FaclairDictionary EnglishGàidhlig

976: Na Ceiltich (7)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Na Ceiltich (7)

Gaelic Gàidhlig

Bha ar-a-mach anns a’ Chòrn ann an ceithir cheud deug, naochad ʼs a seachd (1497). Bha rìgh Shasainn, Eanraig VII, a’ cur chìsean a bharrachd air daoine oir bha e ag iarraidh pàigheadh airson cogadh an aghaidh Alba. Cha robh na Còrnaich deònach na cìsean a phàigheadh. Dh’fhalbh armailt às a’ Chòrn agus rinn iad air Lunnainn mus deach stad a chur orra.

Ann an còig ceud deug, ceathrad ʼs a naoi (1549), bha ar-a-mach eile anns a’ Chòrn. Bha an rìgh, Eideard VI, agus an Eaglais Shasannach, a’ toirt air daoine a bhith a’ cumail ri nòsan Pròstanach, agus a bhith a’ cleachdadh leabhar-ùrnaigh Beurla, seach Laidinn. Bha mòran anns a’ Chòrn fhathast Caitligeach, agus air an taobh an iar dhen dùthaich bha an cànan aca fhathast làidir. Cha robh na Còrnaich idir toilichte gum biodh a’ Bheurla Shasannach air a sparradh orra ann an creideamh.

Dh’fhàs an t-ar-a-mach gu math fuilteach. Chaidh armailt Sasannach, le còrr is ochd mìle duine ann, a-steach don Chòrn. Rinn iad sgrios ann am mòran sgìrean. Thathar a’ dèanamh dheth gun robh còrr is còig mìle duine Còrnach air am marbhadh mus robh an gnothach seachad.

Dhiùlt an Eaglais Shasannach leabhar-ùrnaigh a dhèanamh ann an Còrnais, agus chrìon an cànan anns na ginealaich an dèidh an ar-a-mach. Bha iomadh adhbhar ann airson sin. Nam measg bha – nach robh Bìoball Còrnais ann, gun do sguir na dealbhan-cluiche mìorbhailteach ann an Còrnais, gun do lagaich na ceanglaichean leis a’ Bhreatainn Bhig agus gun do ghluais Sasannaich a-steach don dùthaich.

Ged nach eil uiread de dh’fhèin-riaghladh aig a’ Chòrn ʼs a th’ aig na dùthchannan Ceilteach eile ann am Breatainn is Èirinn, tha fèin-aithne Chòrnach aig mòran fhathast. Mu mheadhan an ochdamh linn deug, ʼs e glè bheag de dhaoine a bha a’ bruidhinn gu làitheil ann an Còrnais. Bha i air a cumail beò le sgoilearan a-mhàin. Ann an naoi ceud deug ʼs a ceithir (1904) dh’fhoillsich fear dhiubh, Eanraig Jenner, A Handbook of the Cornish Language. Bhrosnaich sin daoine gus an cànan ath-bheothachadh anns an fhicheadamh linn.

Lean sgoilearan eile air, leithid Robert Morton Nance agus Ken George, ach cha robh iad uile a’ tarraing air an aon ràmh a thaobh litreachadh a’ chànain. Gu dearbh, bha feadhainn dhiubh an ugannan a chèile mu dheidhinn. ʼS ann dìreach o chionn deich bliadhna a chaidh nòs litreachaidh coitcheann aontachadh.

Fhuair Còrnais inbhe oifigeil le Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte fo Chairt Eòrpach nam Mion-chànanan ann an dà mhìle ʼs a dhà (2002). Agus ann an dà mhìle ʼs a deich (2010), dh’atharraich UNESCO a beachd air a’ chànan. Roimhe sin, bha iad a’ cumail a-mach gun robh Còrnais cho marbh ri sgadan. A-nise, tha i air a clàradh mar chànan ‘ath-bheothaichte’. ʼS e clach-mhìle mhòr a bha sin do luchd-strì a’ chànain.

Tha strì fhathast aig a’ Chòrn, ge-tà, a thaobh aithneachadh. Gu math tric, bidh Sasannaich ga ceangal ri Devon, ga tomhas mar shiorrachd Shasannach àbhaisteach, no ga h-aithneachadh dìreach mar phàirt dhen ‘ West Country’. Ach tha a’ Chòrn eadar-dhealaichte oir tha fèin-aithne Cheilteach aca, agus tha an cànan aca beò fhathast. Anns a’ chunntas-sluaigh mu dheireadh, thuirt ceithir cheud, seasgad ʼs a ceithir duine anns a’ Chòrn gum b’ e Còrnais am prìomh chànan aca.

Faclan na Litreach: armailt: army; Caitligeach: Catholic; creideamh:religion; gu làitheil: daily; ath-bheothaichte: revitalised.

Abairtean na Litreach: Bha ar-a-mach anns a’ Chòrn: there was a revolt in Cornwall; bha rìgh Shasainn, Eanraig VII, a’ cur chìsean a bharrachd air daoine: the king of England, Henry VII, was raising addition taxes [on people]; bha e ag iarraidh pàigheadh airson cogadh an aghaidh Alba: he was wanting to pay for a war against Scotland; bha X a’ toirt air daoine a bhith a’ cumail ri nòsan Pròstanach: X was forcing people to adopt Protestant practices; leabhar-ùrnaigh Beurla, seach Laidinn: an English prayer-book, rather than Latin; chrìon an cànan anns na ginealaich an dèidh an ar-a-mach: the language declined in the generations after the revolt; ged nach eil uiread de dh’fhèin-riaghladh aig a’ Chòrn: although Cornwall doesn’t have the same amount of self-government; bhrosnaich sin daoine gus an cànan ath-bheothachadh: that encouraged people to revitalise the language; cha robh iad uile a’ tarraing air an aon ràmh: they weren’t all agreeing; bha feadhainn dhiubh an ugannan a chèile: some of them were at loggerheads; a chaidh nòs litreachaidh coitcheann aontachadh: that a common spelling was agreed; fo Chairt Eòrpach nam Mion-chànanan: under the European Charter for Minority Languages; ga tomhas mar shiorrachd Shasannach àbhaisteach: assess it as an ordinary English county; tha fèin-aithne Cheilteach aca: they have a Celtic identity; anns a’ chunntas-sluaigh mu dheireadh: in the last census; gum b’ e Còrnais am prìomh chànan aca: that Cornish was their primary language.

Puing-chànain na Litreach: Cha robh na Còrnaich idir toilichte gum biodh a’ Bheurla Shasannach air a sparradh orra: the Cornish were not at all happy that the English language would be forced on them against their will. Sparradh is a good term that is difficult to translate with just one English word. And, as it starts with sp - we don’t have to worry about whether to lenite it – as the ‘sp’ combination cannot be lenited; thus it’s a word that Gaelic learners will welcome!

Gnathas-cainnt na Litreach: gun robh Còrnais cho marbh ri sgadan:that Cornish was as dead as a doorpost [‘herring’].

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 672

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean