As t-fhoghar an-uiridh bha mi ann am Muile, a’ bruidhinn ri sean is òg mu
    dhualchas na Gàidhlig co-cheangailte ri mamailean mara. Bha ùidh mhòr aig
    daoine anns na creutairean macmeanmnach a bha uaireigin ‘beò’ anns na
    cuantan.
    Tha mi a’ beachdachadh gu h-àraidh air a’ Chìrean Chròin. Chan eil fios dè
    an coltas a bh’ air a’ chreutair seo ach bha e mòr. Tha e a’ nochdadh anns
    an rann thraidiseanta seo:
    
        Seachd sgadain sàth bradain,
        
        Seachd bradain sàth ròin,
        
        Seachd ròin sàth muice-mara,
        
        Seachd mucan-mara sàth Cìrein Cròin.
    
    A bheil sibh a’ tuigsinn ‘sàth’? Tha e a’ ciallachadh na dh’fheumas
    rudeigin – no cuideigin – ithe airson a bhith làn no sàsaichte. Seachd
    sgadain, sàth bradain. Bidh bradan ag ithe seachd sgadain mus bi e
    sàsaichte. Seo agaibh an rann a-rithist:
    
        Seachd sgadain sàth bradain,
        
        Seachd bradain sàth ròin,
        
        Seachd ròin sàth muice-mara,
        
        Seachd mucan-mara sàth Cìrein Cròin.
    
    Mus can mi dad eile, feumaidh mi aon chùis dragh a thogail. Cha mhòr gun
    robh duine am measg na cloinne a bha eòlach air an fhacal sgadan.
    No eadhon air herring ann am Beurla. Cha robh duine aca air sgadan
    ithe no fhaicinn. ʼS ann air saoghal an iasgaich air taobh
    an iar na Gàidhealtachd a thàinig an dà latha!
    Ach air ais don rann. Dè fon ghrèin a th’ ann, no a bh’ ann, an Cìrean
    Cròin? Cha ghabh e eadar-theangachadh agus chan eil fios aig duine dè an
    coltas a bh’ air a’ chreutair. Rinn na Muilich òga dealbhan iongantach
    dheth. Bha cuid dhiubh coltach ri crùbagan mòra, bha cuid coltach ri
    ochd-chasaich mhòra agus bha feadhainn na bu choltaiche ri muc-mhara
    iongantach le fiaclan eagallach na ceann!
    Chaidh dreach eile dhen rann a chlàradh a tha a’ dol eadhon nas fhaide.
    Agus chan e Cìrean Cròin a th’ air a’ bheathach, ach Cionaran-crò.
    An turas seo, ge-tà, tha creutair eadhon nas motha ann na ʼn Cionaran-crò.
    Seo agaibh an rann:
    Seachd sgadain sàth bradain, 
    
    Seachd bradain sàth ròin,
    <
    Seachd ròin sàth muc-mhara bheag,
    
    Seachd mucan-mara beaga, sàth muc-mhara mhòr,
    
    Seachd mucan-mara mòra, sàth cionarain-crò,
    
    Seachd cionarain-crò, sàth mial mhòr a’ chuain.
    Dè fon ghrèin a th’ ann am mial mhòr a’ chuain? Uill, chaidh
    eadar-theangachadh mar Great Leviathan of the Sea. Agus tha am
    facal mial aithnichte anns an t-seann Ghàidhlig, a’
ciallachadh ‘creutair mòr’ agus ‘muc-mhara’. Gu dearbh ʼs e    míol mór a chanas na h-Èireannaich ri ‘muc-mhara’ ann an Gàidhlig
    na h-Èireann.
    Agus a bheil càil againn ann am beul-aithris mun Chionaran-crò? Uill, tha –
    à Carmina Gadelica, agus chaidh a chruinneachadh ann an ceann a
    tuath Leòdhais, ann an sgìre Nis.
    Fhuair Alasdair MacIlleMhìcheil an stòiridh bho bhodach air an robh Aonghas
    Gunnach. Bha Aonghas ochdad ʼs a ceithir bliadhn’ a dh’aois. Bha e air a
    bhith a’ fuireach fad ùine mhòr ann an Eilean Rònaigh – eilean beag anns a’
    chuan, tuath air Leòdhas, dha bheil ceanglaichean làidir aig muinntir Nis
    chun an latha an-diugh. Nì mi cunntas air aithris Aonghais anns an ath
    Litir.