FaclairDictionary EnglishGàidhlig

69: A Double Grammar of English and Gaelic. (2) 69: Gràmar Dùbailt: Beurla is Gàidhlig (2)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Gràmar Dùbailt: Beurla is Gàidhlig (2)

Gaelic Gàidhlig

Tha mi fhathast a’ coimhead air an t-seann leabhar Gràmar Dùbailt: Beurla is Gàidhlig le Iain Foirbeis, Maighstir-sgoile Chille Chuimein. Tha e ag innse dhuinn riaghailt inntinneach mu ghràmar ann an Gàidhlig. Tha e co-cheangailte ris an fhacal eadar. Canaidh sinn rudan mareadar am beul ’s an goganbetween the mouth and the dish. Eadar am beul ’s an gogan. Canaidh sinn eadar fear is bean – between man and wife. Eadar fear is bean.

Ach nuair a tha eadar a’ ciallachadh both, tha e ag adhbharachadh sèimheachadh – no lenition. Seo dà eisimpleir bhon leabhar:eadar ghillean agus chaileagan (both lads and lasses). Chan e eadar gillean is caileagan. Eadar ghillean agus chaileagan. Agus eadar bheag is mhòr – both great and small. Eadar bheag is mhòr.

Tha an riaghailt seo ann am faclair Dwelly cuideachd. Seo na th’ aig Dwelly: when signifying both, [eadar] does not admit the article between itself and the noun; but aspirates [or lenites] both its nouns. Agus tha Dwelly a’ toirt dhuinn trì eisimpleirean: eadar bheag agus mhòr (both great and small), eadar cheann is chasan (both head and feet) agus eadar mhath is olc (both good and bad).

Dè tha na faclairean ùra ag ràdh? A bheil iadsan ag aontachadh mun riaghailt seo? Uill, tha am faclair Teach Yourself le Boyd Robasdan is Iain MacDhòmhnaill a’ toirt na h-eisimpleir eadar bheag is mhòr airson both large and small. Agus anns an fhaclairThe Essential Gaelic-English Dictionary le Aonghas MacBhàtair, tha seo:thàinig iad, eadar bheag is mhòr – they came, both small and great; agus tha e eadar beag agus mòr – he is between small and big/neither small nor big. Mar sin, tha an riaghailt sin fhathast ann am bith.

Agus seo eisimpleir eile de shèimheachadh. Chan ann le eadar, ach le air. Tha Foirbeis ag innse seo dhuinn: air sometimes aspirates its noun – mar eisimpleir air thalamh (on earth). Dè air thalamh a tha a’ dol? (what on earth is happening?) Agus canaidh daoine air mhàl airson for rent, seach air màl. Fhuair mi an taigh air mhàl airson seachdain – I rented the house for a week. Agus a’ bruidhinn air “seachdain” – bidh mi air ais le Litir Bheag eile an ceann seachdain.

Faclan is abairtean: tha mi fhathast a’ coimhead air: I’m still looking at; Iain Foirbeis: John Forbes; Cille Chuimein: Fort Augustus; tha e ag innse dhuinn riaghailt inntinneach: he tells us an interesting rule; co-cheangailte ris an fhacal: connected to the word; tha e ag adhbharachadh sèimheachadh: it causes lenition; seo dà eisimpleir: here are two examples; a’ toirt dhuinn trì eisimpleirean:gives us three examples; dè tha na faclairean ùra ag ràdh?: what do the modern dictionaries say?; a bheil iadsan ag aontachadh?:do they [emphatic] agree?; tha an riaghailt sin fhathast ann am bith: that rule still exists; chan ann le eadar: not with eadar; seach: rather than; a’ bruidhinn air “seachdain”: speaking of “week”; bidh mi air ais le Litir Bheag eile an ceann seachdain: I’ll be back with another Litir Bheag in a week’s time.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 373

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile