FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1118: A’ Ghàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu (2)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

A’ Ghàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu (2)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mun làraich-lìn ‘Sgeul na Gàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu’. Anns an t-seachdamh linn deug, chithear daoine le ainmean Gàidhealach a’ nochdadh air na liostaichean de luchd-ceumnachaidh, cha mhòr a h-uile bliadhna. Bha dà bhuidhinn ann gu sònraichte – na daoine-uaisle agus feadhainn a bha a’ trèanadh airson na ministrealachd.

Am measg sin bha teaghlach MhicDhùghaill Dhùin Olaidh ann an Earra-Ghàidheal. Tràth anns an t-seachdamh linn deug, b’ e an ceann-cinnidh aca Sir Iain MacDhùghaill. Chuir esan a cheathrar mhac a Ghlaschu airson an cuid foghlaim. Cheumnaich am mac a bu shine aige, Alasdair, ann an sia ceud deug is trithead (1630).

B’ e cinneadh eile a bha co-cheangailte ris an oilthigh – Dòmhnallaich Shlèite às an Eilean Sgitheanach. Bha an t-oilthigh a’ sireadh taic-airgid airson togalaichean a leasachadh. Am measg na chuir airgead thuca, bha Dòmhnall Gorm Òg, ceannard Dòmhnallaich Shlèite. Thug esan ceud not dhaibh airson leabharlann ùr a leasachadh.

A’ bhliadhna às dèidh sin, chuir Dòmhnall Gorm a mhac, Seumas, a dh’Oilthigh Ghlaschu. An ceann tìde, bha Seumas na cheannard air a’ chinneadh. Thug e taic mhòr do bhàird Ghàidhlig. Sgrìobh am bàrd ainmeil, Iain Lom, dà dhàn mu Sheumas – dàn-molaidh agus marbhrann nuair a chaochail e.

Bha na h-uaislean Leòdach an sàs san oilthigh cuideachd. Bha Ruairidh Mòr MacLeòid na cheannard air Clann MhicLeòid Dhùin Bheagain agus na Hearadh – no Sìol Thormoid. Chaidh na mic aige – Iain Mòr, Uilleam agus Tormod – a dh’Oilthigh Ghlaschu. B’ e Tormod am fear a b’ òige dhiubh. Fhuair e Eilean Bheàrnaraigh ann an Caolas na Hearadh mar oighreachd-fearainn. Bha e gu mòr a’ brosnachadh bàrdachd na Gàidhlig. Chaidh dàin-mholaidh a sgrìobhadh mu dheidhinn fhèin. Am measg na mhol e ann an sgrìobhadh, bha a’ bhana-bhàrd chliùiteach, Màiri Nighean Alasdair Ruaidh.

An cinneadh Gàidhealach a bu mhotha a bha co-cheangailte ri Oilthigh Ghlaschu anns na làithean ud, ge-tà – b’ iad sin na Caimbeulaich. Anns an t-seachdamh linn deug, chuir Gilleasbaig Caimbeul, Mac Cailein Mòr, a dhithis mhac don oilthigh. Bha Gilleasbaig am measg nan daoine a bu chumhachdaiche ann an Alba aig an àm sin. Bha e an sàs gu mòr ann an Cogaidhean nan Cùmhnantach, air taobh nan Cùmhnantach. Fhuair cuid de na Caimbeulach taic airgid bhon riaghaltas ann an Dùn Èideann airson a bhith nan oileanaich, oir ʼs e Pròstanaich a bh’ annta. Bha iad comasach air a dhol am measg nan Gàidheal, agus facal Dhè a sgaoileadh.

Aig an àm sin, cha robh am Bìoball ri fhaighinn ann an Gàidhlig. Ann an sia ceud deug, ceathrad ʼs a naoi (1649), cho-dhùin Seanadh Earra-Ghàidheal de dh’Eaglais na h-Alba Leabhar-cheist Gàidhlig fhoillseachadh. Thagh iad sgioba de sheachdnar a dhèanadh an obair. Bha sianar aca air ceumnachadh à Oilthigh Ghlaschu.

Goirid an dèidh sin, rinn an Seanadh cruinneachadh de chaogad salm ann an Gàidhlig. Bha luchd-ceumnachaidh à Oilthigh Ghlaschu am measg na chuir sin ri chèile. Agus bha daoine a bh’ air a dhol tron oilthigh anns a’ mhòr-chuid ann am buidheann a bha a’ dol a dh’eadar-theangachadh an t-Seann Tiomnaidh gu Gàidhlig. Cha do thachair e, ge-tà. Innsidh mi dhuibh tuilleadh an-ath-sheachdain.

Faclan na Litreach: MacDhùghaill Dhùin Olaidh: MacDougall of Dunollie; làmh-sgrìobhainn: manuscript; Leabharlann Nàiseanta na h-Alba: The National Library of Scotland; cinneadh: clan; dàn-molaidh: a praise poem; marbhrann: elegy; mic: sons; Pròstanaich: Protestants.

Abairtean na Litreach: ag innse dhuibh mun làraich-lìn: telling you about the website; chithear daoine le ainmean Gàidhealach a’ nochdadh air na liostaichean de luchd-ceumnachaidh: people with Gaelic names appear on the lists of graduates; cha mhòr a h-uile bliadhna: almost every year; na daoine-uaisle agus feadhainn a bha a’ trèanadh airson na ministrealachd: the gentry and those who were training for the ministry; a cheathrar mhac: his four sons; cheumnaich am mac a bu shine aige: his eldest son graduated; ceannard Dòmhnallaich Shlèite: the head of the MacDonalds of Sleat; airson leabharlann ùr a leasachadh: to develop a new library; sgrìobh am bàrd ainmeil, Iain Lom, dà dhàn: Iain Lom, the famous poet, wrote; b’ e Tormod am fear a b’ òige dhiubh: Norman was the youngest of them; an cinneadh Gàidhealach a bu mhotha a bha co-cheangailte ri Oilthigh Ghlaschu – b’ iad sin na Caimbeulaich: the clan most associated with the University of Glasgow – that was the Campbells; am measg nan daoine a bu chumhachdaiche: among the most powerful men; an sàs gu mòr ann an Cogaidhean nan Cùmhnantach: heavily involved in the Covenanting Wars; air taobh nan Cùmhnantach: on the side of the Covenanters; agus facal Dhè a sgaoileadh: to spread the word of God; cha robh am Bìoball ri fhaighinn ann an Gàidhlig: the Bible was not available in Gaelic; cho-dhùin Seanadh Earra-Ghàidheal de dh’Eaglais na h-Alba Leabhar-cheist Gàidhlig fhoillseachadh: the Synod of Argyll of the Church of Scotland decided to publish a Gaelic catechism; cruinneachadh de chaogad salm: a collection of fifty psalms; anns a’ mhòr-chuid: in the majority; a’ dol a dh’eadar-theangachadh an t-Seann Tiomnaidh: going to translate the Old Testament.

Puing-chànain na Litreach: Clann MhicLeòid Dhùin Bheagain agus na Hearadh – no Sìol Thormoid: the MacLeods of Dunvegan and Harris or the descendants of Norman. This type of hypocoristic name for a clan, based on the progenitor (whether real or imaginary), is not uncommon. The Campbells are similarly known as Sìol Dhiarmaid ‘the descendants of Diarmad’. However, the Campbell chief has his own hypocoristic name – Mac Cailein Mòr ‘son of Big Colin’. In a similar way, the chief of the Frasers of Lovat is known as Mac Shimidh ‘son of Simon’.

Gnàthas-cainnt na Litreach: An ceann tìde: in time, after a period.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 814

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean