FaclairDictionary EnglishGàidhlig

405: Gillaroo / Gille-ruadh 405: Gillaroo / Gille-ruadh

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Gillaroo / Gille-ruadh

Gaelic Gàidhlig

Dè th’ ann an gille-ruadh? Bidh sibh a’ smaoineachadh, ’s dòcha, air balach le falt ruadh. Ach tha mise a’ smaoineachadh air iasg. Tha aithrisean ann gun robh an gille-ruadh ann an Loch Mhòrair. Tha e ann an Èirinn cuideachd, gu sònraichte ann an Loch Meilbhe. ’S e gillaroo a chanas iad ris ann am Beurla.

’S e breac a tha ann. ’S e seilcheagan-uisge a bhios e ag ithe. Tha am biadh sin ga dhèanamh ruadh. Aig deireadh an t-samhraidh, ge-tà, thig iad gu uachdar an locha. Tha iad a’ lorg chuileagan. An uair sin bidh iasgairean gan glacadh air a’ mhaghar.

An e gnè èisg eadar-dhealaichte bhon bhreac a tha ann? Tha cuid ag ràdh gur e Salmo trutta a tha ann – am breac àbhaisteach. Tha cuid eile ag ràdh gur e gnè fa leth a tha ann. Chuir iad ainm saidheansail air – Salmo stomachius. Tha stamag mhòr làidir aige.

Ann an Innis nan Damh, ann an Asainte, tha loch beag ann. Air a’ mhapa, ’s e an t-ainm a tha air Loch Mhaolach-coire. Chan eil an t-ainm sin a’ dèanamh ciall dhomh. A rèir choltais, chan eil e ceart. ’S e Loch Maol a’ Choire an t-ainm ceart. Tha muinntir an àite cuideachd ga aithneachadh mar The Gillaroo Loch.

Cumaibh seo agaibh fhèin, ach tha e coltach gu bheil an t-iasgach uabhasach math ann. ’S e as coireach ri sin gu bheil clach-aoil ann. Tha sin a’ dèanamh an loch torrach. Agus tha meanbh-chreutairean ann, ann am pailteas. Tha cloitheagan gu leòr ann.

Bidh na bric ann an Loch Maol a’ Choire ag ithe nan cloitheagan. Bidh iad a’ fàs mòr agus ruadh. Ach an e Salmo stomachius a tha ann? No dìreach Salmo trutta, am breac àbhaisteach? Tha seann leabhar mu Asainte ag ràdh nach e gille-ruadh a tha ann. Tha e ag ràdh – ‘the loch is supposed (but wrongly) to contain the true gillaroo trout’. ’S e dìreach am biadh a tha ga dhèanamh eadar-dhealaichte.

Co-dhiù tha sin ceart no ceàrr, ’s dòcha gun do dh’ionnsaich feadhainn agaibh facal ùr an-diugh – gillaroo. Agus facal Beurla eile a thàinig bhon Ghàidhlig.

Gillaroo / Gille-ruadh

English Beurla

What is a gille-ruadh? You’ll be thinking, perhaps, of a boy with red hair. But I’m thinking of a fish. There are reports that the gille-ruadh was in Loch Morar. It is also in Ireland, particularly in Lough Melvin. It’s called gillaroo in English.

It’s a trout. It’s water-snails that it eats. That food gives it a russet colour. At the end of the summer, however, they come to the surface of the loch. They are looking for flies. Then fishermen catch them on the [artificial] fly.

Is it a separate species of fish from the trout? Some people say that it is Salmo trutta – the normal trout. Some others say that it is a separate species. They gave it a scientific name – Salmo stomachius. It has a large strong stomach.

In Inchnadamph, in Assynt, there is a small loch. On the map, it’s called Loch Mhaolach-coire. That name doesn’t make sense to me. Apparently, it’s not correct. The correct name is Loch Maol a’ Choire. The local people also know it as The Gillaroo Loch.

Keep this to yourself, but it appears that the fishing there is excellent. The reason for that is that there is limestone there. That makes the loch fertile. And there are small creatures there in plenty. There are lots of shrimps.

The trout in Loch Maol a’ Choire eat the shrimps. They grow big and russet. But is it Salmo stomachius? Or just Salmo trutta, the normal trout? An old book about Assynt says it is not a gille-ruadh. It says – ‘the loch is supposed (but wrongly) to contain the true gillaroo trout’. It’s just the food that makes it different.

Whether that is right or wrong, perhaps some of you learned a new word today – gillaroo. And another English word that came from Gaelic.

Gillaroo / Gille-ruadh

Gaelic Gàidhlig

Dè th’ ann an gille-ruadh? Bidh sibh a’ smaoineachadh, ’s dòcha, air balach le falt ruadh. Ach tha mise a’ smaoineachadh air iasg. Tha aithrisean ann gun robh an gille-ruadh ann an Loch Mhòrair. Tha e ann an Èirinn cuideachd, gu sònraichte ann an Loch Meilbhe. ’S e gillaroo a chanas iad ris ann am Beurla.

’S e breac a tha ann. ’S e seilcheagan-uisge a bhios e ag ithe. Tha am biadh sin ga dhèanamh ruadh. Aig deireadh an t-samhraidh, ge-tà, thig iad gu uachdar an locha. Tha iad a’ lorg chuileagan. An uair sin bidh iasgairean gan glacadh air a’ mhaghar.

An e gnè èisg eadar-dhealaichte bhon bhreac a tha ann? Tha cuid ag ràdh gur e Salmo trutta a tha ann – am breac àbhaisteach. Tha cuid eile ag ràdh gur e gnè fa leth a tha ann. Chuir iad ainm saidheansail air – Salmo stomachius. Tha stamag mhòr làidir aige.

Ann an Innis nan Damh, ann an Asainte, tha loch beag ann. Air a’ mhapa, ’s e an t-ainm a tha air Loch Mhaolach-coire. Chan eil an t-ainm sin a’ dèanamh ciall dhomh. A rèir choltais, chan eil e ceart. ’S e Loch Maol a’ Choire an t-ainm ceart. Tha muinntir an àite cuideachd ga aithneachadh mar The Gillaroo Loch.

Cumaibh seo agaibh fhèin, ach tha e coltach gu bheil an t-iasgach uabhasach math ann. ’S e as coireach ri sin gu bheil clach-aoil ann. Tha sin a’ dèanamh an loch torrach. Agus tha meanbh-chreutairean ann, ann am pailteas. Tha cloitheagan gu leòr ann.

Bidh na bric ann an Loch Maol a’ Choire ag ithe nan cloitheagan. Bidh iad a’ fàs mòr agus ruadh. Ach an e Salmo stomachius a tha ann? No dìreach Salmo trutta, am breac àbhaisteach? Tha seann leabhar mu Asainte ag ràdh nach e gille-ruadh a tha ann. Tha e ag ràdh – ‘the loch is supposed (but wrongly) to contain the true gillaroo trout’. ’S e dìreach am biadh a tha ga dhèanamh eadar-dhealaichte.

Co-dhiù tha sin ceart no ceàrr, ’s dòcha gun do dh’ionnsaich feadhainn agaibh facal ùr an-diugh – gillaroo. Agus facal Beurla eile a thàinig bhon Ghàidhlig.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 709

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile