FaclairDictionary EnglishGàidhlig

960: Alexander III, King of Scotland (1) 960: Alasdair III, Rìgh na h-Alba (1)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Alasdair III, Rìgh na h-Alba (1)

Gaelic Gàidhlig

Anns an Litir mu dheireadh, bha mi ag innse dhuibh mar a chaidh crìoch a deas na h-Alba aontachadh le Sasainn ann an dà cheud deug, trithead ʼs a seachd (1237). B’ e Alasdair II Rìgh na h-Alba aig an àm. ʼS e Co-chòrdadh York a chanas sinn ris an aonta.

Bha Alasdair pòsta aig Joan, piuthar Eanraig, Rìgh Shasainn. Ach chaochail Joan ann an dà cheud deug, trithead ʼs a h-ochd (1238). Cha robh clann aca. Bliadhna an dèidh sin phòs Alasdair às ùr. B’ i an dàrna bean aige Marie de Coucy, ball de dh’uaislean na Frainge. Dà bhliadhna an dèidh sin, rugadh leanabh-gille dhaibh – Alasdair mac Alasdair.

Dh’fheuch Alasdair II ri smachd a thoirt air pàirtean de thaobh an iar na h-Alba nach robh dìleas dha. Bha e an sàs anns an iomairt sin nuair a chaochail e ann an Eilean Chearrara ann an dà cheud deug, ceathrad ʼs a naoi (1249).

Cha robh a mhac, Alasdair III, ach na ghille. Bha e faisg air ochd bliadhna a dh’aois. Tha fìor sheann dealbh de dh’Alasdair air latha a chrùnaidh ann an Sgàin. Tha Ollamh Rìgh na h-Alba – am prìomh bhàrd – a’ cur fàilte air an Rìgh òg leis na faclan ann an Gàidhlig ‘Beannachd Dhè [air] Rìgh na h-Alba’.

Bha Alasdair ro òg airson a bhith a’ riaghladh na dùthcha. Bha tànaisteachd ann. ʼS e uaislean a bha a’ riaghladh na h-Alba gus an do ràinig Alasdair aois inbhich.

Nuair a bha e fhathast òg, phòs Alasdair Mairead, nighean Rìgh Eanraig Shasainn. Bha a’ bhanais ann an York ann an dà cheud deug, caogad ʼs a h-aon (1251). Bha Eanraig ag iarraidh àrd-uachdranachd a bhith aige air Rìgh na h-Alba. Ach cha do ghabh Alasdair ri sin.

ʼS e banais air leth a bha ann. Mar bhiadh, bha seachd mìle cearc aca, còrr is mìle gu leth cearc-thomain, còrr is ceud corra-mhonaidh, sia fichead peucag, faisg air trì cheud easag, mìle is trì cheud maigheach, sia ceud is seasgad torc is muc, seachdad baraille de sgadain agus deich mìle adag! Banais mhòr dha-rìreabh!

Alexander III, King of Scotland (1)

English Beurla

In the last Litir, I was telling you how the southern border of Scotland was agreed with England in 1237. Alexander II was King of Scotland at the time. We call the agreement the Treaty of York.

Alexander was married to Joan, sister of Henry, King of England. But Joan died in 1238. They had no children. A year after that, Alexander married anew. His second wife was Marie de Coucy, a member of the French aristocracy. Two years after that, a son was born to them – Alexander son of Alexander.

Alexander II tried to take control of parts of the west of Scotland that were not loyal to him. He was involved in that campaign when he died on the island of Kerrera in 1249.

His son, Alexander III, was only a lad. He was nearly eight years of age. There is a very old picture of Alexander on the day of his crowning in Scone. The ‘Ollamh’ of the Scottish King – the chief bard – is welcoming the young king with words in Gaelic ‘Blessing of God [on] the King of Scotland’.

Alexander was too young to be governing the country. There was a regency. It’s nobles that were governing Scotland until Alexander reached adulthood.

When he was still young, Alexander married Margaret, the daughter of King Henry of England. The wedding was in York in 1251. Henry was wanting to gain overlordship of the Scottish King. But Alexander didn’t accept that.

It was an amazing wedding. For food, they had 7,000 hens, more than 1,500 partridges, more than 100 cranes, 120 peacocks, nearly 300 pheasants, 1,300 hares, 660 boars and sows, 70 barrels of herring and 10,000 haddock! Some size of a wedding!

Alasdair III, Rìgh na h-Alba (1)

Gaelic Gàidhlig

Anns an Litir mu dheireadh, bha mi ag innse dhuibh mar a chaidh crìoch a deas na h-Alba aontachadh le Sasainn ann an dà cheud deug, trithead ʼs a seachd (1237). B’ e Alasdair II Rìgh na h-Alba aig an àm. ʼS e Co-chòrdadh York a chanas sinn ris an aonta.

Bha Alasdair pòsta aig Joan, piuthar Eanraig, Rìgh Shasainn. Ach chaochail Joan ann an dà cheud deug, trithead ʼs a h-ochd (1238). Cha robh clann aca. Bliadhna an dèidh sin phòs Alasdair às ùr. B’ i an dàrna bean aige Marie de Coucy, ball de dh’uaislean na Frainge. Dà bhliadhna an dèidh sin, rugadh leanabh-gille dhaibh – Alasdair mac Alasdair.

Dh’fheuch Alasdair II ri smachd a thoirt air pàirtean de thaobh an iar na h-Alba nach robh dìleas dha. Bha e an sàs anns an iomairt sin nuair a chaochail e ann an Eilean Chearrara ann an dà cheud deug, ceathrad ʼs a naoi (1249).

Cha robh a mhac, Alasdair III, ach na ghille. Bha e faisg air ochd bliadhna a dh’aois. Tha fìor sheann dealbh de dh’Alasdair air latha a chrùnaidh ann an Sgàin. Tha Ollamh Rìgh na h-Alba – am prìomh bhàrd – a’ cur fàilte air an Rìgh òg leis na faclan ann an Gàidhlig ‘Beannachd Dhè [air] Rìgh na h-Alba’.

Bha Alasdair ro òg airson a bhith a’ riaghladh na dùthcha. Bha tànaisteachd ann. ʼS e uaislean a bha a’ riaghladh na h-Alba gus an do ràinig Alasdair aois inbhich.

Nuair a bha e fhathast òg, phòs Alasdair Mairead, nighean Rìgh Eanraig Shasainn. Bha a’ bhanais ann an York ann an dà cheud deug, caogad ʼs a h-aon (1251). Bha Eanraig ag iarraidh àrd-uachdranachd a bhith aige air Rìgh na h-Alba. Ach cha do ghabh Alasdair ri sin.

ʼS e banais air leth a bha ann. Mar bhiadh, bha seachd mìle cearc aca, còrr is mìle gu leth cearc-thomain, còrr is ceud corra-mhonaidh, sia fichead peucag, faisg air trì cheud easag, mìle is trì cheud maigheach, sia ceud is seasgad torc is muc, seachdad baraille de sgadain agus deich mìle adag! Banais mhòr dha-rìreabh!

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 1264

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile