FaclairDictionary EnglishGàidhlig

19: The Bailie of Trotternish and the witch (1) 19: Bàillidh Throndairnis agus a’ Bhana-bhuidseach (1)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Bàillidh Throndairnis agus a’ Bhana-bhuidseach (1)

Gaelic Gàidhlig

Seo agaibh seann sgeulachd bhon Eilean Sgitheanach. ’S e an t-ainm a th’ oirre Bàillidh Throndairnis agus a’ Bhana-bhuidseach. Thachair e anns an t-siathamh linn deug. Tha Trondairnis ann an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich.

Chuir Rìgh na h-Alba air leth màl dà bhaile ann an Trondairnis. Bha an t-airgead a’ dol gu aon duine – fear air an robh Coinneach mar ainm. Coinneach Mac Uilleim ’ic Sheumais. Carson a rinn an Rìgh sin? Uill, bha Coinneach ag iarraidh foghlam anns an lagh. Bha an t-airgead a’ pàigheadh airson foghlam Choinnich.

Ach bha cùisean truagh anns an Eilean Sgitheanach. Bha daoine bochd. Cha do phàigh iad am màl. Chaidh Coinneach fhèin don sgìre mar bhàillidh. Bha e a’ dol a thogail a’ mhàil ann an ainm an Rìgh.

Bha boireannach ann a bha uabhasach bochd. Chaill i an duine aice. Chaill i an dithis mhac aice. Agus chaill i an sprèidh aice. Cha robh aice ach aona bhò.

Thàinig Coinneach air muin eich. Bha maor còmhla ris. Cha robh airgead sam bith aig a’ bhoireannach. Ach ’s e duine cruaidh a bh’ ann an Coinneach. Thug e leis a’ bhò. Dh’fhalbh e sìos an rathad leatha. Chuir Coinneach agus am maor a’ bhò agus an t-each ann am buaile. Chaidh iad gu biadh ann an taigh a’ mhaoir.

Thàinig còmhlan de ghillean cruinn. Bha iad feargach. Bha iad a’ càineadh a’ bhàillidh agus a’ mhaoir. “Nach biodh e math,” thuirt fear dhiubh ri càch, “a’ bhò aiseag gu Eilean Thuilm.” Dh’aontaich càch ris.

Bha bàta faisg air làimh. Chuir na gillean a’ bhò don bhàta. Chuir iad an t-each ann cuideachd. Dh’fhalbh iad a-mach don eilean. Dh’fhàg na gillean a’ bhò agus an t-each anns an eilean. Bha iad air ais an ceann ùine ghoirid. Cha robh fios aig a’ bhàillidh no aig a’ mhaor mu dheidhinn.

An ceann ùine thill am bàillidh agus am maor don bhuaile. Ach, mo chreach, nuair a ràinig iad am buaile, cha robh sgeul air each no bò ann.

Nise, aig toiseach gnothaich, dh’innis mi dhuibh gur e tiotal na sgeulachd Bàillidh Throndairnis agus a’ Bhana-bhuidseach. Thuige seo cha robh sgeul air bana-bhuidseach. Ach na gabhaibh dragh. Bidh i còmhla rinn an ath-sheachdain.

Faclan is abairtean: sgeulachd bhon Eilean Sgitheanach: a story from Skye; Bàillidh Throndairnis agus a’ Bhana-bhuidseach: the factor of Trotternish and the witch; anns an t-siathamh linn deug: in the 16th Century; chuir Rìgh na h-Alba air leth màl dà bhaile:the King of Scotland set aside the rent of two townships; Coinneach Mac Uilleim ’ic Sheumais:Kenneth the son of William, the son of James; foghlam anns an lagh: education in the law; foghlam Choinnich: Kenneth’s education; bha cùisean truagh: things were bad; cha do phàigh iad am màl: they didn’t pay the rent; bha e a’ dol a thogail a’ mhàil ann an ainm an Rìgh: he was going to collect the rent in the name of the King; chaill i an dithis mhac aice:she lost her two sons; sprèidh: livestock; cha robh aice ach aona bhò: she only had one cow; thàinig Coinneach air muin eich:Kenneth came on horseback; bha maor còmhla ris: there was a ground officer with him; ’s e duine cruaidh a bh’ ann an Coinneach: Kenneth was a hard man; buaile: cattlefold; chaidh iad gu biadh: they went for food; thàinig còmhlan de ghillean cruinn: a group of lads came together; bha iad a’ càineadh a’ bhàillidh agus a’ mhaoir: they were criticising the factor and the ground officer; nach biodh e math a’ bhò aiseag: a wouldn’t it be good to ferry the cow; dh’aontaich càch ris: the others agreed with him; dh’fhàg na gillean a’ bhò agus an t-each anns an eilean: the lads left the cow and the horse on the island; bha iad air ais an ceann ùine ghoirid: they were back a short time later; cha robh sgeul air each no bò ann: there was no sign of a horse or cow in it; thuige seo cha robh sgeul air bana-bhuidseach: until now there has been [there was] no sign of a witch; na gabhaibh dragh: don’t worry; bidh i còmhla rinn an ath-sheachdain: she’ll be with us next week.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 323

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile