ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

228: Monadh Miongaig

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Audio is playing in pop-over.

Gaelic Gàidhlig

Tha seanfhacal ann an Gàidhlig a bu mhath leam innse dhuibh an toiseach an-diugh oir tha e a’ buntainn ris an àite far an robh sinn an t-seachdain sa chaidh – Srath Eireann ann an Siorrachd Inbhir Nis. Tha còig àiteachan anns an t-srath anns a bheil “Còig” anns an ainm. ’S e seann slat-tomhais air meudachd fearainn a bh’ ann an còig, no còigeamh pàirt, agus tha e beò anns a’ Chòigich ann an Siorrachd Rois faisg air Ulapul.

Seo na còig còigimh ann an Srath Eireann, ma-thà: Còig na Feàrna, the fifth of the alder, Còig na Sìthe, the fifth of the fairy hill, Còig na Fionndarnaich, the fifth of the rank grass, Còig nan Sgàlan, the fifth of the tents or huts, agus Còig a’ Mhuilinn, the fifth of the mill. Agus seo agaibh a-nise an seanfhacal: Tha còig còigimh an Eirinn, agus tha còig còigimh an Srath Eireann, ach is fheàrr aon chòigeamh na h-Eireann na còig còigimh Srath Eireann. Tuigidh sibh gu bheil e a’ ciallachadh gu bheil an còigeamh cuid de dh’Eirinn nas mò is nas luachmhoire na Srath Eireann air fad. Seo an seanfhacal a-rithist: Tha còig còigimh an Eirinn, agus tha còig còigimh an Srath Eireann, ach is fheàrr aon chòigeamh na h-Eireann na còig còigimh Srath Eireann.

Gu deas air Srath Eireann tha sgìre ann an ceann a tuath Siorrachd Pheairt air a bheil Atholl ann am Beurla, no Athall ann an Gàidhlig an là an-diugh. Agus tha ainm na sgìre sin ann an dòigh car coltach ri Srath Eireann. Tha Uilleam MacBhàtair ag innse dhuinn gu bheil an t-ainm a’ dol air ais don linn nuair a thàinig na Gaidheil a dh’fhuireach anns an sgìre, agus iad air ùr-nochdadh à Eirinn. Tha e a’ tighinn bho “Ath-Fhodla” a tha a’ ciallachadh Second Ireland no Eirinn Ùr.

Bha mi ann an Athall o chionn ghoirid, a’ coiseachd air seann rathad aig a bheil eachdraidh mhòr. ’S e a bh’ ann an t-slighe a ghabhadh daoine o shean eadar Ceann a’ Ghiuthsaich ann am Bàideanach agus Athall. Tha an rathad a’ dol thairis air talamh àrd ris an canar ann am Beurla The Minigaig. Air na seann mhapaichean ’s e “Mountains of the Minigeg” a bh’ air, agus ann an Gàidhlig ’s e Monadh Miongaig a chanas sinn.

Thàinig mi far trèana ann am Blàr Athall agus chaidh mi seachad air a’ chaisteal gus an do lorg mi toiseach an rathaid. Aig an fhìor thoiseach, tha e follaiseach gu robh e an rathad air a dhèanamh gu math, is gun deach tòrr chlachan a ghluasad airson a dhèanamh rèidh. Ach mus robh mo thuras seachad fhuair mi a-mach nach ann mar sin a tha e fad na slighe.

Chan e an rathad seo am fear as sine eadar an ceann a deas agus an ceann a tuath. Tha slighe eile faisg air làimh, air a bheil Rathad nan Cuimeanach, a bh’ air a chleachdadh o shean. B’ iad na Cuimeanaich cinneadh cumhachdach ann am Bàideanach. Tha e coltach gu robh Rathad nan Cuimeanach air a thogail anns an treas linn deug, is gun deach rathad ùr a thogail thairis air Monadh Miongaig anns an t-siathamh linn deug, ged nach urrainn dhuinn a bhith buileach cinnteach mu dheidhinn sin.

Ach cha deach an rathad mòr, an A9, a thogail ann am fear seach fear de na h-àiteachan sin. Anns an ath-Litir, innsidh mi dhuibh carson a chaidh an rathad mòr a thogail thairis air Druim Uachdair, a’ fàgail Monadh Miongaig mar àite iomallach sàmhach an là an-diugh.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na Litreach: stairsneach: threshold; Siorrachd Pheairt: Perthshire; Athall: Atholl; Uilleam MacBhàtair: William (W.J.) Watson; Ceann a’ Ghiuthsaich: Kingussie; Bàideanach: Badenoch; Blàr Athall: Blair Atholl; Rathad nan Cuimeanach: Comyn’s Road; cinneadh cumhachdach: a powerful clan; Druim Uachdair: Drumochter.

Abairtean na Litreach: tha e a’ buntainn ri X: it concerns X; ’s e seann slat-tomhais air meudachd fearainn a bh’ ann an X: X was an old measure of land size; tha e beò anns a’ Chòigich ann an Siorrachd Rois: it is found (alive) in Coigach in Ross-shire; ann an Gàidhlig an là an-diugh:in modern Gaelic; agus iad air ùr-nochdadh à Eirinn: after newly arriving from Ireland; aig a bheil eachdraidh mhòr: which has a long history; an t-slighe a ghabhadh daoine o shean: the route people would take in olden times; aig an fhìor thoiseach:at the very beginning; airson a dhèanamh rèidh: to make it level; fhuair mi a-mach nach ann mar sin a bha e:I found out it was not like that; thairis air Monadh Miongaig anns an t-siathamh linn deug: over (the high country of) The Minigaig in the 16th Century; ged nach urrainn dhuinn a bhith buileach cinnteach: although we can’t be absolutely certain; ann am fear seach fear de na h-àiteachan: in either of the places.

Puing-ghràmair na Litreach: gu bheil an còigeamh cuid de dh’Eirinn nas mò is nas luachmhoire na Srath Eireann air fad: that the fifth part of Ireland is larger and more valuable than the whole of Strathdearn. A simple point here. You will know that cuid is a feminine word and that “the portion” is a’ chuid rather than an cuid. This, however, has no bearing on the article preceding còigeamh which is always the “masculine” article an. Còigeamh and cuidare unlenited. This is the same with most ordinal numerals – eg we say an ceathramh bròg (feminine; NB not a’ cheathramh bhròg) , just as we say an ceathramh bòrd (masculine). The only time a “feminine” structure appears with the counting of feminine objects is (at least traditionally) for 6 and 7, and sometimes 8, ie an t-siathamh cuid and an t-seachdamh cuid, rather than an siathamh cuid and an seachdamh cuid; and an ochdamh cuid instead of/in addition to an t-ochdamh cuid . But this distinction is disappearing nowadays and it is common to use a “masculine” structure all the way from 2 to 10, with the noun unlenited.

Seanfhacal na Litreach: Tha còig còigimh an Eirinn, agus tha còig còigimh an Srath Eireann, ach is fheàrr aon chòigeamh na h-Eireann na còig còigimh Srath Eireann: there are five fifths in Ireland and five fifths in Strathdearn (Ireland’s Strath), but better is one-fifth of Ireland than the five fifths of Strathdearn.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean