FaclairDictionary EnglishGàidhlig

539: Strathardle (2) 539: Srath Àrdail (2)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Srath Àrdail (2)

Gaelic Gàidhlig

Tha sinn ann an Srath Àrdail ann an Siorrachd Pheairt a-rithist an t-seachdain seo. Tha Gleann Feàrnaid ceangailte ri Srath Àrdail. Aig bonn a’ ghlinne, tha clach mhòr ann. Tha i eadar-dhealaichte bho na clachan eile anns an t-srath. Tha cuid ag ràdh gun robh i air a gluasad ann le deigh o chionn nam mìltean bhliadhnaichean. Canaidh sinn ‘clach iomrallach’ no glacial erratic ri a leithid.

Ach bha stòiridh eile aig na seann daoine. Tha e a’ dol air ais don linn nuair a b’ iad na Cuimeanaich uachdarain Bhàideanach. Bha ceann-cinnidh nan Cuimeanach airson caisteal mòr a thogail. An àite a bhith a’ dol gu clachairean, chaidh e a bhruidhinn ri bana-bhuidseach ainmeil ann am Bàideanach. Dh’aontaich ise caisteal mòr a thogail dha. Bhiodh i a’ giùlan nan clach na h-aparan.

Thòisich i le bhith a’ coimhead airson dà chloich mhòir a bha co-ionann ann am meudachd. Bhiodh iad a’ dol air gach taobh de gheata a’ chaisteil. Ach, ged a rùraich a’ bhana-bhuidseach air feadh Alba, cha do lorg i dà chloich a bha freagarrach.

Oidhche a bha seo, bha i a-muigh nuair a thachair i ri bana-bhuidseach eile. Bhuineadh an tè seo do dh’Eilean Mhanainn – àite far an robh buidseachd ainmeil! Agus dh’inns i don tè à Bàideanach gun robh dà chloich a bhiodh freagarrach ann an Eilean Mhanainn.

Lorg an tè Albannach na clachan. Thog i tè dhiubh na h-aparan. Bha i anns na speuran a’ dèanamh air an taigh air oidhche shoilleir nuair a chunnaic sealgair i. Bha i os cionn Srath Àrdail. Thuirt an sealgair, ‘Dhia, glèidh mise!’ Leis na faclan sin, bhriseadh cumhachd na bana-bhuidsich. Bhris sreanga a h-aparain. Agus thuit a’ chlach gu talamh. Tha i fhathast na laighe an sin.

Cha d’ fhuair a’ bhana-bhuidseach sreanga aparain eile a bha làidir gu leòr, agus cha deach an caisteal a thogail. Agus, tha iad ag ràdh, air gach ceann-bliadhna bhon latha a thuit a’ chlach gu talamh, bidh taibhse na bana-bhuidsich air ais, a’ feuchainn ri a togail ’s a gluasad. Bu chòir dhuinn uile an t-àite a sheachnadh air an oidhche sin!

Strathardle (2)

English Beurla

We’re again in Strathardle in Perthshire this week. Glen Fernate is connected to Strathardle. At the bottom of the glen, there is a large rock. It’s different from the other rocks in the strath. Some people say that it was moved there by ice thousands of years ago. We call such things a ‘clach iomrallach’ or glacial erratic.

But the old people had another story. It goes back to the time when the Cummings were lords of Badenoch. The clan chief of the Cummings wanted to build a big castle. Instead of going to stonemasons, he went to speak to a famous witch in Badenoch. She agreed to build him a big castle. She would carry the stones in her apron.

She started by looking for two large stones that were equivalent in size. They would be going at both sides of the castle’s gate. But, although the witch searched throughout Scotland, she didn’t discover two stones that were suitable.

One night, she was out when she met another witch. This one belonged to the Isle of Man – a place where witchcraft was famous! And she told the one from Badenoch that there were two stones that would be suitable on the Isle of Man.

The Scottish one found the stones. She picked up one of them in her apron. She was in the heavens, heading home on a clear night when a hunter saw her. She was above Strathardle. The hunter said, ‘God preserve me!’ With those words, the witch’s power was broken. The apron string broke. And the stone fell to ground. It still lies there.

The witch didn’t get another apron string that was strong enough, and the castle was not built. And, they say, on every anniversary from the day the stone fell to ground, the ghost of the witch returns, trying to pick it up and move it. We should all avoid the place on that night!

Srath Àrdail (2)

Gaelic Gàidhlig

Tha sinn ann an Srath Àrdail ann an Siorrachd Pheairt a-rithist an t-seachdain seo. Tha Gleann Feàrnaid ceangailte ri Srath Àrdail. Aig bonn a’ ghlinne, tha clach mhòr ann. Tha i eadar-dhealaichte bho na clachan eile anns an t-srath. Tha cuid ag ràdh gun robh i air a gluasad ann le deigh o chionn nam mìltean bhliadhnaichean. Canaidh sinn ‘clach iomrallach’ no glacial erratic ri a leithid.

Ach bha stòiridh eile aig na seann daoine. Tha e a’ dol air ais don linn nuair a b’ iad na Cuimeanaich uachdarain Bhàideanach. Bha ceann-cinnidh nan Cuimeanach airson caisteal mòr a thogail. An àite a bhith a’ dol gu clachairean, chaidh e a bhruidhinn ri bana-bhuidseach ainmeil ann am Bàideanach. Dh’aontaich ise caisteal mòr a thogail dha. Bhiodh i a’ giùlan nan clach na h-aparan.

Thòisich i le bhith a’ coimhead airson dà chloich mhòir a bha co-ionann ann am meudachd. Bhiodh iad a’ dol air gach taobh de gheata a’ chaisteil. Ach, ged a rùraich a’ bhana-bhuidseach air feadh Alba, cha do lorg i dà chloich a bha freagarrach.

Oidhche a bha seo, bha i a-muigh nuair a thachair i ri bana-bhuidseach eile. Bhuineadh an tè seo do dh’Eilean Mhanainn – àite far an robh buidseachd ainmeil! Agus dh’inns i don tè à Bàideanach gun robh dà chloich a bhiodh freagarrach ann an Eilean Mhanainn.

Lorg an tè Albannach na clachan. Thog i tè dhiubh na h-aparan. Bha i anns na speuran a’ dèanamh air an taigh air oidhche shoilleir nuair a chunnaic sealgair i. Bha i os cionn Srath Àrdail. Thuirt an sealgair, ‘Dhia, glèidh mise!’ Leis na faclan sin, bhriseadh cumhachd na bana-bhuidsich. Bhris sreanga a h-aparain. Agus thuit a’ chlach gu talamh. Tha i fhathast na laighe an sin.

Cha d’ fhuair a’ bhana-bhuidseach sreanga aparain eile a bha làidir gu leòr, agus cha deach an caisteal a thogail. Agus, tha iad ag ràdh, air gach ceann-bliadhna bhon latha a thuit a’ chlach gu talamh, bidh taibhse na bana-bhuidsich air ais, a’ feuchainn ri a togail ’s a gluasad. Bu chòir dhuinn uile an t-àite a sheachnadh air an oidhche sin!

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 843

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile