menushow menuhide
GàidhligEnglish
facebook icon twitter icon email icon

Letter to Gaelic Learners Litir do Luchd-ionnsachaidh

Ruairidh MacIlleathain A series of letters to support Gaelic learners. This will help learners who already have some knowledge and understanding of Gaelic and are looking to develop their language skills. Sound files, text, vocabulary and language notes are also available. Sreath de litrichean a bheir taic do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig. Bidh iad seo cuideachail do luchd-ionnsachaidh le beagan tuigs air a’ Ghàidhlig agus a tha a’ coimhead airson dòigh air na sgilean cànain aca a leasachadh. Tha faidhle fuaim, teacsa, briathrachas agus puingean cànain rim faighinn cuideachd.

People Daoine

Search Lorg

Deòrsa mac Iain Deòrsa (2) (Litir 849)

Rugadh am bàrd Deòrsa mac Iain Deòrsa air an ochdamh latha dhen Dùbhlachd, naoi ceud deug is còig-deug (1915). Mar a bha mi ag ràdh an t-seachdain sa chaidh, thogadh Deòrsa ann an Tairbeart Loch Fìne. Thog e a chuid Gàidhlig bho sheann daoine anns a’ bhaile agus bho a mhàthair is càirdean eile.

Nuair a bha e deich bliadhna a dh’aois, chaidh e gu Colaiste John Watson agus an uair sin Colaiste Fettes ann an Dùn Èideann. Fhuair e sgoilearachd, mar mhac aig ministear a bh’ air bàs fhaighinn. Anns na làithean-saora aige, bhiodh e ag obair air eathar-iasgaich air Loch Fìne, agus ’s e Gàidhlig a bhiodh na h-iasgairean a’ bruidhinn ri chèile. Bha e math air cànanan ionnsachadh. Bha e fileanta ann an Dànais is Greugais, agus bha e comasach air mòran chànanan a leughadh, leithid Fraingis, Tìlis agus Gàidhlig na h-Èireann.

Ann an naoi ceud deug, trithead ’s a ceithir (1934) chaidh Deòrsa gu Colaiste Corpus Christi ann an Oxford. Ach, eucoltach ri mòran Albannach a th’ air a dhol gu oilthighean Oxbridge, cha do dh’fhàs e na bu Bhreatannaiche.

’S ann air an rathad eile a chaidh a phoilitigs. Bha e na nàiseantach Albannach. Ach cha b’ e nàiseantach ‘àbhaisteach’ a bh’ ann. Bha e cho daingeann ’s gun do sgrìobh e gun robh e coma ged a bheireadh na Natsaich Ghearmailteach buaidh air Sasainn. Agus bha e coma ged a bhiodh gort ann an Sasainn mar a bha ann an Èirinn anns an naoidheamh linn deug – fhad ’s a bhiodh Alba saor. Air sgàth sin, cha bhi a h-uile duine a tha measail air bàrdachd a’ comharrachadh a bheatha.

Leis nach robh e deònach a ghabhail ri a ghairm don arm, theich e. Bhon Dàmhair naoi ceud deug is ceathrad (1940) bha e am falach airson seachd mìosan ann am monaidhean Earra-Ghàidheal. Mu dheireadh thall, fhuair na h-ùghdarrasan grèim air agus chaidh a chur don phrìosan airson greis. Ghabh e ri a ghairm an dèidh sin air sgàth a mhàthar.

Chuir e seachad an còrr dhen chogadh mar chlàrc anns an Royal Army Ordnance Corps. Bha e an toiseach ann an Sasainn, an uair sin ann an Algeria, Tunisia agus san Eadailt. Bha e ag obair mar eadar-theangair anns an Eadailt. Chòrd e ris a bhith a’ cabadaich le Arabaich agus prìosanaich-chogaidh Eadailteach. Dh’ionnsaich e mu na cultaran aca. Agus sgrìobh e tòrr bàrdachd.

Aig deireadh a’ chogaidh, an dèidh fòrladh ann an Alba, dh’fhuirich e anns an arm – ann an Roinn an Fhoghlaim. Agus chaidh a chur don Ghrèig. Ann a sin, bha e an sàs ann an ùpraid eadar feadhainn air an làimh dheis de phoilitigs agus feadhainn air an làimh chlì. Dh’fhuiling Deòrsa tinneas-inntinn an dèidh sin agus fhuair e peinnsean bhon arm. Cha do dh’obraich e làn-thìde a-rithist.

Lean an trioblaid-inntinn aige airson a’ chòrr de a bheatha. Chuir e bliadhnaichean seachad ann an ospadal airson tinneas-inntinn ann an Dùn Èideann. Ged a thill e airson greis don Tairbeart, bha an t-àite na bhriseadh-dùil dha. Cha robh an t-iasgach mar a bha agus bha a’ Ghàidhlig a’ bàsachadh. Chaochail e ann an Dùn Èideann ann an naoi ceud deug, ochdad ’s a ceithir (1984). Ach tha a bhàrdachd – ann an Gàidhlig, Albais is Beurla – beò fhathast, agus ’s fhiach a leughadh.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na Litreach: Deòrsa mac Iain Deòrsa: George Campbell Hay; sgoilearachd: a scholarship; làithean-saora: holidays; àbhaisteach: ordinary; daingeann: strongly committed; gort: famine; clàrc: clerk; fòrladh: leave (holiday); tinneas-inntinn: mental illness; peinnsean: pension.

Abairtean na Litreach: mar mhac aig ministear a bh’ air bàs fhaighinn: as the son of a minister who had died; a bhiodh na h-iasgairean a’ bruidhinn ri chèile: that the fishermen would be speaking to each other; fileanta ann an Dànais is Greugais: fluent in Danish and Greek; comasach air mòran chànanan a leughadh: capable of reading many languages; leithid Fraingis, Tìlis agus Gàidhlig na h-Èireann: such as French, Icelandic and Irish Gaelic; cha do dh’fhàs e na bu Bhreatannaiche: he didn’t become more British; ’s ann air an rathad eile a chaidh a phoilitigs: his politics went the other way; gun robh e coma ged a bheireadh na Natsaich Ghearmailteach buaidh air Sasainn: that he was indifferent to England being defeated by the German Nazis; cha bhi a h-uile duine a tha measail air bàrdachd a’ comharrachadh a bheatha: not everybody who is keen on poetry will be commemorating his life; leis nach robh e deònach a ghabhail ri a ghairm don arm, theich e: because he was not willing to accept his call-up to the army, he fled; air sgàth a mhàthar: because of his mother; bha e ag obair mar eadar-theangair anns an Eadailt: he was working as a translator in Italy; a’ cabadaich le Arabaich agus prìosanaich-chogaidh Eadailteach: chatting with Arabs and Italian prisoners-of-war; bha an t-àite na bhriseadh-dùil dha: the place was a disappointment to him; ’s fhiach a leughadh: it’s worth reading.

Puing-chànain na Litreach: Tairbeart Loch Fìne: Tarbert Loch Fyne. There are several tarberts/tarbets – the word means ‘isthmus’ and derives from the roots tar and beir ‘carry across’ being a place of portage for boats. Dòirlinn can also mean ‘isthmus’ but is covered by the sea at high tide (a tairbeart remains dry). Other tarberts are Tairbeart Na Hearadh (Harris), Tairbeart Loch Laomainn (Loch Lomond), Tairbeart Loch Nibheis (Loch Nevis). Additional examples occur at Salen (Loch Sunart), Glen Tarbert between Loch Sunart and Loch Linnhe, near Scourie, Isle of Canna, Isle of Gigha, Isle of Jura, Mull of Galloway, East Lothian (Isle of Fidra) and Fife (Isle of May). Tarbert Hill at West Kilbride (Ayrshire) is a slightly puzzling one as there does not appear to be an isthmus nearby.

Gnàthas-cainnt na Litreach: Chuir e seachad an còrr dhen chogadh: he spent the rest of the war.

Download the text of this week's letter as a PDF: Thoir a-nuas Litir mar PDF: Adobe PDF of this letter

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

An Litir Bheag

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 545

Podcast

BBC offers this litir as a podcast – visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other Letters Litrichean eile

data loading indicator

Àireamh / Number

Facal / Word