FaclairDictionary EnglishGàidhlig

533: Poetry (2) 533: Bàrdachd (2)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Bàrdachd (2)

Gaelic Gàidhlig

An cuala sibh mun bhàrd Ghàidhlig, Seumas Mac an t-Saoir? Tha mi a’ meòrachadh air an duine seo air sgàth ’s gun robh mi a’ bruidhinn mu dheidhinn Shomhairle MhicIain an t-seachdain sa chaidh.

Thig mi gu Seumas Mac an t-Saoir à Gleann Nodha an ceartuair. An toiseach, tha mi a’ dol a ràdh rudeigin mu ìomhaigheachd nan craobh ann am bàrdachd Ghàidhlig. Bha na seann Ghàidheil a’ tomhas nan craobh mar gum biodh ann an dà bhuidhinn – feadhainn bheannaichte agus feadhainn mhallaichte. Agus bha iad a’ dèanamh tuairisgeul de dhaoine a rèir na h-ìomhaigheachd sin.

Ann an ‘Alasdair à Gleanna Garadh’ tha Sìleas na Ceapaich a’ moladh Alasdair, an dèidh a bhàis. Seo i a’ cur ìomhaigheachd nan craobh an sàs:

Bu tu ’n t-iubhar anns a’ choillidh

Bu tu ’n darach daingeann làidir,

Bu tu ’n cuileann, bu tu ’n droighinn,

Bu tu ’n t-abhall molach blàthmhor;

Cha robh do dhàimh ris a’ chritheann

No do dhligheadh ris an fheàrna;

Cha robh bheag annad dhen leamhan;

Bu tu leannan nam ban àlainn.

B’ iad na craobhan beannaichte an t-iubhar, an darach, an cuileann, an droigheann agus an t-abhall no craobh-ubhail. B’ iad na craobhan mallaichte an critheann, an fheàrna agus an leamhan.

Thàinig an t-Oll. MacIain chun na Gàidhealtachd. Dh’fhoillsich e droch bheachd air a’ Ghàidhlig. Bha Seumas Mac an t-Saoir air a mhaslachadh. Agus sgrìobh e fhèin dàn nimheil, a’ càineadh MhicIain. Seo agaibh Seumas a’ cleachdadh ìomhaigheachd nan craobh:

Cha bu tu ’n droigheann no ’n cuileann

No an t-iubhar fulannach làidir,

Chan eil mìr annad dhen darach

No de sheileach dearg nam blàran;

Tha ’chuid as motha dhìot de chritheann,

Ìnean sgithich ’s làmhan feàrna –

Tha do cheann gu lèir de leamhan,

Gu h-àraidh do theanga ’s do chàirein.

B’ iad na craobhan beannaichte aige – an droigheann, an cuileann, an t-iubhar agus an darach – ceithir de na còig a bha aig Sìleas. Agus an fheadhainn mhallaichte – an critheann, an fheàrna agus an leamhan – na trì a bha aig Sìleas. Agus an sgitheach is seileach dearg a bharrachd. Ìomhaigheachd àraidh de chraobhan na Gàidhealtachd.

Poetry (2)

English Beurla

Have you heard of the Gaelic poet, James MacIntyre? I’m pondering on this man because I was speaking about Samuel Johnson last week.

I’ll come to James MacIntyre of Glen Noe shortly. To begin with, I’m going to say something about arboreal imagery in Gaelic poetry. The old Gaels were assessing the trees, as it were, to be in two groups – blessed ones and cursed ones. And they were describing people according to that imagery.

In ‘Alasdair from Glengarry’ Sìleas na Ceapaich praises Alasdair, following his death. Here she is, employing arboreal imagery:

You were the yew in the forest,

You were the strong, steadfast oak,

You were the holly and blackthorn,

You were the apple-tree, rough-barked, covered with blooms;

You had no kinship with the aspen,

Nor bonds with the alder;

You had nothing of the lime-tree in you,

You were the darling of the beautiful women.

The blessed trees were the yew, the oak, the holly, the blackthorn and the apple [and its more modern name]. The cursed trees were the aspen, the alder and the elm (lime).

Dr Johnson came to the Highlands. He published a bad opinion of Gaelic. James MacIntyre was horrified. And he himself wrote a venomous poem, criticizing Johnson. Here is James employing arboreal imagery:

You’d not be the blackthorn or the holly,

Or the tough enduring yew,

There’s not a bit in you of the oak

Or the red willow of the plains;

Most of you is aspen

With hawthorn nails and alder hands –

Your whole head is made of elm,

Especially your tongue and gums.

His blessed trees were the blackthorn, the holly, the yew and the oak – four of the five that Sìleas had. And the cursed ones – the aspen, the alder and the elm – the three that Sìleas had. And hawthorn and red willow also. Unique imagery of trees of the Gàidhealtachd.

Bàrdachd (2)

Gaelic Gàidhlig

An cuala sibh mun bhàrd Ghàidhlig, Seumas Mac an t-Saoir? Tha mi a’ meòrachadh air an duine seo air sgàth ’s gun robh mi a’ bruidhinn mu dheidhinn Shomhairle MhicIain an t-seachdain sa chaidh.

Thig mi gu Seumas Mac an t-Saoir à Gleann Nodha an ceartuair. An toiseach, tha mi a’ dol a ràdh rudeigin mu ìomhaigheachd nan craobh ann am bàrdachd Ghàidhlig. Bha na seann Ghàidheil a’ tomhas nan craobh mar gum biodh ann an dà bhuidhinn – feadhainn bheannaichte agus feadhainn mhallaichte. Agus bha iad a’ dèanamh tuairisgeul de dhaoine a rèir na h-ìomhaigheachd sin.

Ann an ‘Alasdair à Gleanna Garadh’ tha Sìleas na Ceapaich a’ moladh Alasdair, an dèidh a bhàis. Seo i a’ cur ìomhaigheachd nan craobh an sàs:

Bu tu ’n t-iubhar anns a’ choillidh

Bu tu ’n darach daingeann làidir,

Bu tu ’n cuileann, bu tu ’n droighinn,

Bu tu ’n t-abhall molach blàthmhor;

Cha robh do dhàimh ris a’ chritheann

No do dhligheadh ris an fheàrna;

Cha robh bheag annad dhen leamhan;

Bu tu leannan nam ban àlainn.

B’ iad na craobhan beannaichte an t-iubhar, an darach, an cuileann, an droigheann agus an t-abhall no craobh-ubhail. B’ iad na craobhan mallaichte an critheann, an fheàrna agus an leamhan.

Thàinig an t-Oll. MacIain chun na Gàidhealtachd. Dh’fhoillsich e droch bheachd air a’ Ghàidhlig. Bha Seumas Mac an t-Saoir air a mhaslachadh. Agus sgrìobh e fhèin dàn nimheil, a’ càineadh MhicIain. Seo agaibh Seumas a’ cleachdadh ìomhaigheachd nan craobh:

Cha bu tu ’n droigheann no ’n cuileann

No an t-iubhar fulannach làidir,

Chan eil mìr annad dhen darach

No de sheileach dearg nam blàran;

Tha ’chuid as motha dhìot de chritheann,

Ìnean sgithich ’s làmhan feàrna –

Tha do cheann gu lèir de leamhan,

Gu h-àraidh do theanga ’s do chàirein.

B’ iad na craobhan beannaichte aige – an droigheann, an cuileann, an t-iubhar agus an darach – ceithir de na còig a bha aig Sìleas. Agus an fheadhainn mhallaichte – an critheann, an fheàrna agus an leamhan – na trì a bha aig Sìleas. Agus an sgitheach is seileach dearg a bharrachd. Ìomhaigheachd àraidh de chraobhan na Gàidhealtachd.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 837

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile