FaclairDictionary EnglishGàidhlig

47: Noid 47: Noid

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Noid

Gaelic Gàidhlig

Bha mi a’ coiseachd an là eile. Bha mi air seann rathad ann am Bàideanach. ’S e an Seanalair Wade a thog an rathad. Bha sin eadar seachd ceud deug, fichead ’s a h-ochd (1728) agus seachd ceud deug is trithead (1730). Tha am pìos sin dhen rathad a’ dol eadar Eadrais agus Ruadhainn. Tha na bailtean sin faisg air Bail’ Ùr an t-Slèibh.

Eadar Eadrais agus Ruadhainn, tha baile-fearainn. ’S e Noid an t-ainm a th’ air. Bha Noid ainmeil anns an t-seann aimsir. Carson? Uill, bha bana-bhuidseach a’ fuireach ann.

Bha i a’ cur eagal air muinntir an àite. Bha an crodh aig daoine a’ bàsachadh. Bha na taighean aca a’ dol na theine. Bha aon rud a’ cumail na bana-bhuidsich toilichte. Airgead.

Thàinig fear às a’ Ghalltachd. Fhuair e taigh faisg air Ruadhainn. ’S e tuathanach a bh’ ann. Cha robh e a’ creidsinn ann am buidseachd. Bha e a’ magadh air daoine a bha a’ creidsinn ann am buidseachd. Dhiùlt e airgead a thoirt don bhana-bhuidsich.

Feasgar a bha seo, bha an duine a-muigh. Bha e a’ coimhead air a’ chrodh aige. Chunnaic e maigheach. Bha a’ mhaigheach a’ dol timcheall nam bò. Bha i a’ deothail nan sineachan aig na bà. “Uill,” thuirt e ris fhèin, “chan fhaca mi a leithid a-riamh.”

Bha gunna aige. Fhuair e faisg air a’ mhaighich. Loisg e oirre. Cha do thachair dad. Ruith a’ mhaigheach pìos beag air falbh. Stad i. Shuidh i sìos. Choimhead i air an tuathanach. Cha robh dragh sam bith oirre.

Thiormaich na bà. Cha d’ fhuair na daoine bainne sam bith. Bha an crodh a’ bàsachadh. Dh’iarr am fear Gallta air a’ bhuachaille aige dhol gu taigh na bana-bhuidsich. Dh’iarr e air dà thunnaig a thoirt don bhana-bhuidsich. Thuirt e ris, “Thalla gu taigh na caillich. Thoir na tunnagan dhi. Can rithe gu bheil mi an dòchas gun tachd iad i.”

Chaidh am buachaille gu taigh na caillich. “Can ri do mhaighstir,” thuirt a’ bhana-bhuidseach ris, “gun tachd mise esan mus bi a’ ghealach ùr againn.”

Oidhche a bha seo, bha an tuathanach a-muigh. Bha an dà chù aige còmhla ris. Bha seo faisg air Noid. Leum mial-chù mòr air. Dhìon na coin aige fhèin e. Bha sabaid mhòr ann. Dh’fhalbh na trì coin. Bha iad fhathast a’ sabaid. Agus chan fhaca is cha chuala duine na coin no a’ bhana-bhuidseach às dèidh sin.

Faclan is abairtean: an là eile: the other day; seann rathad ann am Bàideanach: an old road in Badenoch; seanalair: general; eadar Eadrais agus Ruadhainn: between Ettridge and Ruthven; faisg air Bail’ Ùr an t-Slèibh: close to Newtonmore; baile-fearainn: farm [settlement]; bha Noid ainmeil anns an t-seann aimsir: Nuide was famous in the old days; bana-bhuidseach: witch; a’ cur eagal air muinntir an àite:frightening the local people; bha an crodh a’ bàsachadh: the cattle were dying; bha na taighean aca a’ dol na theine:their houses were going on fire; às a’ Ghalltachd: from the Lowlands; tuathanach: farmer; a’ creidsinn ann am buidseachd: believing in witchcraft; a’ magadh air daoine: mocking people: dhiùlt e airgead a thoirt: he refused to give money; bha a’ mhaigheach a’ dol timcheall nam bò: the hare was going around the cows; bha i a’ deothail nan sineachan aig na bà:she was sucking the cows’ teats; chan fhaca mi a leithid a-riamh: I never saw the like; loisg e oirre:he shot at [on] her (maigheach is feminine); pìos beag air falbh: a short distance away; cha robh dragh sam bith oirre:she wasn’t in the slightest upset; thiormaich na bà: the cows dried up; cha d’ fhuair na daoine bainne:the people didn’t get milk; dh’iarr am fear Gallta air a’ bhuachaille aige dhol gu taigh na bana-bhuidsich: the Lowland man asked his herdboy to go to the witch’s house; thalla gu taigh na caillich: go to the old woman’s house; thoir na tunnagan dhi: give the ducks to her; can rithe gu bheil mi an dòchas gun tachd iad i: tell her that I hope they choke her; gun tachd mise esan mus bi a’ ghealach ùr againn: that I will choke him before we have the new moon; mial-chù: greyhound; dhìon na coin aige fhèin e: his own dogs defended him; chan fhaca is cha chuala duine na coin no a’ bhana-bhuidseach: nobody saw or heard the dogs or the witch.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 351

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile