806: An t-Iasg Òir (1)
Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.
Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
An t-Iasg Òir (1)
Bha uaireigin iasgair ann. Bha e a’ fuireach cuide ri a bhean ann an taigh-tughaidh an cois na mara. Bha iad gu math bochd. Bha an t-uisge a’ faighinn a-steach tro mhullach an taighe, bha na h-uinneagan air an sgàineadh agus bha an cuid aodaich luideagach. Ach, a dh’aindeoin sin, bha iad sona gu leòr.
Latha a bha seo, chaidh am bodach chun na carraig le lìon. Bha a bhean ag iarraidh air iasg a ghlacadh airson an suipeir. Cha d’ fhuair e ach aon iasg beag. Ach ’s e iasg neònach a bh’ ann. Bha dath an òir air. Bha a lannan mar gum biodh air an dèanamh de dh’òr.
Thug am bodach sùil gheur air an iasg. Agus thachair rud iongantach. Dh’fhosgail an t-iasg a bheul agus thòisich e air bruidhinn. Agus bha e a’ bruidhinn Gàidhlig. Uill, bha seo air taobh an iar na Gàidhealtachd – ’s beag an t-iongnadh gur e Gàidhlig a bh’ aige, ’s dòcha!
A dhuine chòir,’ thuirt an t-iasg, na marbh mi.’ Cha robh fios aig an iasgair gu dè chanadh e. ’S iomadh bliadhna a bha e a’ fuireach an cois na mara, agus ’s iomadh latha a bha e ag iasgach. Ach iasg a bhruidhneadh ris – ann an cainnt a thuigeadh e – uill, cha do thachair sin riamh roimhe. ’S iomadh annas a chì sinn, agus sinn beò fada gu leòr.
A dhuine chòir,’ thuirt an t-iasg a-rithist. Na marbh mi. Tilg mi air ais don mhuir. Ma nì thu sin, cha bhi thu gun duais.’
Dè an duais?’ dh’fhaighnich an t-iasgair. Dè gheibh mi bhuat?’
Gheibh,’ ars an t-iasg, rud sam bith a thogras mi a thoirt dhut – ach a-mhàin an cumhachd a th’ agam fhìn.’
Rinn an t-iasgair gàire. ’S e còmhradh neònach a bh’ ann gun teagamh, agus e a’ bruidhinn ri iasg beag òir. Hut,’ thuirt e, chan fhiach thu mòran air an truinnsear – tha thu ro bheag. Ach chan eil mi a’ creidsinn gu bheil cumhachd mar sin agad.’ Leis a sin, thilg e an t-iasg air ais don mhuir, agus dh’fhalbh e dhachaigh.
An d’ fhuair thu iasg?’ thuirt a bhean ris nuair a thill e.
Fhuair,’ fhreagair an t-iasgair.
Agus càite a bheil e?’ ars a bhean.
Ach uill,’ thuirt an t-iasgair, bha e ro bheag. Agus leis an fhìrinn innse, cha robh mi airson ithe co-dhiù.
Carson sin?’ dh’fhaighnich a bhean. Dè bha ceàrr air?’
Uill, ’s e iasg òir a bh’ ann,’ thuirt an duine aice. Bha coltas air gun robh e air a dhèanamh de dh’òr.’
De dh’òr?’ thuirt i, de dh’òr? Chan urrainn sin a bhith.’
Chan e sin a-mhàin,’ lean an duine aice, ach bha e a’ bruidhinn rium – ann an Gàidhlig!’
Choimhead a bhean air mar gun robh e air a dhol às a rian. Ach chùm an t-iasgair a’ dol. Thuirt e rium, nan cuirinn air ais don mhuir e, gun toireadh e duais dhomh–duais sam bith a dh’iarrainn.’
Agus dè dh’iarr thu air?’
Cha do dh’iarr dad. Cha robh ann ach iasg beag.’
Uill,’ thuirt a bhean, chan eil sin math gu leòr. Chan eil grèim bìdh anns an taigh. Thalla thus’ air ais don chladach agus iarr air an iasg aran a thoirt dhuinn.’
Thill an t-iasgair don chladach. Agus innsidh mi dhuibh dè thachair an-ath-sheachdain.
Faclan na Litreach: bochd: poor; neònach: strange; tilg: throw.
Abairtean na Litreach: cuide ri a bhean ann an taigh-tughaidh: with his wife in a thatched house; bha na h-uinneagan air an sgàineadh:the windows were cracked; bha an cuid aodaich luideagach: their clothes were ragged; a dh’aindeoin sin, bha iad sona gu leòr: despite that, they were happy enough; chaidh am bodach chun na carraig le lìon: the old man went to the [fishing] rock with a net; bha a lannan mar gum biodh air an dèanamh de dh’òr: its scales appeared to be made of gold; ’s beag an t-iongnadh gur e Gàidhlig a bh’ aige:it’s hardly surprising that it spoke Gaelic; a dhuine chòir: good man; iasg a bhruidhneadh ris–ann an cainnt a thuigeadh e:a fish that would speak to him–in speech he understood; ’s iomadh annas a chì sinn, agus sinn beò fada gu leòr:it’s many a strange thing we see if were alive long enough; ma nì thu sin, cha bhi thu gun duais: if you do that, you won’t be without reward; chan fhiach thu mòran air an truinnsear: you’re not worth much as food [on the plate]; chan eil mi a’ creidsinn gu bheil cumhachd mar sin agad: I don’t believe you have power like that; leis an fhìrinn innse, cha robh mi airson ithe co-dhiù: to tell the truth, I didn’t want to eat it anyway; chan urrainn sin a bhith: that’s impossible; chan e sin a-mhàin: not only that; choimhead a bhean air mar gun robh e air a dhol às a rian: his wife looked at him as if he had gone doolally; nan cuirinn air ais don mhuir e: if I would return him to the sea; duais sam bith a dh’iarrainn: any reward I would like; chan eil grèim bìdh anns an taigh: there’s not a bite of food in the house; iarr air an iasg aran a thoirt dhuinn: ask the fish to give us bread.
Puing-chànain na Litreach: iasg òir: golden fish (we use the same phrase for a goldfish–the type kept in domestic fish tanks). There is an adjective òrail golden’ but we tend to use the genitive form of the noun òr gold’ (ie òir, with a slenderised r’) as the adjective (we use airgid similarly for silver’). Note however that the golden eagle’ is iolair bhuidhe not iolair òir.
Gnàthas-cainnt na Litreach: : an cois na mara beside the sea.
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Litir do Luchd-ionnsachaidh
This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 502
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn