FaclairDictionary EnglishGàidhlig

956: Proverbs of the sea 956: Seanfhaclan na mara

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Seanfhaclan na mara

Gaelic Gàidhlig

An t-seachdain sa chaidh, thug mi iomradh air an t-seann mharaiche, Seòras MacLeòid nach maireann – Seòras Chaluim Sheòrais à Beàrnaraigh Leòdhais. Bha Seòras na iasgair. Bha e gu math eòlach air a’ mhuir. Tha a dhìleab beò fhathast anns an leabhar Muir is Tìr.

Tha sreath sheanfhaclan aige mu eathraichean, aimsir, an tìde-mhara is mar sin air adhart. Tha fear de na seanfhaclan aige a’ buntainn riumsa gu mòr am-bliadhna. Am fear a ghleidheas long, gheibh e là gu seòladh. The man who keeps his ship, or boat, he’ll get one day to sail her. Am fear a ghleidheas long, gheibh e là gu seòladh. Carson a tha an seanfhacal sin a’ buntainn riumsa?

Uill, tha gheat agam. Tha i beag, sean is gun a bhith spaideil. Ach tha e a’ còrdadh riumsa gu mòr a bhith a’ falbh innte. Am-bliadhna, ge-tà, bha cus rudan a’ dol agam. Tha a’ gheat air a bhith air tìr fad na bliadhna.

Ach, a dh’aindeoin sin, cha robh mi airson a reic. Cha robh idir! Mar a chanas an seanfhacal – am fear a ghleidheas long, gheibh e là gu seòladh. Tha dùil agam seòladh innte an-ath-bhliadhna.

Tha seanfhacal eile car coltach ri sin. Am fear nach glèidh airm ann an sìth, cha bhi iad aige an àm a’ chogaidh. He who does not retain his arms during peace will not have them in time of war. Am fear nach glèidh airm ann an sìth, cha bhi iad aige an àm a’ chogaidh. Bu chòir dhuinn beachdachadh, mus fhaigh sinn cuidhteas rudeigin, am bi feum againn air a-rithist.

Ann am Muir is Tìr, tha dealbh de na pàirtean de dhubhan iasgaich. Airson ‘the point of the hook’, ann an Gàidhlig canaidh sinn gob an dubhain. Tha Seòras Chaluim Sheòrais a’ toirt dhuinn seanfhacal le ‘gob an dubhain’ ann. Is corrach gob an dubhain. Gu litreachail, tha e a’ ciallachadh ‘the point of the hook is precarious, insecure’. Tha Seòras ga eadar-theangachadh mar ‘the fishing life is dangerous’. Tha an fhìrinn aige. Is corrach gob an dubhain.

Proverbs of the sea

English Beurla

Last week, I made mention of the old mariner, the late George MacLeod – George son of Calum son of George from Great Bernera. George was a fisherman. He was very familiar with the sea. His legacy lives on in the book Muir is Tìr.

He has a series of proverbs about boats, weather, the tide and so on. One of his proverbs particularly concerns me this year. Am fear a ghleidheas long, gheibh e là gu seòladh. The man who keeps his ship, or boat, he’ll get one day to sail her. Am fear a ghleidheas long, gheibh e là gu seòladh. Why does that proverb concern me?

Well, I have a yacht. It is small, old and not too fancy. But I really enjoy going in her. This year, however, I had too much happening. The yacht has been on land all year.

But, despite that, I didn’t want to sell it. Not at all! As the proverb says – the man who keeps his boat, he’ll get one day to sail her. I expect to sail in her next year.

There is another proverb a bit like that. Am fear nach glèidh airm ann an sìth, cha bhi iad aige an àm a’ chogaidh. He who does not retain his arms during peace will not have them in time of war. Am fear nach glèidh airm ann an sìth, cha bhi iad aige an àm a’ chogaidh. We should consider, before we get rid of something, if we shall need it again.

In Muir is Tìr, there is an illustration of the parts of a fishing hook. For ‘the point of the hook’ in Gaelic we say gob an dubhain. Seòras Chaluim Sheòrais gives us a proverb containing ‘gob an dubhain’. Is corrach gob an dubhain. Literally it means ‘the point of the hook is precarious, insecure’. George translates it as ‘the fishing life is dangerous’. He is speaking the truth. Is corrach gob an dubhain.

Seanfhaclan na mara

Gaelic Gàidhlig

An t-seachdain sa chaidh, thug mi iomradh air an t-seann mharaiche, Seòras MacLeòid nach maireann – Seòras Chaluim Sheòrais à Beàrnaraigh Leòdhais. Bha Seòras na iasgair. Bha e gu math eòlach air a’ mhuir. Tha a dhìleab beò fhathast anns an leabhar Muir is Tìr.

Tha sreath sheanfhaclan aige mu eathraichean, aimsir, an tìde-mhara is mar sin air adhart. Tha fear de na seanfhaclan aige a’ buntainn riumsa gu mòr am-bliadhna. Am fear a ghleidheas long, gheibh e là gu seòladh. The man who keeps his ship, or boat, he’ll get one day to sail her. Am fear a ghleidheas long, gheibh e là gu seòladh. Carson a tha an seanfhacal sin a’ buntainn riumsa?

Uill, tha gheat agam. Tha i beag, sean is gun a bhith spaideil. Ach tha e a’ còrdadh riumsa gu mòr a bhith a’ falbh innte. Am-bliadhna, ge-tà, bha cus rudan a’ dol agam. Tha a’ gheat air a bhith air tìr fad na bliadhna.

Ach, a dh’aindeoin sin, cha robh mi airson a reic. Cha robh idir! Mar a chanas an seanfhacal – am fear a ghleidheas long, gheibh e là gu seòladh. Tha dùil agam seòladh innte an-ath-bhliadhna.

Tha seanfhacal eile car coltach ri sin. Am fear nach glèidh airm ann an sìth, cha bhi iad aige an àm a’ chogaidh. He who does not retain his arms during peace will not have them in time of war. Am fear nach glèidh airm ann an sìth, cha bhi iad aige an àm a’ chogaidh. Bu chòir dhuinn beachdachadh, mus fhaigh sinn cuidhteas rudeigin, am bi feum againn air a-rithist.

Ann am Muir is Tìr, tha dealbh de na pàirtean de dhubhan iasgaich. Airson ‘the point of the hook’, ann an Gàidhlig canaidh sinn gob an dubhain. Tha Seòras Chaluim Sheòrais a’ toirt dhuinn seanfhacal le ‘gob an dubhain’ ann. Is corrach gob an dubhain. Gu litreachail, tha e a’ ciallachadh ‘the point of the hook is precarious, insecure’. Tha Seòras ga eadar-theangachadh mar ‘the fishing life is dangerous’. Tha an fhìrinn aige. Is corrach gob an dubhain.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 1260

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile