FaclairDictionary EnglishGàidhlig

245: Geamhraidhean fuara sneachdach

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Geamhraidhean fuara sneachdach

Gaelic Gàidhlig

An t-seachdain sa chaidh, bha mi ag innse dhuibh mu thuathanaich is croitearan, agus caoraich gu dearbh, a dh’fhulaing nuair a thàinig sneachd mòr air a’ Ghaidhealtachd o chionn bhliadhnaichean. Bha e dona gu leòr, ’s dòcha, ann an seachdad ’s a h-ochd (1978) is leth-cheud ’s a còig (1955), agus anns na bliadhnaichean ceathrad ’s a seachd (1947) is seasgad ’s a trì (1963). Ach ma thèid sinn air ais barrachd na dà cheud bliadhna, tha e coltach gu robh geamhraidhean fada na bu mhiosa ann.

Thathar ag aithris gu robh an t-uamhas sneachda ann an seachd ceud deug, seachdad ’s a dhà (1772) agus gun d’ fhuair seachd cìobairean deug bàs anns an fhuachd. Trì bliadhna fichead às dèidh sin, bha aithrisean ann de chathaidhean ann an coireachan air a’ Ghaidhealtachd a ràinig doimhneachd de cheud troigh – còrr is trithead meatairean.

Nuair a bha geamhraidhean fuara sneachdach mar sin ann, bhiodh Albannaich a’ cluich gu tric air deigh, agus ’s e an spòrs a bu mhò a bh’ aca ann am mòran sgìrean – tè ris an canar curling ann am Beurla. Nise, sgrìobh mi air a’ chuspair seo ann an Litir o chionn dà bhliadhna, agus cha robh fios agam aig an àm gu dè a’ Ghàidhlig a bh’ air curling oir cha robh e air a chluich gu mòr air taobh an iar na Gaidhealtachd no anns na h-eileanan, far a bheil an cànan as làidire an-diugh.

Bhon uair sin, chaidh mo chur ceart. Bhiodh na Gaidheil ann am meadhan is taobh an ear na Gaidhealtachd, far a bheil na geamhraidhean nas fhuaire na tha iad air an taobh an iar, a’ gabhail “cròladh” air. Agus chuala mi am facal a-rithist an là eile nuair a bha mi ann an còmhradh le fear à Sràth Spè. Bha e a-mach air mar a bhiodh na daoine anns gach baile anns an sgìre ri cròladh anns a’ gheamhradh air lochan beaga reòta. Gu mì-fhortanach, chan eil na geamhraidhean fuar gu leòr an là an-diugh airson sin, agus feumaidh muinntir an àite siubhal gu ruige Inbhir Nis no Eilginn airson cluich fo chabair air raon-deighe.

Tha fhios gum bi feadhainn ann an Canada ag èisteachd ris na Litrichean agam air an eadar-lìon, agus bu mhath leam cluinntinn bho dhuine sam bith aca a dh’innseas dhomh na chanas iad fhèin ri cròladh ann an Gàidhlig. Agus chòrdadh e rium cluinntinn bho neach-èisteachd nam b’ urrainn dha no dhi innse dhomh rud sam bith mun bhriathrachas Ghàidhlig a tha co-cheangailte ris a’ gheam.

Carson a tha ùidh agam? Uill, chan eil fhios agam am bu chòir dhomh seo aideachadh, ach dh’fheuch mi cròladh airson a’ chiad turas a-riamh o chionn ghoirid. Chan urrainn dhomh ràdh carson a thug e cho fada dhomh, gu h-àraidh leis gu robh clachan cròlaidh taobh a-muigh doras mo nabannan nuair a bha mi òg. Bha iadsan uabhasach measail air a’ gheam. Bhiodh iad a’ cluich ann am pàirc far an cluichinn-sa ball-coise as t-samhradh. Bhiodh a’ chomhairle ionadail ga lionadh le uisge nuair a thigeadh an geamhradh, agus bhiodh na ficheadan, no na ceudan, de luchd-cròlaidh a’ tighinn cruinn oirre airson gheamannan.

Feumaidh mi ràdh gun do chòrd an geam rium an là eile. Bidh cuid ag ràdh gu bheil cròladh car coltach ri bowls air deigh, agus ’s dòcha gu bheil. Ach dhomhsa bha e na bu tlachdmhoire na bowls, leis mar a bhios tu a’ sleamhnadh air an deigh. Agus tha am fuaim a chluinnear nuair a bhuaileas dà chloich na chèile rudeigin àrsaidh prìomhadail. Car coltach rium fhìn, a rèir na cloinne agam!

Faclan na Litreach: cìobairean: shepherds; fuachd: cold; cròladh: curling; Eilginn: Elgin; measail: fond; a’ sleamhnadh: sliding.

Abairtean na Litreach: mu thuathanaich is croitearan, agus caoraich gu dearbh: about farmers and crofters, and sheep indeed; gu robh an t-uamhas sneachda ann:that there was an incredible amount of snow; trì bliadhna fichead às dèidh sin: 23 years after that; de chathaidhean anns na coireachan: of snowdrifts in the corries; a ràinig doimhneachd de cheud troigh: which reached a depth of 100 feet; bhon uair sin, chaidh mo chur ceart: since then I have been put right; nuair a bha mi ann an còmhradh le fear à Srath Spè:when I was in conversation with a man from Strathspey; air lochan beaga reòta: on small frozen lochs; feumaidh X siubhal gu ruige Y:X must travel to Y; airson cluich fo chabair air raon-deighe: to play indoors on an ice rink; bu mhath leam cluinntinn: I would like to hear; a dh’innseas dhomh na chanas iad fhèin ri cròladh: who will tell me what they themselves call curling; rud sam bith mun bhriathrachas Ghàidhlig: anything about the Gaelic vocabulary; gu robh clachan cròlaidh taobh a-muigh doras mo nabannan: that there were curling stones outside my neighbours’ door; dhomhsa bha e na bu tlachdmhoire: to me it was more pleasurable; tha am fuaim a chluinnear nuair a bhuaileas dà chloich na chèile: the noise which is heard when two stones collide;rudeigin àrsaidh prìomhadail: somewhat ancient and primitive; coltach rium fhìn, a rèir mo chuid cloinne: like me, according to my children .

Puing-ghràmair na Litreach: Bhiodh iad a’ cluich ann am pàirc far an cluichinn-sa ball-coise: they would play in a park where I would play football. Do you notice that fartakes the dependent form of the verb? We don’t say far a chluichinn. Similarly we would say sin far a bheil i (that is where she is) not sin far a tha i. I also want to make a point about the verbal tense used in this part of the litir: Bhiodh a’ chomhairle ga lionadh ... nuair a thigeadh an geamhradh... agus bhiodh na ficheadan ...a’ tighinn cruinn. Can you identify it and explain why it is used? It is the past habitual, which is equivalent to the conditional, and I used it because these past events were habitual events – ie every year the council would fill the park with water when the winter came (would come) and the people would come to play curling.

Gnàthas-cainnt na Litreach: Chan eil fhios agam am bu chòir dhomh seo aideachadh: I don’t know if I should admit this.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean