FaclairDictionary EnglishGàidhlig

978: Donald Alexander Mackenzie (2) 978: Dòmhnall Alasdair MacCoinnich (2)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Dòmhnall Alasdair MacCoinnich (2)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mu Dhòmhnall Alasdair MacCoinnich agus an leabhar aige Wonder Tales from Scottish Myth and Legend. Chaidh fhoillseachadh ann an naoi ceud deug is seachd-deug (1917).

Tha a’ chiad chaibideil mu dheidhinn na Cailliche Beura no, mar a sgrìobh e fhèin, ‘Beira, Queen of Winter’. Bha tobar air Cruachan Bheann ann an Earra-Ghàidheal. Bha a’ Chailleach a’ tarraing uisge bhuaithe gach latha. Aig àm èirigh na grèine, bhiodh i a’ togail leac a bha a’ còmhdachadh an tobair. Gach feasgar, aig àm dhol-fodha na grèine, bhiodh i ga cur thairis air an tobar a-rithist.

Ge-tà, oidhche bha seo, dhìochuimhnich i an leac a chur air ais na h-àite. Cho luath ʼs a chaidh a’ ghrian fodha, bhrùchd uisge às an tobar. Cha robh stad air. Ruith e leis a’ bhruthach agus lìon e an gleann gu h-ìosal. Chruthaich sin Loch Obha.

Chruthaich a’ Chailleach Bheur beanntan cuideachd. Lìon i cliabh le clachan agus crèadh. Nuair a bha i a’ leum bho àite gu àite, bha an stuth bhon chliabh a’ tuiteam a-mach. Chruthaich i iomadh eilean anns an dòigh sin.

Bha mic aice. Bha iad uile mòr. Ach cha robh iad dòigheil agus bhiodh iad a’ sabaid le chèile. Bhiodh iad a’ dìreadh nam beann agus a’ tilgeil chlachan air a chèile. ʼS e sin as coireach gu bheil uiread de chlachan mòra nan laighe air leathadan na Gàidhealtachd.

Bha òrd sònraichte aig a’ Chaillich. Nuair a bhuail i an talamh leis gu h-aotrom, bhiodh an talamh an uair sin cho cruaidh ris an iarainn. Nuair a bhuail i an talamh gu cruaidh, chruthaich i gleann. An uair sin bhiodh i a’ briseadh nam beann leis an òrd – gus am biodh cruth eadar-dhealaichte air gach tè.

Bha càirdeas sònraichte eadar i fhèin agus ainmhidhean nam beann. Bhiodh i a’ bleoghann nan èildean agus nan gobhar. Nuair a bha an t-uisge a’ sruthadh far nam beann, a’ dèanamh sruthlagan geala, bha na seann daoine ag ràdh gun robh a’ Chailleach Bheura a’ bleoghann nan gobhar. Chan e uisge a bha a’ ruith, ach bainne.

Donald Alexander Mackenzie (2)

English Beurla

I was telling you about Donald Alexander Mackenzie and his book ‘Wonder Tales from Scottish Myth and Legend’. It was published in 1917.

The first chapter is about the Cailleach Bheur or, as he wrote himself, ‘Beira, Queen of Winter’. There was a well on Ben Cruachan in Argyll. The Cailleach was drawing water from it every day. At sunrise, she would lift a slab that was covering the well. Every evening, at sunset, she would put it over the well again.

However, one night, she forgot to put the slab back in its place. As soon as the sun went down, water poured out of the well. There was no stopping it. It ran down the slope and filled the glen below. That created Loch Awe.

The Cailleach Bheur created mountains also. She filled a creel with stones and soil [clay]. When she was jumping from place to place, the stuff from the creel was falling out. She created many islands like that.

She had sons. They were all big. But they weren’t good-tempered and they would fight with each other. They would climb the mountains, throwing stones at each other. That’s why there are so many large stones lying on hillslopes of the Highlands.

The Cailleach had a special hammer. When she lightly hit the ground with it, the ground would then be as hard as iron. When she hit the ground hard, she created a glen. Then she would break the mountains with the hammer – so that each one would have a different shape.

She had a special relationship with the animals of the mountains. She would be milking the hinds and the goats. When water was pouring off the hills, making white streamlets, the old people were saying that the Cailleach Bheur was milking the goats. It wasn’t water that was flowing, but milk.

Dòmhnall Alasdair MacCoinnich (2)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mu Dhòmhnall Alasdair MacCoinnich agus an leabhar aige Wonder Tales from Scottish Myth and Legend. Chaidh fhoillseachadh ann an naoi ceud deug is seachd-deug (1917).

Tha a’ chiad chaibideil mu dheidhinn na Cailliche Beura no, mar a sgrìobh e fhèin, ‘Beira, Queen of Winter’. Bha tobar air Cruachan Bheann ann an Earra-Ghàidheal. Bha a’ Chailleach a’ tarraing uisge bhuaithe gach latha. Aig àm èirigh na grèine, bhiodh i a’ togail leac a bha a’ còmhdachadh an tobair. Gach feasgar, aig àm dhol-fodha na grèine, bhiodh i ga cur thairis air an tobar a-rithist.

Ge-tà, oidhche bha seo, dhìochuimhnich i an leac a chur air ais na h-àite. Cho luath ʼs a chaidh a’ ghrian fodha, bhrùchd uisge às an tobar. Cha robh stad air. Ruith e leis a’ bhruthach agus lìon e an gleann gu h-ìosal. Chruthaich sin Loch Obha.

Chruthaich a’ Chailleach Bheur beanntan cuideachd. Lìon i cliabh le clachan agus crèadh. Nuair a bha i a’ leum bho àite gu àite, bha an stuth bhon chliabh a’ tuiteam a-mach. Chruthaich i iomadh eilean anns an dòigh sin.

Bha mic aice. Bha iad uile mòr. Ach cha robh iad dòigheil agus bhiodh iad a’ sabaid le chèile. Bhiodh iad a’ dìreadh nam beann agus a’ tilgeil chlachan air a chèile. ʼS e sin as coireach gu bheil uiread de chlachan mòra nan laighe air leathadan na Gàidhealtachd.

Bha òrd sònraichte aig a’ Chaillich. Nuair a bhuail i an talamh leis gu h-aotrom, bhiodh an talamh an uair sin cho cruaidh ris an iarainn. Nuair a bhuail i an talamh gu cruaidh, chruthaich i gleann. An uair sin bhiodh i a’ briseadh nam beann leis an òrd – gus am biodh cruth eadar-dhealaichte air gach tè.

Bha càirdeas sònraichte eadar i fhèin agus ainmhidhean nam beann. Bhiodh i a’ bleoghann nan èildean agus nan gobhar. Nuair a bha an t-uisge a’ sruthadh far nam beann, a’ dèanamh sruthlagan geala, bha na seann daoine ag ràdh gun robh a’ Chailleach Bheura a’ bleoghann nan gobhar. Chan e uisge a bha a’ ruith, ach bainne.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 1282

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile