FaclairDictionary EnglishGàidhlig

73: Deirdre (2) 73: Deirdre (2)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Deirdre (2)

Gaelic Gàidhlig

Dh’fhosgail Deirdre doras a’ bhothain. Chaidh an sealgair a-steach. Bha an sealgair a’ smaoineachadh gu robh Deirdre uabhasach bòidheach. Thuirt e sin. Cha robh muime Deirdre toilichte. “Cùm do bheul dùinte mu dheidhinn Deirdre,” thuirt i.

Bhruidhinn an sealgair mu Naois mac Uisne, agus a bhràithrean – Aillean is Àrdan.

“Dè an coltas a th’ orra?” dh’fhaighnich Deirdre.

“Tha am falt aca cho dubh ris an fhitheach. Tha na gruaidhean aca cho dearg ris an fhuil,” thuirt an sealgair.

Dh’fhalbh an sealgair. Ach cha robh e a’ dol a chumail a bheòil dùinte. Smaoinich e mu Chonachar, Rìgh Uladh. Cha robh bean aig Conachar. Chaidh an sealgair gu lùchairt an Rìgh. Bhruidhinn e ris an Rìgh. “Chunnaic mi am boireannach as bòidhche ann an Èirinn,” thuirt e.

“Cò i?” dh’fhaighnich an Rìgh, “agus càite a bheil i?” Air an làrna-mhàireach thug an sealgair an Rìgh don bhothan aig Deirdre. Nuair a ràinig iad am bothan, ghnoig an Rìgh an doras. Ach cha d’ fhuair e a-steach.

“Fosgail an doras,” dh’èigh an Rìgh.

“Cò sibh?” dh’fhaighnich a’ mhuime.

“Is mise Conachar, Rìgh Uladh,” fhreagair an Rìgh. Dh’fhosgail am boireannach an doras sa bhad.

Chunnaic an Rìgh Deirdre. Smaoinich e nach fhaca e riamh boireannach cho bòidheach rithe. Thug e Deirdre air falbh leis. Thàinig a’ mhuime cuideachd. Chaidh iad uile gu lùchairt an Rìgh.

Bha an Rìgh ag iarraidh Deirdre a phòsadh. Ach cha robh Deirdre cinnteach. Bha i aineolach mu ghnothaichean daoine. Thuirt i ris an Rìgh gun robh i ag iarraidh latha agus bliadhna. An uair sin bhiodh i deònach a phòsadh. Dh’aontaich an Rìgh.

Anns a’ bhliadhna sin, dh’ionnsaich Deirdre tòrr bho bhoireannaich eile. Latha a bha seo bha i fhèin is na boireannaich eile a-muigh air cnoc. Chunnaic iad triùir fhear. Bha cuimhne aig Deirdre air na thuirt an sealgair. B’ iad seo triùir mhac Uisne! Agus b’ e sin Naois! Ghabh Deirdre gràdh air Naois. Dh’fhalbh i às a dhèidh.

Bha fios aig Aillean is Àrdan mun bhoireannach aig Conachar, Rìgh Uladh. Cha robh i pòsta aig an Rìgh, ge-tà. Agus bha eagal orra gum biodh Naois ga h-iarraidh. Chunnaic iad am boireannach òg a’ tighinn. Choisich iad na bu luaithe. Chì sinn mar a thachair an uair sin anns an ath Litir.

Faclan is abairtean: dh’fhosgail Deirdre doras a’ bhothain: Deirdre (we’re continuing with the story of Deirdre) opened the door of the bothy; muime: foster-mother; cùm do bheul dùinte mu dheidhinn Deirdre: keep your mouth shut about Deirdre; bhruidhinn an sealgair mu Naois mac Uisne, agus a bhràithrean: the hunter spoke about Naois son of Uisne, and his brothers; dè an coltas a th’ orra?: what do they look like?; tha am falt aca cho dubh ris an fhitheach: their hair is as black as the raven; tha na gruaidhean aca cho dearg ris an fhuil: their cheeks are as red as [the] blood; cha robh e a’ dol a chumail a bheòil dùinte: he wasn’t going to keep his mouth closed; Rìgh Uladh: The King of Ulster; bean: wife; lùchairt: palace; chunnaic mi: I saw; as bòidhche ann an Èirinn: the most beautiful in Ireland; air an làrna-mhàireach: [on] the next day; ghnoig an Rìgh an doras: the King knocked the door; cha d’ fhuair e a-steach: he didn’t get in; cò sibh?: who are you?; sa [anns a’] bhad : immediately; nach fhaca e riamh:that he never saw [had never seen]; boireannach cho bòidheach rithe: a woman as beautiful as her; thug e Deirdre air falbh leis: he took Deirdre away with him; bha an Rìgh ag iarraidh Deirdre a phòsadh: the King wanted to marry Deirdre; bha i aineolach mu ghnothaichean daoine: she was ignorant about human matters; an uair sin bhiodh i deònach a phòsadh: then she would be willing to marry him; a-muigh air cnoc: outside on a hill; triùir fhear: three men; bha cuimhne aig Deirdre air na thuirt an sealgair: Deirdre remembered what the hunter said; ghabh Deirdre gràdh air Naois: Deirdre fell in love with Naois; dh’fhalbh i às a dhèidh: she went [left] after him; bha eagal orra gum biodh Naois ga h-iarraidh: they feared that Naois would want her; chunnaic iad am boireannach òg a’ tighinn: they saw the young woman coming; choisich iad na bu luaithe: they walked more quickly.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 377

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile