ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1113: Smeòrach Chlann Dòmhnaill (1)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Gaelic Gàidhlig

Cho binn ri smeòrach air geug. An cuala sibh an samhladh sin riamh? Cho binn ri smeòrach air geug. As melodious as a song thrush on a branch. Tha m’ aire air an smeòraich anns an Litir seo, oir tha i a’ nochdadh ann am bàrdachd. Bu mhath leam sùil a thoirt air dà dhàn ainmeil anns a bheil an smeòrach. Chaidh na dàin a sgrìobhadh le bàird air leth cliùmhor.

’S e a’ chiad fhear Iain mac Fhearchair ’ic Ìomhair à Uibhist a Tuath. Bidh sibh eòlach air ’s dòcha mar Iain MacCodruim. B’ e am fear eile Alasdair mac Mhaighstir Alasdair – bàrd cho cliùiteach ’s a bha riamh ann an saoghal nan Gàidheal. Innsidh mi dhuibh mu MhacCodruim an toiseach. Rinn mi aithris air mu-thràth ann an Litrichean dà cheud ʼs a h-aon-deug (211), agus dà cheud ʼs a dhà-dheug (212). Bha e beò eadar timcheall air sia ceud deug, naochad ’s a trì (1693) agus seachd ceud deug, seachdad ’s a naoi (1779).

’S e an dàn aige ‘Smeòrach Chlann Dòmhnaill’. Bidh e air a sheinn fhathast – leithid leis an t-seinneadair ainmeil, Julie Fowlis. Seo an t-sèist a bhios a’ nochdadh eadar na rannan:

Hoilibheag hilibheag hó ail il ó, Hoilibheag hilibheag hó ró i,

Hoilibheag hilibheag hó ail il ó, Smeòrach le Clann Dòmhnaill mi.

Chan eil ann an Hoilibheag hilibheag ach briathran gun bhrìgh, no ʼs dòcha òran na smeòraich. Tha an loidhne mu dheireadh a’ ciallachadh ‘I am a thrush of Clan Donald’.

Carson a bha ball de Chlann ’ic Codruim a’ sgrìobhadh mu Chlann Dòmhnaill? Uill, bha ceann-cinnidh nan Dòmhnallach anns na h-eileanan a’ toirt taic mhòr do dh’Iain MacCodruim. Is fhiach innse mar a thàinig sin gu bith.

Bha cliù aig Iain mar bhàrd a bha ri càineadh is sgaiteachd. Sgrìobh e dì-mholadh mu obair thàillearan Uibhist. Bha na tàillearan air an goirteachadh gu dubh. Dhiùlt iad aon ghrèim eile fhuaigheal don bhàrd. An ceann greis, bha aodach Iain gu math robach.

Latha a bha seo, chunnaic an ceann-cinnidh, An Ridire Seumas Dòmhnallach, e. ‘Carson a tha do chuid aodaich a’ tuiteam às a chèile, Iain?’ dh’fhaighnich e. Dh’aithris Iain a’ bhàrdachd a bh’ air fearg a chur air na tàillearan. ’S dòcha gun robh an ceann-cinnidh a’ gabhail dragh gun sgrìobhadh Iain rudeigin dhen aon seòrsa mu dheidhinn-san – agus thug e obair is àite-fuirich dha!

Co-dhiù, tha am bàrd ga chur fhèin ann an riochd smeòraich. Tha an t-eun gu math brònach. Anns an dàrna rann, ge-tà, tha an smeòrach ga lorg fhèin ann an suidheachadh nas fheàrr:

Smeòrach mis’ air mullach beinne, ’g amharc grèin is speuran soilleir;

Thig mi stòlda chòir na coille, ’s bidh mi beò air treòdas eile.

Anns an leabhar aice ‘Songs of Gaelic Scotland’, tha Anna Latharna NicGillÌosa ag ràdh gur dòcha gu bheil an t-atharrachadh bho bhròn gu dòchas aig toiseach an dàin a’ comharrachadh beatha a’ bhàird fhèin. Carson? Uill, mìnichidh mi an gnothach an-ath-sheachdain.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na Litreach: Uibhist a Tuath: North Uist; timcheall air: around; Smeòrach Chlann Dòmhnaill: ‘Clan Donald’s thrush/mavis’; robach: tattered; àite-fuirich: dwelling-place; Anna Latharna NicGillÌosa: Anne Lorne Gillies.

Abairtean na Litreach: An cuala sibh an samhladh sin riamh?: have you ever heard that simile?; chaidh na dàin a sgrìobhadh le bàird air leth cliùmhor: the poems were written by very well-known poets; bàrd cho cliùiteach ’s a bha riamh ann an saoghal nan Gàidheal: as renowned a poet as ever existed in the world of the Gaels; bidh e air a sheinn fhathast – leithid leis an t-seinneadair ainmeil: it is still sung – such as by the famous singer; an t-sèist a bhios a’ nochdadh eadar na rannan: the chorus that appears between the verses; briathran gun bhrìgh: words without meaning; is fhiach innse mar a thàinig sin gu bith: it’s worth telling how that came into being; bàrd a bha ri càineadh is sgaiteachd: a poet that would be involved in criticism and cynicism; dì-mholadh mu obair thàillearan Uibhist: dispraise about the work of Uist tailors; dhiùlt iad uile aon ghrèim eile fhuaigheal don bhàrd: they all refused to sew one stitch more for the poet; carson a tha do chuid aodaich a’ tuiteam às a chèile?: why are your clothes falling apart?; gun sgrìobhadh Iain rudeigin dhen aon seòrsa mu dheidhinn-san: that John would write the same sort of thing about him; ann an riochd smeòraich: in the guise of a thrush; ’g amharc grèin is speuran soilleir: looking at the sun and clear skies; thig mi stòlda chòir na coille: I shall come to the wood steadily, bidh mi beò air treòdas eile: and I’ll live on other sustenance; gur dòcha gu bheil an t-atharrachadh bho bhròn gu dòchas aig toiseach an dàin a’ comharrachadh beatha a’ bhàird fhèin: that perhaps the change from sadness to hope at the start of the poem marks the poet’s own life.

Puing-chànain na Litreach: Tha m’ aire air an smeòraich: my attention is on the thrush. Smeòrach is a feminine noun so it traditionally slenderises in the dative singular case (at least with the article). And, while a noun starting with ‘s’ tends to carry a t- in the dative singular with article eg anns an t-seirbheis, air an t-slige, those with initial sg, sm, sp, st are not included in that ‘rule’ (because of the difficulty in making the sound). Thus air an smeòraich.

Gnàthas-cainnt na Litreach: Cho binn ri smeòrach air geug: as melodious as a thrush on a brush.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 809

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean