FaclairDictionary EnglishGàidhlig

265: Deirdre and Clann Uisnich 265: Deirdre agus Clann Uisnich

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Deirdre agus Clann Uisnich

Gaelic Gàidhlig

Dubh, geal is dearg. Trì dathan. Bha na seann Ghàidheil eòlach orra. Bha iad ann an cuid de na stòiridhean.

A bheil sibh eòlach air uirsgeul Deirdre? Deirdre agus Clann Uisnich. Tha i ainmeil ann an dualchas nan Gàidheal. Tha an stòiridh co-cheangailte ri trì àiteachan ann an Alba – taobh Loch Nis, ann an Gleann Nibheis agus ann an Gleann Eite.

Anns an stòiridh tha Rìgh Uladh ag iarraidh Deirdre a phòsadh. Ach tha i a’ gabhail gaol air Naois. Tha i a’ falbh a dh’Alba cuide ri Naois.

’S e sealgair a tha ag aithris coltas Naois do Dheirdre. Tha an sealgair a’ faighinn a-steach don bhothan aig Deirdre anns na beanntan. Tha e ag ràdh seo ri Deirdre mu dheidhinn Naois agus a leithid... “Lì an fhithich air an gruag. An cneas mar eala nan tonn. An leac mar fhuil an laoigh bhric dheirg. Agus an lùth agus an leum mar bhradan a’ bhoinne-bhrais agus mar fhiadh a’ bhearraidh bhric.”

Lì an fhithich – ’s e sin dubh. Cneas mar eala nan tonn – ’s e sin geal. Leac mar fhuil an laoigh bhric dheirg – ’s e sin dearg. Dubh, geal agus dearg. Na trì dathan a dh’ainmich mi aig an toiseach.

An latha eile, lorg mi dreach eile de dh’uirsgeul Deirdre à Alba. Tha Deirdre ag ràdh ris an rìgh, “Nach bu mhaiseach an duine aig am biodh cneas cho geal ris an t-sneachd, gruaidh cho dearg ris an fhuil agus falt cho dubh ris an fhitheach.” Tha an Rìgh ag ràdh ri Deirdre gu bheil clann aig a phiuthar agus gu bheil fear dhiubh dìreach mar sin. Tha Deirdre ag ràdh nach eil i a’ dol a leabaidh gus am faic i an duine.

Tha an Rìgh a’ cur fios air an duine. Tha am fear òg a’ tighinn. Tha Deirdre a’ gabhail gaol air. Tha iad a’ falbh còmhla a dh’Alba. Dubh, geal is dearg. Trì dathan cudromach ann an dualchas nan Gàidheal.

Deirdre and Clann Uisnich

English Beurla

Black, white and red. Three colours. The old Gaels knew them. They were in some of the stories.

Do you know the legend of Deirdre? Deirdre and the Sons of Uisneach. It is famous in the heritage of the Gaels. The story is connected to three places in Scotland – near Loch Ness, in Glen Nevis and in Glen Etive.

In the story, the King of Ulster wants to marry Deirdre. But she falls in love with Naois. She leaves for Scotland along with Naois.

It’s a hunter who reports the appearance of Naois to Deirdre. The hunter gets into Deirdre’s bothy in the mountains. He says this to Deirdre about Naois and the like... “The colour of the raven on their hair. Their skin like the swans of the waves. Their skin like the blood of the speckled red fawn. And their vigour and friskiness like the salmon of the torrent and the deer of the speckled ridge.”

The colour of the raven – that’s black. Skin like the swan of the waves – that’s white. A cheek like the blood of the speckled red fawn – that’s red. Black, white and red. The three colours I named at the start.

The other day, I found another version of Deirdre’s legend from Scotland. Deirdre says to the king, “Wouldn’t the man be beautiful who had skin as white as the snow, a cheek as red as the blood and hair as black as the raven.” The King says to Deirdre that his sister has children and that one of them is just like that. Deirdre says that she’s not going to bed until she sees the man.

The King sends for the man. The young man comes. Deirdre falls in love with him. They leave together for Scotland. Black, white and red. Three important colours in the heritage of the Gaels.

Deirdre agus Clann Uisnich

Gaelic Gàidhlig

Dubh, geal is dearg. Trì dathan. Bha na seann Ghàidheil eòlach orra. Bha iad ann an cuid de na stòiridhean.

A bheil sibh eòlach air uirsgeul Deirdre? Deirdre agus Clann Uisnich. Tha i ainmeil ann an dualchas nan Gàidheal. Tha an stòiridh co-cheangailte ri trì àiteachan ann an Alba – taobh Loch Nis, ann an Gleann Nibheis agus ann an Gleann Eite.

Anns an stòiridh tha Rìgh Uladh ag iarraidh Deirdre a phòsadh. Ach tha i a’ gabhail gaol air Naois. Tha i a’ falbh a dh’Alba cuide ri Naois.

’S e sealgair a tha ag aithris coltas Naois do Dheirdre. Tha an sealgair a’ faighinn a-steach don bhothan aig Deirdre anns na beanntan. Tha e ag ràdh seo ri Deirdre mu dheidhinn Naois agus a leithid... “Lì an fhithich air an gruag. An cneas mar eala nan tonn. An leac mar fhuil an laoigh bhric dheirg. Agus an lùth agus an leum mar bhradan a’ bhoinne-bhrais agus mar fhiadh a’ bhearraidh bhric.”

Lì an fhithich – ’s e sin dubh. Cneas mar eala nan tonn – ’s e sin geal. Leac mar fhuil an laoigh bhric dheirg – ’s e sin dearg. Dubh, geal agus dearg. Na trì dathan a dh’ainmich mi aig an toiseach.

An latha eile, lorg mi dreach eile de dh’uirsgeul Deirdre à Alba. Tha Deirdre ag ràdh ris an rìgh, “Nach bu mhaiseach an duine aig am biodh cneas cho geal ris an t-sneachd, gruaidh cho dearg ris an fhuil agus falt cho dubh ris an fhitheach.” Tha an Rìgh ag ràdh ri Deirdre gu bheil clann aig a phiuthar agus gu bheil fear dhiubh dìreach mar sin. Tha Deirdre ag ràdh nach eil i a’ dol a leabaidh gus am faic i an duine.

Tha an Rìgh a’ cur fios air an duine. Tha am fear òg a’ tighinn. Tha Deirdre a’ gabhail gaol air. Tha iad a’ falbh còmhla a dh’Alba. Dubh, geal is dearg. Trì dathan cudromach ann an dualchas nan Gàidheal.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 569

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile