FaclairDictionary EnglishGàidhlig

983: Inverness English 983: Beurla Inbhir Nis

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Beurla Inbhir Nis

Gaelic Gàidhlig

How ye doo’een? Ach yir se-en it. How’s yerself? No bad – it’s a smasheen day, ri’eenuff.

Tha mi a’ tòiseachadh na Litreach an-diugh le beagan Beurla. Buinidh i do phrìomh bhaile na Gàidhealtachd, Inbhir Nis. O chionn ghoirid, fhuair mi leabhran a chaidh fhoillseachadh le Fòram Eachdraidh Ionadail Inbhir Nis. ’S e an tiotal a tha air an leabhran Old Inverness Words and Phrases.

Tha cuid de na faclan sònraichte do Inbhir Nis. Mar eisimpleir – clacher. Chan e neach a tha ag obair gu proifeiseanta le clachan, ach cuideigin a tha a’ toirt taic don sgioba ball-coise ionadail – Clachnacuddin FC! Agus salachs – cha chuala mi sin ann an àite eile. Tha e a’ ciallachadh Salvation Army – salachs.

Tha earrann anns an leabhran mu fhaclan a thàinig a-steach a Bheurla Inbhir Nis bhon Ghàidhlig. Is beag an t-iongnadh. Bha Gàidhlig aig a’ mhòr-chuid de mhuinntir a’ bhaile thairis air ceudan bhliadhnaichean.

Seo eisimpleir bhon bhriathrachas aca. Amadan – a fool. Tha sin co-ionann anns an dà chànan. Cuideachd groyk – a fool, an awkward person – bhon Ghàidhlig gròig.

Cyarack – left-handed. Chan eil an leabhran a’ mìneachadh mar a bhios daoine ga chleachdadh. Ann an Gàidhlig bidh sinn ag ràdh gu bheil cuideigin leis a’ chearraig no gu bheil a’ chearrag aige. Doorchan – a pine cone. Tha sin a’ tighinn bhon Ghàidhlig durcan. Dossan – fringe of hair on the forehead – bhon Ghàidhlig dosan.

Tha am facal cappach aca cuideachd, a’ ciallachadh toothless. Tha am facal Gàidhlig cabach a’ ciallachadh ‘gun fhiaclan no le beul grànda’. Ann am Beurla Inbhir Nis, canaidh daoine mappach airson very drunk and confused. Ann an Gàidhlig tha mabach a’ ciallachadh stammering, stuttering; tha e co-cheangailte ri cainnt ach cha leig e leas a bhith co-cheangailte ri deoch làidir.

Tha an abairt mo-hooker ann am Beurla Inbhir Nis, a’ ciallachadh it doesn’t matter. Tha sin gu follaiseach bhon abairt Ghàidhlig ma thogair leis an dearbh chiall. Bidh e inntinneach faicinn dè mhaireas beò de na seann fhaclan is abairtean Gàidhlig ann am Beurla Inbhir Nis anns an ùine fhada.

Inverness English

English Beurla

How ye doo’een? Ach yir se-en it. How’s yerself? No bad – it’s a smasheen day, ri’eenuff.

I’m starting the Litir today with a bit of English. It belongs to the Highland capital, Inverness. A wee while ago I got a booklet that was published by the Inverness Local History Forum. The booklet’s title is ‘Old Inverness Words and Phrases’.

Some of the words are peculiar to Inverness. For example – clacher. It’s not a person who works professionally with stones, but somebody who supports the local football team – Clachnacuddin FC! And salachs – I’ve never heard that elsewhere. It means ‘Salvation Army’ – salachs.

There is a section in the book about words that came into Inverness English from Gaelic. It’s hardly surprising. Gaelic was spoken by a majority of the townsfolk over hundreds of years.

Here is an example from their vocabulary. Amadan – a fool. That is the same in both languages. Also groyk – ‘a fool, an awkward person’ – from the Gaelic gròig.

Cyarack – left-handed. The booklet does not explain how people use it. In Gaelic we say ‘tha cuideigin leis a’ chearraig’ or ‘tha a’ chearrag aige’. Doorchan – a pine cone. That comes from the Gaelic durcan. Dossan – a fringe of hair on the forehead – from the Gaelic dosan.

They also have the word cappach, meaning ‘toothless’. The Gaelic word cabach means ‘toothless or possessing an ugly mouth’. In Inverness English, people say mappach for very drunk and confused. In Gaelic mabach means ‘stammering, stuttering’; it’s connected to speech but it doesn’t need to be connected to strong drink.

The phrase mo-hooker is in Inverness English, meaning ‘it doesn’t matter’. That is obviously from the Gaelic phrase ma thogair with the same meaning. It will be interesting to see what survives of the old Gaelic words and phrases in Inverness English in the long term.

Beurla Inbhir Nis

Gaelic Gàidhlig

How ye doo’een? Ach yir se-en it. How’s yerself? No bad – it’s a smasheen day, ri’eenuff.

Tha mi a’ tòiseachadh na Litreach an-diugh le beagan Beurla. Buinidh i do phrìomh bhaile na Gàidhealtachd, Inbhir Nis. O chionn ghoirid, fhuair mi leabhran a chaidh fhoillseachadh le Fòram Eachdraidh Ionadail Inbhir Nis. ’S e an tiotal a tha air an leabhran Old Inverness Words and Phrases.

Tha cuid de na faclan sònraichte do Inbhir Nis. Mar eisimpleir – clacher. Chan e neach a tha ag obair gu proifeiseanta le clachan, ach cuideigin a tha a’ toirt taic don sgioba ball-coise ionadail – Clachnacuddin FC! Agus salachs – cha chuala mi sin ann an àite eile. Tha e a’ ciallachadh Salvation Army – salachs.

Tha earrann anns an leabhran mu fhaclan a thàinig a-steach a Bheurla Inbhir Nis bhon Ghàidhlig. Is beag an t-iongnadh. Bha Gàidhlig aig a’ mhòr-chuid de mhuinntir a’ bhaile thairis air ceudan bhliadhnaichean.

Seo eisimpleir bhon bhriathrachas aca. Amadan – a fool. Tha sin co-ionann anns an dà chànan. Cuideachd groyk – a fool, an awkward person – bhon Ghàidhlig gròig.

Cyarack – left-handed. Chan eil an leabhran a’ mìneachadh mar a bhios daoine ga chleachdadh. Ann an Gàidhlig bidh sinn ag ràdh gu bheil cuideigin leis a’ chearraig no gu bheil a’ chearrag aige. Doorchan – a pine cone. Tha sin a’ tighinn bhon Ghàidhlig durcan. Dossan – fringe of hair on the forehead – bhon Ghàidhlig dosan.

Tha am facal cappach aca cuideachd, a’ ciallachadh toothless. Tha am facal Gàidhlig cabach a’ ciallachadh ‘gun fhiaclan no le beul grànda’. Ann am Beurla Inbhir Nis, canaidh daoine mappach airson very drunk and confused. Ann an Gàidhlig tha mabach a’ ciallachadh stammering, stuttering; tha e co-cheangailte ri cainnt ach cha leig e leas a bhith co-cheangailte ri deoch làidir.

Tha an abairt mo-hooker ann am Beurla Inbhir Nis, a’ ciallachadh it doesn’t matter. Tha sin gu follaiseach bhon abairt Ghàidhlig ma thogair leis an dearbh chiall. Bidh e inntinneach faicinn dè mhaireas beò de na seann fhaclan is abairtean Gàidhlig ann am Beurla Inbhir Nis anns an ùine fhada.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 1287

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile