ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

884: A’ Chorra-mhonaidh (2)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Gaelic Gàidhlig

Bha mi a’ bruidhinn mun chorra-mhonaidh an t-seachdain sa chaidh – crane ann am Beurla. Tha ainmean-àite a chaidh a chruthachadh anns an t-Seann Bheurla agus Seann Lochlannais ag innse dhuinn gun robh iad air feadh Shasainn uaireigin. Seo eisimpleirean às an t-Seann Bheurla – Cranbourne, a tha a’ ciallachadh ‘allt corra-mhonaidh’, Cranmore ‘sliabh corra-mhonaidh’ agus Cornewell ‘fuaran corra-mhonaidh’. Seo eisimpleirean às an t-Seann Lochlannais – Tranmoor agus Tranmire a’ ciallachadh ‘boglach corra-mhonaidh’, Tranby ‘baile-fearainn corra-mhonaidh’ agus Trantrams ‘lochan corra-mhonaidh’.

Tha ainmean mar sin sa Chuimrigh – mar eisimpleir Afon Garan ‘abhainn na corra-mhonaidh’ agus anns a’ Chòrn far a bheil Rezgaran ‘ath na corra-mhonaidh’ air atharrachadh ann am Beurla gu Rosegarden. Ann an taobh sear na h-Alba tha eisimpleirean ann a thàinig bhon t-Seann Bheurla – Cranshaws ‘doire corra-mhonaidh’, Cranbog Moss ‘boglach corra-mhonaidh’ agus Cranloch ‘loch corra-mhonaidh’. Gu math tric tha na h-ainmean ann an àiteachan fliucha – an seòrsa àrainn far an lorgar corrachan-monaidh.

Carson nach eil eisimpleirean air a’ Ghàidhealtachd? Tha e doirbh a bhith cinnteach, ach tha aon rud soilleir – chan eil an aimsir ro fhuar dhi air a’ Ghàidhealtachd. Aig àm an neadachaidh, tha i air a lorg thairis air Lochlann agus an Ruis suas gu seachd mìle troigh os cionn na mara. Anns a’ gheamhradh, ge-tà, bidh i a’ trèigsinn a’ chinn a tuath agus a’ dèanamh air àiteachan blàtha – mar eisimpleir ann an Sìona, na h-Ìnnseachan agus Afraga.

’S e an duilgheadas a th’ ann air a’ Ghàidhealtachd nach eil eadhon a’ chorra-ghritheach air a h-ainmeachadh gu tric. Agus uaireannan, chan eil e soilleir an e a’ chorra-ghritheach a th’ ann no corra eile – a’ chorra-mhonaidh. Tha eisimpleir aig Rubha nan Corra air Loch Seile. Chanainn gur e ‘ the point of the herons’ as coltaiche mar chiall don ainm, seach ‘the point of the cranes’, ach chan eil sin dearbhte.

Tha a’ chorra-mhonaidh air tilleadh gu nàdarrach, ann an àireamhan beaga, gu Sasainn agus Èirinn. Agus tha sgeulachd againn à beul-aithris nan Gàidheal a tha car taiceil don smuain nach robh i riamh pailt air a’ Ghàidhealtachd, ged a bha i nàdarrach ann an Èirinn.

Bha Calum Cille ann an Eilean Ì. Thuirt e ri manach gun tigeadh corra-mhonaidh an ceann trì latha agus gu feumadh am manach suidhe air taobh an iar an eilein gus an tigeadh i. Bha an t-eun sin dùthchasach do dh’Èirinn ach cha robh do dh’Alba.

Rinn am manach na chaidh iarraidh air. Aig an uair cheart, thàinig a’ chorra-mhonaidh. Bha i claoidhte. Thog am manach i agus thug e dhachaigh i. Thug e biadh dhi agus rinn e cobhair oirre. Air an fheasgar sin, thàinig Calum Cille seachad air agus thug e taing dha. Ach thuirt e gum biodh an t-eun ag iarraidh falbh a-rithist an ceann trì latha.

Dìreach mar a thuirt an naomh, bha a’ chorra-mhonaidh deiseil airson Ì fhàgail aig ceann trì latha. Leig am manach mu sgaoil i. Chaidh i an àirde ’s an àirde. Mu dheireadh, thionndaidh i gu deas agus rinn i air Èirinn. Bha Calum Cille air a chùl a chur ri Èirinn, ach bha a’ chorra-mhonaidh a’ tilleadh dhachaigh.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na Litreach : Sìona: China; Na h-Ìnnseachan: India; Loch Seile: Loch Shiel; Calum Cille: St Columba; Eilean Ì: Iona; claoidhte: exhausted; naomh: saint.

Abairtean na Litreach : Tha ainmean-àite a chaidh a chruthachadh anns an t-Seann Bheurla agus Seann Lochlannais ag innse dhuinn: place names that were created in Old English and Old Norse tell us; air feadh Shasainn uaireigin: at one time throughout England; tha ainmean mar sin sa Chuimrigh … agus anns a’ Chòrn: there are names like that in Wales … and in Cornwall; an seòrsa àrainn far an lorgar corrachan-monaidh: the sort of habitat where cranes are found; tha e doirbh a bhith cinnteach, ach tha aon rud soilleir: it’s hard to be sure, but one thing is clear; aig àm an neadachaidh: at breeding (nesting) time; tha i air a lorg thairis air Lochlann agus an Ruis: it is found across Scandinavia and Russia; suas gu seachd mìle troigh os cionn na mara:up to seven thousand feet above the sea; bidh i a’ trèigsinn a’ chinn a tuath agus a’ dèanamh air àiteachan blàtha:it abandons the north and makes for warm places; nach eil eadhon a’ chorra-ghritheach air a h-ainmeachadh gu tric:that not even the heron is often named; chan eil sin dearbhte: that’s not proven; nach robh i riamh pailt air a’ Ghàidhealtachd: that it was never numerous in the Highlands; gun tigeadh corra-mhonaidh an ceann trì latha: that a crane would come in three days time; gu feumadh am manach suidhe air taobh an iar an eilein: that the monk would have to sit on the west side of the island; dùthchasach do dh’Èirinn: native to Ireland; na chaidh iarraidh air: what was requested of him; thug e taing dha: he thanked him; leig am manach mu sgaoil i: the monk released it; thionndaidh i gu deas: it turned south; bha X air a chùl a chur ri Èirinn: X had turned his back on Ireland.

Puing-chànain na Litreach : Although I have gone with corra-mhonaidh for ‘crane’ and corra-ghritheach for ‘heron’, it is important to note that Dwelly’s dictionary gives corra-mhonaidh as the Gaelic for ‘crane’, ‘stork’ and ‘heron’. It also gives corra-ghritheach as meaning ‘crane’, ‘stork’ and ‘heron’! In other words, the corra- names (and there are a few) refer to any crane-like bird. It makes sense, in the modern era, to standardise the terminology, as has happened in English.

Gnàthas-cainnt na Litreach : rinn e cobhair oirre : he assisted it [fem].

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 580

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean