ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

154: Sùla Sgeir

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Audio is playing in pop-over.

Gaelic Gàidhlig

Thathar ag ràdh mas toigh leibh guga, gu bheil fuil Niseach a’ sruthadh nur cuislean. Chan eil daoine eile cho measail ’s a tha na Nisich air gugaichean – sùlairean òga. Agus leanaidh muinntir Nis le seann chleachdadh fhathast, anns am bi feadhainn a’ falbh a-mach gach samhradh gu ruige Sùla Sgeir airson gugaichean a ghlacadh. Ach saoilidh mi gu bheil e car annasach mar a tha daoine eile a’ cur sìos air blas a’ ghuga oir, mar as trice, is toigh leotha fhèin cearc-fheòil agus iasg, agus tha an guga letheach-slighe eadar na dha!

Tha Sùla Sgeir cho fad’ air falbh o àiteachan eile, cho beag is cho doirbh faighinn air is dheth, ’s gu bheil e iongantach gu robh daoine uaireigin a’ fuireach ann. Tha i còrr is ceathrad mìle gu tuath air Eilean Leòdhais, agus aona mhìle dheug gu siar air Rònaigh.

Uill, ’s dòcha nach robh daoine a’ fuireach air an sgeir fada oir chan eil tobar no fuaran oirre is cha bhiodh uisge, no bùrn, aca ri òl. ’S dòcha gur ann dìreach as t-samhradh a bhiodh iad ann nuair a gheibheadh iad biadh gu leòr le bhith a’ glacadh eòin-mhara. Ach tha fhios againn gum biodh uaireigin manaich a’ falbh a-mach gu eileanan iomallach airson fuireach orra, agus tha togalach cloiche ann an Sùla Sgeir a dh’fhaodadh a bhith na chealla.

Nuair a chaidh muinntir an t-Suirbhidh Òrdanais ann, ann am meadhan an naoidheamh linn deug, lorg iad grunn bhothan. Sgrìobh iad gur e am fear a bu shine is a bu mhò dhiubh “an Teampall”. Mun aon àm, chaidh T.S. Muir ann agus sgrìobh esan gum b’ e ainm an togalaich seo “An Taigh Beannaichte”, agus gu robh mullach air.

An là an-diugh, chan eil daoine ag aontachadh mun togalach. Tha cuid a’ dèanamh dheth gu robh e air a chleachdadh dìreach le fir Nis, airson fuireach ann, nuair a chaidh iad ann airson gugaichean. Tha cuid eile ag ràdh gum biodh na h-eunadairean ag adhradh ann. Ach cha chuala Muir beul-aithris sam bith a dh’innseadh dha cò an duine, no cò na daoine, a dh’fhaodadh a bhith co-cheangailte ris.

Ach fhuair an Suirbhidh Òrdanais fios air a sin bho dhithis a bhuineadh do Nis. B’ e a’ chiad sgeulachd gu robh fear ann o chionn fhada, air an robh Maoldòmhnaich mar ainm, a bha a’ fuireach ann an Rònaigh. Feumaidh gun do rinn e rudeigin ceàrr agus chaidh a thoirt a-null a Shùla Sgeir, far an do dh’fhuirich e ann am bothan beag. Nuair a chaidh bàta ann air a shon as dèidh còig no sia seachdainean, bha e marbh. Tha e coltach gur e cion-bìdh no cion-uisge a chur às dha.

Tha an sgeulachd eile ag innse mu bhoireannach, Brianuilt, tè de na peathraichean aig an naomh Rònan, a bha a’ fuireach ann an Rònaigh còmhla ris an naomh. Bha e fhèin is i fhèin a’ coiseachd còmhla là a bha seo nuair a dh’innis e do phiuthar cho tarraingeach ’s a bha i dha. Shaoil ise gum biodh e glic dhi falbh, agus chaidh i a dh’fhuireach ann an Sùla Sgeir far am faiceadh i eilean a bràthar fhathast.

Is tha àiteachan ann an Sùla Sgeir a’ cumail cuimhne air Brianuilt fhathast, agus mar a bhiodh i na suidhe, a’ coimhead thar a’ chuain a dh’ionnsaigh Rònaigh – àiteachan mar Suidhe Bhrianuilt agus Bealach an t-Suidhe. Agus tha e coltach gur e an t-ainm a bha uaireigin aig muinntir Nis airson an t-sùlaire – eun Bhrianuilt.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na Litreach: guga: guga, young of gannet or solan goose; Nisich: people of Ness; sùlairean: gannets; annasach: unusual; ceathrad: forty; Rònaigh: (North) Rona; manaich: monks; togalach cloiche: a stone building; cealla: religious cell; Suidhe Bhrianuilt: Brianuilt’s Seat; Bealach an t-Suidhe: the Pass of the Seat.

Abairtean na Litreach: gu bheil fuil Niseach a’ sruthadh nur cuislean: that Ness blood runs in your veins; leanaidh X le seann chleachdadh:X follows with an old practice; mar a tha daoine eile a’ cur sìos air X: as others criticise X; cho doirbh faighinn air is dheth: so difficult to get on and off; le bhith a’ glacadh eòin-mhara: by catching seabirds; nuair a chaidh muinntir an t-Suirbhidh Òrdanais ann: when the Ordnance Survey people went there; lorg iad grunn bhothan: they found a few bothies; an Taigh Beannaichte:the Blessed House; tha cuid a’ dèanamh dheth: some reckon; tha cuid eile ag ràdh gum biodh na h-eunadairean ag adhradh ann: some others say that the birders would worship there; feumaidh gun do rinn e rudeigin ceàrr: he must have done something wrong; tha e coltach gur e cion-bìdh no cion-uisge a chuir às dha: it appears that a lack of food and a lack of water that did for him; tè de na peathraichean aig an naomh Rònan: one of the sisters of St Ronan; nuair a dh’innis e do phiuthar cho tarraingeach ’s a bha i dha: when he told his sister how attractive she was to him; shaoil ise gum biodh e glic dhi falbh: she thought it would be wise for her to leave; a’ coimhead thar a’ chuain a dh’ionnsaigh Rònaigh: looking across the ocean towards Rona.

Puing-ghràmair na Litreach: ’s dòcha nach robh daoine a’ fuireach air an sgeir fada: probably people were not living long on the rock. I hope that fadahere did not confuse you and make you think it was referring to the sgeir itself. Let us analyse which case sgeir is in:it is preceded by a simple preposition (air), so it is in the dative or prepositional case. If the fada referred to the sgeir, it would be lenited as it would be an adjective qualifying the dative noun, ie for “they were not on the long rock”, we would say cha robh iad air an sgeir fhada. This is the same as saying tha iad air a’ bhòrd mhòr, with the mòr lenited following the lenited bòrd. But for “they were not on the rock long”, fada is acting as an adverb and is qualifying the verb not the noun. Thus we would say cha robh iad air an sgeir fada or cha robh iad fada air an sgeir. For “they were not long on the long rock” you could say cha robh iad fada air an sgeir fhada. There are two other points to be made. Fadastill lenites when qualifying a dative singular noun even though “sg” cannot lenite – this is a general rule in Gaelic. Secondly sgeiris a feminine noun and one might expect a qualifying adjective to slenderise in the dative singular (eg anns an eaglais bhig, don nighinn òig ), but fada does not slenderise. These exceptions to rules keep us on our toes!

Gnàthas-cainnt na Litreach: tha an guga letheach-slighe eadar na dhà: the guga is halfway between the two.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean