FaclairDictionary EnglishGàidhlig

318: Ciste and Kiste 318: Ciste agus Kiste

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Ciste agus Kiste

Gaelic Gàidhlig

Bha mi a’ coimhead prògram telebhisein a chòrd rium. Bha e às an Danmhairg. ’S e Forbrydelsen an t-ainm air. Tha sin a’ ciallachadh “Am Marbhadh”. Tha e a’ gabhail àite ann an Copenhagen. Tha e mu dheidhinn murt agus an rannsachadh a tha na poilis a’ dèanamh.

Tha a’ chainnt air fad ann an Dànais, le criomagan de dh’Arabais. Chan eil Dànais agam. Mar sin, bha mi a’ leantainn a’ chòmhraidh le fo-thiotalan Beurla. Ach bha mi ag èisteachd ris an Dànais. Bha mi a’ togail fhaclan a tha coltach ri feadhainn a chuala mi ann an Nirribhidh agus san t-Suain. Mar eisimpleir, canaidh na Dànaich tak airson taing, mar a chanas Lochlannaich eile. Canaidh iad feste airson pàrtaidh. Tha sin co-cheangailte ri feast ann am Beurla agus fèis ann an Gàidhlig.

Agus chuala mi facal eile grunn tursan co-cheangailte ri bàs. Thog e m’ aire oir tha e coltach ris an fhacal againne airson an aon rud. ’S e sin kiste. Tuigidh sibh dè tha sin a’ ciallachadh – ciste no ciste-laighe. ’S e sin bogsa fiodha anns am bi dust duine air a chur. Tha facal co-ionann ris ann an Albais – kist. Tha am facal airson an aon rud anns a’ Bheurla Shasannaich eadar-dhealaichte. Tha coffin a’ tighinn bhon t-Seann Fhraingis cofin. Thàinig cofin bhon Laidinn cophinus no “basgaid”.

Ach ciamar a tha na faclan ann an Dànais, Gàidhlig is Albais cho coltach ri chèile? Cò às a thàinig kist no kiste no ciste an toiseach? Uill, a rèir choltais, ’s ann à Laideann a thàinig iad. Tha cista ann an Laideann a’ ciallachadh “bogsa”.

Às an fhacal Laidinn cista, thàinig cisterna, amar fon talamh anns am bi uisge. Sin an tùs airson cistern ann am Beurla. Agus à cista thàinig an t-Seann Bheurla cest agus an Nua-Bheurla chest. Tha chest a’ ciallachadh bogsa fiodha ach cuideachd an cliabh ann am mac an duine. Tha cliabh coltach ri bogsa anns a bheil an cridhe agus an sgamhan.

Tha e coltach gu leòr gun tigeadh am facal Gàidhlig ciste bhon Laidinn cista. Bhiodh am facal air a chleachdadh gu tric o shean ann an co-cheangal ris an Eaglais. Agus b’ e Laideann cànan na h-Eaglais airson ùine mhòr.

Ciste and Kiste

English Beurla

I was watching a television programme I enjoyed. It was from Denmark. It is called Forbrydelsen. That means “The Killing”. It takes place in Copenhagen. It’s about murder and the investigation the police make.

The entire conversation is in Danish, with bits of Arabic. I don’t speak Danish. So I was following the conversation with English subtitles. But I was listening to the Danish. I was picking up words that are like some I heard in Norway and Sweden. For example, the Danes say tak for thanks, as do other Scandinavians. They say feste for party. That’s connected to feast in English and fèis in Gaelic.

And I heard another word a few times, connected to death. It caught my attention because it’s like our word for the same thing. That’s kiste. You’ll understand what it means – a coffin. That’s a wooden box in which a person’s remains are placed. There’s an equivalent word in Scots – kist. The word in English for the same thing is different. Coffin comes from the Old French cofin. Cofin came from the Latin cophinus or “basket”.

But how are the words in Danish, Gaelic and Scots so similar to each other? Where did kist or kiste or ciste come from originally? Well, apparently they came from Latin. Cista in Latin means “box”.

From the Latin word cista came cisterna, an underground tank in which water is kept. That’s the original for cistern in English. And from cista came the Old English cest and the modern English chest. Chest means a wooden box but also the human chest. A chest is like a box containing the heart and lungs.

It’s likely enough that the Gaelic word ciste would come from the Latin cista. The word would be often used in olden times in connection with the Church. And Latin was the Church language for a long time.

Ciste agus Kiste

Gaelic Gàidhlig

Bha mi a’ coimhead prògram telebhisein a chòrd rium. Bha e às an Danmhairg. ’S e Forbrydelsen an t-ainm air. Tha sin a’ ciallachadh “Am Marbhadh”. Tha e a’ gabhail àite ann an Copenhagen. Tha e mu dheidhinn murt agus an rannsachadh a tha na poilis a’ dèanamh.

Tha a’ chainnt air fad ann an Dànais, le criomagan de dh’Arabais. Chan eil Dànais agam. Mar sin, bha mi a’ leantainn a’ chòmhraidh le fo-thiotalan Beurla. Ach bha mi ag èisteachd ris an Dànais. Bha mi a’ togail fhaclan a tha coltach ri feadhainn a chuala mi ann an Nirribhidh agus san t-Suain. Mar eisimpleir, canaidh na Dànaich tak airson taing, mar a chanas Lochlannaich eile. Canaidh iad feste airson pàrtaidh. Tha sin co-cheangailte ri feast ann am Beurla agus fèis ann an Gàidhlig.

Agus chuala mi facal eile grunn tursan co-cheangailte ri bàs. Thog e m’ aire oir tha e coltach ris an fhacal againne airson an aon rud. ’S e sin kiste. Tuigidh sibh dè tha sin a’ ciallachadh – ciste no ciste-laighe. ’S e sin bogsa fiodha anns am bi dust duine air a chur. Tha facal co-ionann ris ann an Albais – kist. Tha am facal airson an aon rud anns a’ Bheurla Shasannaich eadar-dhealaichte. Tha coffin a’ tighinn bhon t-Seann Fhraingis cofin. Thàinig cofin bhon Laidinn cophinus no “basgaid”.

Ach ciamar a tha na faclan ann an Dànais, Gàidhlig is Albais cho coltach ri chèile? Cò às a thàinig kist no kiste no ciste an toiseach? Uill, a rèir choltais, ’s ann à Laideann a thàinig iad. Tha cista ann an Laideann a’ ciallachadh “bogsa”.

Às an fhacal Laidinn cista, thàinig cisterna, amar fon talamh anns am bi uisge. Sin an tùs airson cistern ann am Beurla. Agus à cista thàinig an t-Seann Bheurla cest agus an Nua-Bheurla chest. Tha chest a’ ciallachadh bogsa fiodha ach cuideachd an cliabh ann am mac an duine. Tha cliabh coltach ri bogsa anns a bheil an cridhe agus an sgamhan.

Tha e coltach gu leòr gun tigeadh am facal Gàidhlig ciste bhon Laidinn cista. Bhiodh am facal air a chleachdadh gu tric o shean ann an co-cheangal ris an Eaglais. Agus b’ e Laideann cànan na h-Eaglais airson ùine mhòr.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 622

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile