ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

769: Beul-àtha nan Trì Allt - Pàirt 2

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Audio is playing in pop-over.

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mu Bheul-àtha nan Trì Allt ann an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich. ’S e dìreach an t-ainm Beurla, Fairybridge, a th’ air na mapaichean. Tha an t-àm ann an t-ainm Gàidhlig a chur ann cuideachd oir tha an t-àite air a chuimhneachadh ann an eachdraidh, beul-aithris agus bàrdachd Ghàidhlig. Mar eisimpleir, a bheil fios agaibh cò sgrìobh an rann a leanas?:

Tha nise dà fhichead bliadhn’, Ach ceithir mìosan aig an àm, Bhon ghabh mi beannachd dhe mo chàirdean, Aig Beul-àtha nan Trì Allt.

An robh sibh ceart? ’S e am fuasgladh Màiri nighean Iain Bhàin, Màiri Mhòr nan Òran, anns an dàn aice Coinneamh nan Croitearan. Tha an dàn mu dheidhinn coinneamh phoblach aig croitearan à ceann an iar-thuath an Eilein Sgitheanaich – eadar Sniothasort, Diùranais, Bhatairnis agus Bràcadail – anns a’ Chèitean ochd ceud deug, ochdad ’s a ceithir (1884). Bha seo aig àm strì an fhearainn air a’ Ghàidhealtachd. Bha Màiri a’ cuimhneachadh air ais cha mhòr ceathrad bliadhna gu coinneamh mhòr eaglaise air an dearbh làraich agus a’ tarraing misneachd bhon chuimhne:

’S iomadh ceann a chaidh an currac, ’S osna mhuladach gu cheann, Bhon chaidh na mìltean againn àireamh, Aig Beul-àtha nan Trì Allt.

Bha sluagh a’ tional às gach ceàrna, Mar a bhàrcas tuil nam beann, Dh’èisteachd teachdaireachd na slàinte, Aig Beul-àtha nan Trì Allt.

Cha robh àireamh nan croitearan cho mòr ri àireamh nan coitheanal eaglaise ach bha iad a cheart cho dealasach mun chùis aca. Bha iad a’ deasbad co-dhùnaidhean a’ Choimisein Rìoghail a bha a’ rannsachadh cor nan croitearan. An dèidh làimhe, chuir iad tagradh don Phrìomhaire, Uilleam Gladstone, nach bu chòir cumhachd fuadachaidh a bhith aig uachdarain tuilleadh.

Bha Màiri Mhòr uabhasach taiceil do na croitearan. ’S iomadh moladh a rinn i orra. Anns an dàn seo, tha i a’ cuimhneachadh strì muinntir a’ Bhràighe, far an robh na boireannaich aig ceann a’ ghnothaich:

Chuimhnich mi mnathan a’ Bhràighe, ’S dìol mo chàirdean aig an àm, ’S nuair nochd poileasman no dhà rinn, Aig Beul-àtha nan Trì Allt.

Bha comann a’ toirt taic do na croitearan. B’ e sin a’ Highland Land Law Reform Association a chuireadh air chois ann an Lunnainn anns a’ Mhàrt ochd ceud deug, ochdad ’s a trì (1883). Dh’atharraich iad an ainm gu Highland Land League trì bliadhna às dèidh sin. ’S ann orrasan a tha Màiri ag aithris nuair a sgrìobhas i ‘muinntir Lunnainn’:

Beannachd uainn gu muinntir Lunnainn, Sheas cho duineil air ar ceann, ’S gum faod sinn labhairt le dànachd, Aig Beul-àtha nan Trì Allt.

Tha Màiri Mhòr cuideachd ag ainmeachadh fear anns an dàn air a bheil MacCaluim, a bha na ghaisgeach dhi, agus do na croitearan:

Chunnaic sinn bristeadh na fàire, ’S neòil na tràillealachd air chall, An latha a sheas MacCaluim làimh rinn, Aig Beul-àtha nan Trì Allt.

Cò bh’ ann am MacCaluim? Uill, b’ esan ministear ainmeil a sheas còraichean nan croitearan agus còraichean nan Gàidheal – an t-Urramach Dòmhnall MacCaluim. Bha e na mhinistear anns an Eilean Sgitheanach aig àm strì an fhearainn, agus an uair sin ann an Leòdhas, ach cha do bhuin e do dh’eilean seach eilean dhiubh sin. Chuir Dòmhnall seachad ùine anns a’ phrìosan airson na rinn e as leth an t-sluaigh. Innsidh mi tuilleadh dhuibh mu dheidhinn anns an ath Litir.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na Litreach: Beul-àtha nan Trì Allt: ‘the ford of the three burns’; osna mhuladach: a sorry sigh; dànachd: boldness.

Abairtean na Litreach: tha an t-àite air a chuimhneachadh: the place is remembered; tha nise dà fhichead bliadhn’, ach ceithir mìosan:its now four months short of forty years; bhon ghabh mi beannachd dhe mo chàirdean:since I farewelled my friends and relations; coinneamh phoblach aig croitearan à ceann an iar-thuath an Eilein Sgitheanaich:a public meeting of crofters from the north-west of Skye; Sniothasort, Diùranais, Bhatairnis agus Bràcadail:Snizort, Duirinish, Vaternish and Bracadale; aig àm strì an fhearainn: at the time of the land struggle; air an dearbh làraich: on the same site; a’ tarraing misneachd bhon chuimhne: drawing encouragement from the memory; ’s iomadh ceann a chaidh an currac: many a head went in a [death] hood ie much time has elapsed; a’ tional às gach ceàrna: gathering from each area; mar a bhàrcas tuil nam beann: like the mountain flood rushes forth; teachdaireachd na slàinte: the message of salvation; a cheart cho dealasach:just as committed; nach bu chòir cumhachd fuadachaidh a bhith aig uachdarain tuilleadh:that landlords should no longer have the power to clear people; mnathan a’ Bhràighe: the women of Braes; dìol mo chàirdean aig an àm:the fate of my friends at the time; nuair nochd poileasman no dhà: when a policeman or two appeared; [a] sheas cho duineil air ar ceann: who gave us manly leadership; neòil na tràillealachd air chall: the clouds of slavery disappearing; an latha a sheas MacCaluim làimh rinn: the day MacCallum stood with us; cha do bhuin e do dh’eilean seach eilean dhiubh sin: he didn’t belong to either of those islands; chuir Dòmhnall seachad ùine anns a’ phrìosan airson na rinn e as leth an t-sluaigh: Donald spent time in prison for what he did for the people.

Puing-chànain na Litreach: ’S iomadh moladh a rinn i orra: many’s the time she praised them . Remember that we can start a sentence of this nature with ’s iomadh. Try to use it in something you say today! ’S iomadh turas a chuala mi sin ‘I’ve heard that many times’; ’s iomadh latha fliuch a bh’ againn am-bliadhna ‘we’ve had many wet days this year’; ’s iomadh duine a dh’fhuiling ciùrradh ‘many a person suffered torture’.

Gnàthas-cainnt na Litreach: a sheas còraichean nan croitearan: who stood up for the rights of [the] crofters.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 465

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean