FaclairDictionary EnglishGàidhlig

225: Common Figwort 225: Lus nan Cnapan

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Lus nan Cnapan

Gaelic Gàidhlig

Fhuair mi post-d bho dhuine à Inbhir Nis. Thogadh màthair an duine ann an Inbhir Nis cuideachd. Thogadh i ann an sgìre ris an canar Marc-Innis. Bha a’ Ghàidhlig beò ann am MarcInnis nas fhaide na sgìre sam bith eile ann an Inbhir Nis. Cha robh Gàidhlig aig màthair mo charaid. Ach bha faclan Gàidhlig anns a’ Bheurla aice. Latha a bha seo, bha mo charaid a’ tadhal air a mhàthair. Bha cnap air amhaich. B’ e rud ris an canar cyst ann am Beurla. Choimhead a mhàthair air a’ chnap. Thuirt i, ann am Beurla, gur e farach a bha ann. Farach.

Bha mo charaid a’ cuimhneachadh an fhacail sin o chionn ghoirid. Bha e a’ smaoineachadh gur e facal Gàidhlig a bha ann. Choimhead e anns na faclairean Gàidhlig. Cha robh farach ann. Ach, ann am faclair Dwelly, tha farach-donn agus farach-dubh ann. Tha an dà rud sin a’ ciallachadh Lus nan Cnapan. ’S e Lus nan Cnapan a’ Ghàidhlig air Common Figwort no Scrophularia nodosa. Tha na cnapan air freumhaichean an luis. ’S ann às a sin a tha nodosa a’ tighinn cuideachd – tha nodules air.

An cuala sibh riamh mun Doctrine of Signatures? B’ e sin rud anns an t-seann aimsir. Nuair a bha pàirt de lus coltach ri ball-bodhaig duine, bha daoine a’ smaoineachadh gun robh an lus a’ dèanamh leigheas air tinneas air a’ bhall-bhodhaig. Anns an t-seann leabhar The Gaelic Names of Plants le Iain Camshron (ochd ceud deug, ochdad ’s a trì) seo na sgrìobh e mu Lus nan Cnapan: “..from the resemblance of its roots to tumours ... it was esteemed a remedy for all scrofulous diseases.” Bha Lus nan Cnapan, Scrophularia nodosa, na leigheas airson tinneas air a bheil scrofula ann am Beurla. Ann an scrofula (no tinneas an rìgh ann an Gàidhlig) bidh cnapan air amhaich an duine a tha tinn.

Uill, seo mo smuain. Tha farach a’ ciallachadh cnap. Mar sin, bha farach-dubh is farach-donn aig cuid air Lus nan Cnapan. Bha Lus nan Cnapan na leigheas airson tinneas an rìgh – tinneas anns an robh cnapan a’ nochdadh air an amhaich. Ma tha smuain agaibh fhèin air sin, nach cuir sibh fios thugam?

Common Figwort

English Beurla

I got an email from a man who belongs to Inverness. The man’s mother was brought up in Inverness also. She was raised in an area called Merkinch. Gaelic was alive in Merkinch longer than in any other area of Inverness. My friend’s mother didn’t speak Gaelic. But she had Gaelic words in her English. One day, my friend was visiting his mother. He had a lump on his neck. It was a thing called a “cyst” in English. His mother looked at the lump. She said in English that it was a farach. A farach.

My friend was remembering that word recently. He was thinking that it was a Gaelic word. He looked in the Gaelic dictionaries. Farach wasn’t there. But, in Dwelly’s dictionary, there are farach-donn and farach-dubh. Both of those mean Lus nan Cnapan. Lus nan Cnapan is the Gaelic for the Common Figwort or Scrophularia nodosa. The lumps are on the roots of the plant. That’s where nodosa comes from also – there are nodules on it.

Have you ever heard of the “Doctrine of Signatures”? That was a thing in olden times. When a part of a plant was like a human organ, people were thinking that the plant was curing [would cure] a disease affecting [on] the organ. In the book The Gaelic Names of Plants by John Cameron (1883) here’s what he wrote about Lus nan Cnapan: “..from the resemblance of its roots to tumours ... it was esteemed a remedy for all scrofulous diseases.” Lus nan Cnapan, Scrophularia nòdosa, was a treatment for a disease called scrofula in English. In scrofula (or “the king’s disease” in Gaelic) lumps appear on the neck of the person who is sick.

Well, here’s my thought. Farach means a lump. Thus, farach-dubh and farach-donn were some people’s names for Lus nan Cnapan. Lus nan Cnapan was a cure for scrofula – a disease in which lumps appear on the neck. If you yourself have a thought on that, won’t you let me know?

Lus nan Cnapan

Gaelic Gàidhlig

Fhuair mi post-d bho dhuine à Inbhir Nis. Thogadh màthair an duine ann an Inbhir Nis cuideachd. Thogadh i ann an sgìre ris an canar Marc-Innis. Bha a’ Ghàidhlig beò ann am MarcInnis nas fhaide na sgìre sam bith eile ann an Inbhir Nis. Cha robh Gàidhlig aig màthair mo charaid. Ach bha faclan Gàidhlig anns a’ Bheurla aice. Latha a bha seo, bha mo charaid a’ tadhal air a mhàthair. Bha cnap air amhaich. B’ e rud ris an canar cyst ann am Beurla. Choimhead a mhàthair air a’ chnap. Thuirt i, ann am Beurla, gur e farach a bha ann. Farach.

Bha mo charaid a’ cuimhneachadh an fhacail sin o chionn ghoirid. Bha e a’ smaoineachadh gur e facal Gàidhlig a bha ann. Choimhead e anns na faclairean Gàidhlig. Cha robh farach ann. Ach, ann am faclair Dwelly, tha farach-donn agus farach-dubh ann. Tha an dà rud sin a’ ciallachadh Lus nan Cnapan. ’S e Lus nan Cnapan a’ Ghàidhlig air Common Figwort no Scrophularia nodosa. Tha na cnapan air freumhaichean an luis. ’S ann às a sin a tha nodosa a’ tighinn cuideachd – tha nodules air.

An cuala sibh riamh mun Doctrine of Signatures? B’ e sin rud anns an t-seann aimsir. Nuair a bha pàirt de lus coltach ri ball-bodhaig duine, bha daoine a’ smaoineachadh gun robh an lus a’ dèanamh leigheas air tinneas air a’ bhall-bhodhaig. Anns an t-seann leabhar The Gaelic Names of Plants le Iain Camshron (ochd ceud deug, ochdad ’s a trì) seo na sgrìobh e mu Lus nan Cnapan: “..from the resemblance of its roots to tumours ... it was esteemed a remedy for all scrofulous diseases.” Bha Lus nan Cnapan, Scrophularia nodosa, na leigheas airson tinneas air a bheil scrofula ann am Beurla. Ann an scrofula (no tinneas an rìgh ann an Gàidhlig) bidh cnapan air amhaich an duine a tha tinn.

Uill, seo mo smuain. Tha farach a’ ciallachadh cnap. Mar sin, bha farach-dubh is farach-donn aig cuid air Lus nan Cnapan. Bha Lus nan Cnapan na leigheas airson tinneas an rìgh – tinneas anns an robh cnapan a’ nochdadh air an amhaich. Ma tha smuain agaibh fhèin air sin, nach cuir sibh fios thugam?

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 529

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile