FaclairDictionary EnglishGàidhlig

458: Painters with Gaelic 458: Peantairean le Gàidhlig

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Peantairean le Gàidhlig

Gaelic Gàidhlig

’S toigh leam na dealbhan aig an neach-ealain Uilleam Mac an t-Sagairt nach maireann. A’ chiad turas a chunnaic mi dealbh aige, bha mi ann an gailearaidh ann an Dùn Èideann. Bha seo o chionn fhada. Ach ghlac e m’ aire ’s mo chridhe.

Bha clann òg anns an dealbh. Bha iad a’ ruith. Bha iad ann an achadh làn fhlùraichean air latha brèagha samhraidh. Chuir e nam chuimhne mar a bha e dhomh fhìn nuair a bha mi òg air a’ Chomraich air làithean-saora.

Nas fhaide air adhart anns an aon ghailearaidh, ghlac dealbh eile m’ aire. ’S e sealladh mara a bha ann. Bha bàta ann, agus cladach is gaoth is grian. Bha gilead ann, agus glaisead is guirmead. Bha na dathan air am filleadh còmhla le misneachd is treunachd. Bha rudeigin ann mu stoidhle a’ pheantaidh a bha a’ cur nan Impressionists nam chuimhne.

Ach ’s e Alba a bha ann, agus peantair Albannach. A-rithist bha mi air ais nam òige air a’ Chomraich. Bha mi a’ dèanamh deiseil gus falbh a-mach airson fliùghaichean a ghlacadh le dorgh. Agus cò rinn an dealbh? An dearbh dhuine, Uilleam Mac an t-Sagairt.

’S ann dìreach às dèidh làimh’ a fhuair mi a-mach gun robh Gàidhlig aig Mac an t-Sagairt. Thogadh e ann an Ceann Tìre, faisg air Machair Shanais. Bha a phàrantan nan croitearan. ’S e mo thuigse gun robh Gàidhlig aig an dithis aca. Nuair a fhuair mi sin a-mach, bha mi a’ faireachdainn na bu dlùithe buileach ri Mac an t-Sagairt.

Nuair a bha e na dheugaire, dh’fhàg Uilleam a dhachaigh agus ghluais e a Dhùn Èideann. Fhuair e trèanadh an sin mar neach-ealain. ’S e clann a bha e a’ peantadh an toiseach. Ach ghluais e air adhart gu seallaidhean tire agus seallaidhean mara. Bha e a’ dol gu taobh siar agus taobh sear na h-Alba. Bha e measail air Machair Aonghais agus air Lodainn far an do rinn e a dhachaigh.

Aon turas nuair a bha e air an taobh an iar, bha Mac an t-Sagairt air a chur ann an cunnart a bheatha. Innsidh mi dhuibh mu dheidhinn an-ath-sheachdain.

Painters with Gaelic

English Beurla

I like the pictures by the artist, the late William MacTaggart. The first time I saw a picture of his, I was in a gallery in Edinburgh. This was a long time ago. But it captured my attention and my heart.

There were young children in the picture. They were running. They were in a field full of flowers on a beautiful summer’s day. It reminded me of how it was for myself when I was young in Applecross on holiday.

Further on in the same gallery, another picture captured my attention. It was a seascape. There was a boat in it, and a shoreline and wind and sun. There was whiteness and grey-greenness and blueness. The colours were plied together with confidence and boldness. There was something about the painting style that put the Impressionists in my mind.

But it was Scotland, and a Scottish painter. Again I was back in my childhood in Applecross. I was preparing to go out to catch lythe with a handline. And who made the picture? The same man, William MacTaggart.

It was only afterwards that I found out that MacTaggart spoke Gaelic. He was raised in Kintyre, near Machrihanish. His parents were crofters. It’s my understanding that both of them spoke Gaelic. When I found that out, I was feeling closer than ever to MacTaggart.

When he was a teenager, William left his home and he moved to Edinburgh. He received training there as an artist. He was painting children initially. But he progressed to doing landscapes and seascapes. He was going to the west and east sides of Scotland. He liked the coastal country of Angus and also Lothian where he made his home.

One time when he was in the west, MacTaggart was put in danger of his life. I’ll tell you about it next week.

Peantairean le Gàidhlig

Gaelic Gàidhlig

’S toigh leam na dealbhan aig an neach-ealain Uilleam Mac an t-Sagairt nach maireann. A’ chiad turas a chunnaic mi dealbh aige, bha mi ann an gailearaidh ann an Dùn Èideann. Bha seo o chionn fhada. Ach ghlac e m’ aire ’s mo chridhe.

Bha clann òg anns an dealbh. Bha iad a’ ruith. Bha iad ann an achadh làn fhlùraichean air latha brèagha samhraidh. Chuir e nam chuimhne mar a bha e dhomh fhìn nuair a bha mi òg air a’ Chomraich air làithean-saora.

Nas fhaide air adhart anns an aon ghailearaidh, ghlac dealbh eile m’ aire. ’S e sealladh mara a bha ann. Bha bàta ann, agus cladach is gaoth is grian. Bha gilead ann, agus glaisead is guirmead. Bha na dathan air am filleadh còmhla le misneachd is treunachd. Bha rudeigin ann mu stoidhle a’ pheantaidh a bha a’ cur nan Impressionists nam chuimhne.

Ach ’s e Alba a bha ann, agus peantair Albannach. A-rithist bha mi air ais nam òige air a’ Chomraich. Bha mi a’ dèanamh deiseil gus falbh a-mach airson fliùghaichean a ghlacadh le dorgh. Agus cò rinn an dealbh? An dearbh dhuine, Uilleam Mac an t-Sagairt.

’S ann dìreach às dèidh làimh’ a fhuair mi a-mach gun robh Gàidhlig aig Mac an t-Sagairt. Thogadh e ann an Ceann Tìre, faisg air Machair Shanais. Bha a phàrantan nan croitearan. ’S e mo thuigse gun robh Gàidhlig aig an dithis aca. Nuair a fhuair mi sin a-mach, bha mi a’ faireachdainn na bu dlùithe buileach ri Mac an t-Sagairt.

Nuair a bha e na dheugaire, dh’fhàg Uilleam a dhachaigh agus ghluais e a Dhùn Èideann. Fhuair e trèanadh an sin mar neach-ealain. ’S e clann a bha e a’ peantadh an toiseach. Ach ghluais e air adhart gu seallaidhean tire agus seallaidhean mara. Bha e a’ dol gu taobh siar agus taobh sear na h-Alba. Bha e measail air Machair Aonghais agus air Lodainn far an do rinn e a dhachaigh.

Aon turas nuair a bha e air an taobh an iar, bha Mac an t-Sagairt air a chur ann an cunnart a bheatha. Innsidh mi dhuibh mu dheidhinn an-ath-sheachdain.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 762

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile