FaclairDictionary EnglishGàidhlig

977: Donald Alexander Mackenzie (1) 977: Dòmhnall Alasdair MacCoinnich (1)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Dòmhnall Alasdair MacCoinnich (1)

Gaelic Gàidhlig

Bha Dòmhnall Alasdair MacCoinnich na sgrìobhadair agus beul-aithrisiche. Sgrìobh e gu leòr air creideamh, miotas-eòlas agus antrop-eòlas. Tha mi a’ dol a thoirt sùil air fear de na leabhraichean aige.

Fhad ʼs as aithne dhomh, cha do thogadh Dòmhnall leis a’ Ghàidhlig. Rugadh e ann an Cromba ann an Ros an Ear ann an ochd ceud deug, seachdad ʼs a trì (1873). Thog e sgilean mar neach-naidheachd ann an Glaschu. Bha e ag obair mar neach-naidheachd agus sgrìobhadair air a’ Ghàidhealtachd agus Galltachd.

Bha ùidh mhòr aige ann am miotas-eòlas, no mythology. Am measg nan leabhraichean a sgrìobh e, tha Egyptian Myth and Legend, Indian Fairy Stories, agus Myths from Melanesia and Indonesia.

Cha robh obair agus a bheachdan gun chonnspaid. Anns an leabhar aige Wonder Tales from Scottish Myth and Legend, tha a h-uile càil ann am Beurla. Chan eil an t-ùghdar a’ foillseachadh nan tùsan aige.

Co-dhiù, tha mi airson rudan a tharraing bhon chiad dà chaibideil anns an leabhar sin. Tha Caibideil 1 mu dheidhinn ‘Beira, Queen of Winter’. Tha seo stèidhichte air a’ Chaillich Bheur, caractar làidir ann am beul-aithris nan Gàidheal. Seo mar a tha an cunntas aig MacCoinnich a’ tòiseachadh: Dark Beira was the mother of all the gods and goddesses in Scotland ... Each winter she reigned as Queen of the Four Red Divisions of the world …

Tha sin a’ sealltainn gu bheil an teacsa stèidhichte air dualchas nan Gàidheal. Cha bhiodh ‘the Four Red Divisions of the world’ a’ ciallachadh dad ann an saoghal na Beurla. Ach canaidh sinn sin fhathast ann an Gàidhlig – nuair a tha sinn a’ bruidhinn air an t-saoghal air fad – ‘ceithir rannan ruadh an domhain’. Gu litreachail – ‘the four red divisions of the world’.

Cha robh aig a’ Chaillich ach aon sùil. Bha a fiaclan ruadh mar a’ mheirg. Bha a falt cho geal ri canach an t-slèibhe. Bha a h-aodach liath agus bha seàla odhar thairis air a guailnean.

Chaidh i air feadh na Gàidhealtachd. Thathar ag ràdh gun do chruthaich i a h-uile beinn ann an Siorrachd Rois. Bidh tuilleadh agam oirre an-ath-sheachdain.

Donald Alexander Mackenzie (1)

English Beurla

Donald Alexander Mackenzie was a writer and folklorist. He wrote prolifically on religion, mythology and anthropology. I’m going to look at one of his books.

As far as I know, Donald wasn’t raised with Gaelic. He was born in Cromarty in Easter Ross in 1873. He picked up skills as a journalist in Glasgow. He was working as a journalist and writer in the Highlands and Lowlands.

He had a great interest in mythology. Among the books he wrote are Egyptian Myth and Legend, Indian Fairy Stories and Myths from Melanesia and Indonesia.

His work and opinions were not without controversy. In his book Wonder Tales from Scottish Myth and Legend, everything is in English. The author doesn’t publish his sources.

Anyway, I want to draw things from the first two chapters in that book. Chapter 1 is about ‘Beira, Queen of Winter’. That is based on the Cailleach Bheur, an important character in the oral traditions of the Gael. Here’s how Mackenzie’s account commences: ‘Dark Beira was the mother of all the gods and goddesses in Scotland ... Each winter she reigned as Queen of the Four Red Divisions of the world …’

That shows that the text is based on the heritage of the Gaels. ‘The Four Red Divisions of the world’ would mean nothing in the world of the English speaker. But we still say in Gaelic – when we are talking about the entire world - – ‘ceithir rannan ruadh an domhain’. Literally – ‘the four red divisions of the world’.

The Cailleach had only one eye. Her teeth were as red as rust. Her hair was a white as the bog cotton. Her clothes were grey and there was a dun shawl over her shoulders.

She went throughout the Highlands. It’s said that she created every mountain in Ross-shire. I’ll have more about her next week.

Dòmhnall Alasdair MacCoinnich (1)

Gaelic Gàidhlig

Bha Dòmhnall Alasdair MacCoinnich na sgrìobhadair agus beul-aithrisiche. Sgrìobh e gu leòr air creideamh, miotas-eòlas agus antrop-eòlas. Tha mi a’ dol a thoirt sùil air fear de na leabhraichean aige.

Fhad ʼs as aithne dhomh, cha do thogadh Dòmhnall leis a’ Ghàidhlig. Rugadh e ann an Cromba ann an Ros an Ear ann an ochd ceud deug, seachdad ʼs a trì (1873). Thog e sgilean mar neach-naidheachd ann an Glaschu. Bha e ag obair mar neach-naidheachd agus sgrìobhadair air a’ Ghàidhealtachd agus Galltachd.

Bha ùidh mhòr aige ann am miotas-eòlas, no mythology. Am measg nan leabhraichean a sgrìobh e, tha Egyptian Myth and Legend, Indian Fairy Stories, agus Myths from Melanesia and Indonesia.

Cha robh obair agus a bheachdan gun chonnspaid. Anns an leabhar aige Wonder Tales from Scottish Myth and Legend, tha a h-uile càil ann am Beurla. Chan eil an t-ùghdar a’ foillseachadh nan tùsan aige.

Co-dhiù, tha mi airson rudan a tharraing bhon chiad dà chaibideil anns an leabhar sin. Tha Caibideil 1 mu dheidhinn ‘Beira, Queen of Winter’. Tha seo stèidhichte air a’ Chaillich Bheur, caractar làidir ann am beul-aithris nan Gàidheal. Seo mar a tha an cunntas aig MacCoinnich a’ tòiseachadh: Dark Beira was the mother of all the gods and goddesses in Scotland ... Each winter she reigned as Queen of the Four Red Divisions of the world …

Tha sin a’ sealltainn gu bheil an teacsa stèidhichte air dualchas nan Gàidheal. Cha bhiodh ‘the Four Red Divisions of the world’ a’ ciallachadh dad ann an saoghal na Beurla. Ach canaidh sinn sin fhathast ann an Gàidhlig – nuair a tha sinn a’ bruidhinn air an t-saoghal air fad – ‘ceithir rannan ruadh an domhain’. Gu litreachail – ‘the four red divisions of the world’.

Cha robh aig a’ Chaillich ach aon sùil. Bha a fiaclan ruadh mar a’ mheirg. Bha a falt cho geal ri canach an t-slèibhe. Bha a h-aodach liath agus bha seàla odhar thairis air a guailnean.

Chaidh i air feadh na Gàidhealtachd. Thathar ag ràdh gun do chruthaich i a h-uile beinn ann an Siorrachd Rois. Bidh tuilleadh agam oirre an-ath-sheachdain.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 1281

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile