘Chan eil naidheachd agam,’ fhreagair nighean an rìgh. ‘A bheil gin agad fhèin?’

‘Chunnaic mi do thriùir bhràithrean, agus iad nan coin ghlasa,’ arsa Bean a’ Chòta Chaoil Uaine.

‘Tha an t-àm agam falbh, feuch am faic mi iad,’ thuirt nighean an rìgh.

‘Chan eil,’ fhreagair an tè eile. ‘Fan an seo a-nochd.’

An ath-mhadainn, dh’iarr an nighean stiùireadh air an rathad. ‘Thoir a’ bhròg seo leat,’ arsa Bean a’ Chòta Chaoil Uaine. ‘Cumaidh i air an rathad cheart thu. Nuair a ruigeas tu taigh seann duine mòr, tionndaidh a’ bhròg an rathad seo agus tillidh i dhachaigh leatha fhèin.’

ʼS e sin a rinn an nighean. Ràinig i taigh an t-seann duine mhòir. Thionndaidh i a’ bhròg an taobh a thàinig i. Dh’fhalbh a’ bhròg dhachaigh leatha fhèin. Chaidh an nighean a-steach.

‘Dè an naidheachd a th’ aig a’ bhana-choigrich?’ dh’fhaighnich an seann duine.

‘Chan eil gin,’ fhreagair ise, ‘mura faigh mi bhuaibh fhèin i.’

‘Tha aon naidheachd agamsa,’ dh’aidich an seann duine. ‘Tha do thriùir bhràithrean a’ gabhail còmhnaidh anns an uaimh ud thall.’

‘Ciamar a gheibh mi dhan ionnsaigh?’ dh’fhaighnich an nighean.

‘Tha sreang chaol chainbe agam,’ thuirt an seann duine. ‘Gabh grèim oirre.’

Agus chì sinn an-ath-sheachdain mar a lorg i a bràithrean.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na Litreach: Na Trì Lèintean Canaich: The Three Bog Cotton Shirts; slacan draoidheil: magic wand; teine guail: coal fire; clobha:tongs; Bean a’ Chòta Chaoil Uaine:The Woman of the Green Gown [còta caol can also mean an outer petticoat]; a’ bhana-choigreach:the female stranger; sreang chaol chainbe: fine hempen string.

Abairtean na Litreach: Chaidh am fear a bu shine de mhic an rìgh a-null: the eldest of the king’s sons went over; tha mo mhuime ag iarraidh na cìre mìne: my stepfather wants the fine comb; a mhic màthair mo ghaoil agus athair mo ghràidh: son of the mother I loved and the father I loved; ag imlich nam miasan ʼs nam poitean aig teine d’ athar: licking the basins and pots at your father’s fire; seall – siud a’ chìr mhìn aig bonn na beingidh: look – yonder’s the fine comb and the base of the bench; leis nach do thill e: because he didn’t return; bha an nighean air a h-uile rud fhaicinn: the daughter had seen everything; ghabh an nighean grèim air a làimh: the daughter grabbed her hand; spìon i a làmh on ghàirdean aice: she pulled her hand from her arm; dh’fhalbh i a lorg a bràithrean: she left to find her brothers; a h-uile sradag a thuiteadh às: every spark that fell [would fall] out; dè do naidheachd?: what’s your news?; a bheil gin agad fhèin?: do you have any yourself?; tha an t-àm agam falbh, feuch am faic mi iad: it’s time for me to go to see if I can find them; thoir a’ bhròg seo leat: take this shoe with you; mura faigh mi bhuaibh fhèin i: if I don’t get it from yourself; tha do thriùir bhràithrean a’ gabhail còmhnaidh anns an uaimh ud thall: your three brothers are living in that cave over there; ciamar a gheibh mi dhan ionnsaigh?: how will I get to them?.

Puing-chànain na Litreach: a bha a-nise ann an riochd chon glasa: who were now in the form of grey dogs. The genitive plural of is con (it’s irregular) so we would say nan con glas(a) for ‘of the grey dogs’. But, without the article, we lenite the genitive plural form of the noun, while leaving the adjective as it is ie chon glasa ‘of grey dogs’.

Gnathas-cainnt na Litreach: leum an gille na chù glas a-mach air an uinneig: the lad in the form of a grey dog jumped out of the window.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 702

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean