FaclairDictionary EnglishGàidhlig

461: The Man with Horse Ears (2) 461: Fear nan Cluasan Eich (2)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Fear nan Cluasan Eich (2)

Gaelic Gàidhlig

Bha cluasan eich aig March. Chùm e am falach iad le falt fada. ’S e an gille a b’ òige anns a’ chaisteal a bha a’ dèanamh cliop dha. Às dèidh làimhe, cha bhiodh sgeul air a’ ghille.

Bha an t-àrd-chòcaire, Derfel, a’ bruidhinn ris a’ ghille a b’ òige, Islwyn. Choisich March a-steach. Dh’iarr e air Islwyn fhalt a ghearradh madainn Disathairne. Bha cuirm mhòr gu bhith ann oidhche Shathairne.

Feasgar Dihaoine thàinig luchd-ciùil. Bha pìobaire ann air an robh Merfyn. Bha e a’ cluich pìob bheag de chuilc.

‘Tha mo phìob briste,’ thuirt Merfyn. ‘Càit am faigh mi cuilc airson tè ùr a dhèanamh?’

‘Anns a’ bhoglaich shìos an rathad,’ thuirt Derfel.

An dèidh greis, thill Merfyn. ‘Rinn mi pìob,’ thuirt e. ‘Ach, nuair a sheinn mi i, cha tàinig port aiste. An àite sin, bha guth. Bha e ag ràdh, ‘Tha cluasan eich aig March, tha cluasan eich aig March!’’

Sheinn e a’ phìob. ‘Tha cluasan eich aig March, tha cluasan eich aig March,’ thuirt an guth.

‘Tha fios agam a-nise carson a tha falt fada aig March,’ thuirt Derfel. ‘Tha nàire air mu a chluasan.’

‘Tha thu ceart,’ thuirt guth. Thionndaidh iad. ’S e March a bha ann. ‘Bha an t-eagal orm gum biodh daoine a’ magadh orm,’ thuirt e.

‘Ach ciamar a bha fios aig a’ phìob-chiùil?’ dh’fhaighnich Islwyn.

‘A’ chiad chliop agam,’ thuirt March, ‘dh’iarr mi air mo shaighdearan an gille a thoirt air falbh. Ach chuir iad gu bàs e agus chuir iad a chorp anns a’ bhoglaich. Bhon uair sin, thug mi òrdugh seachad nach bitheadh gille a’ faighinn bàs. Tha iad uile a’ faighinn poca làn òir airson an sgìre seo fhàgail agus an dìomhaireachd a chumail.’

‘Agus ’s e taibhs a’ ghille a tha a’ bruidhinn anns a’ phìob,’ thuirt Islwyn.

‘’S e,’ fhreagair March.

‘Agus dè thachras dhòmhsa a-màireach?’ dh’fhaighnich Islwyn.

‘Faodaidh tusa fuireach an seo,’ fhreagair March. ‘Tha mi a’ dol a shealltainn mo chluasan don a h-uile duine. Carson a bhiodh nàire orm mu rudeigin a tha nàdarrach?’ Agus bha Islwyn beò anns a’ chaisteal airson iomadach bliadhna.

The Man with Horse Ears (2)

English Beurla

March had horse ears. He kept them hidden with long hair. It was the youngest lad in the castle who was giving him a haircut. Afterwards, there would be no sign of the lad.

The head cook, Derfel, was speaking to the youngest lad, Islwyn. March walked in. He asked Islwyn to cut his hair on Saturday morning. There was going to be a big feast Saturday night.

On Friday afternoon musicians came. There was a piper called Merfyn. He was playing a small rush pipe.

‘My pipe is broken,’ said Merfyn. ‘Where can I get rushes to make a new one?’

‘In the bog down the road,’ said Derfel.

After a period, Merfyn returned. ‘I made a pipe,’ he said. ‘But, when I played it, no tune came from it. Instead of that, there was a voice. It was saying, ‘March has horse’s ears, March has horse’s ears.’

He played the pipe. ‘March has horse’s ears, March has horse’s ears,’ said the voice.

‘Now I know why March has long hair,’ said Derfel. ‘He is ashamed of his ears.’

‘You are correct,’ said a voice. They turned. It was March. ‘I was afraid that people would mock me,’ he said.

‘But how the did the pipe know?’ asked Islwyn.

‘[on the occasion of] My first haircut,’ said March, ‘I asked my soldiers to take the lad away. But they put him to death and put his body in the bog. Since then, I gave the order that no lad would die. They all get a bag full of gold to leave this place and to keep the secret.’

‘And it was the ghost of the lad who was speaking in the pipe,’ said Islwyn.

‘Yes,’ replied March.

‘And what happens to me tomorrow?’ asked Islwyn.

‘You can stay here,’ replied March. ‘I’m going to show my ears to everybody. Why would I be ashamed of something that is natural?’ And Islywn lived on in the castle for many years.

Fear nan Cluasan Eich (2)

Gaelic Gàidhlig

Bha cluasan eich aig March. Chùm e am falach iad le falt fada. ’S e an gille a b’ òige anns a’ chaisteal a bha a’ dèanamh cliop dha. Às dèidh làimhe, cha bhiodh sgeul air a’ ghille.

Bha an t-àrd-chòcaire, Derfel, a’ bruidhinn ris a’ ghille a b’ òige, Islwyn. Choisich March a-steach. Dh’iarr e air Islwyn fhalt a ghearradh madainn Disathairne. Bha cuirm mhòr gu bhith ann oidhche Shathairne.

Feasgar Dihaoine thàinig luchd-ciùil. Bha pìobaire ann air an robh Merfyn. Bha e a’ cluich pìob bheag de chuilc.

‘Tha mo phìob briste,’ thuirt Merfyn. ‘Càit am faigh mi cuilc airson tè ùr a dhèanamh?’

‘Anns a’ bhoglaich shìos an rathad,’ thuirt Derfel.

An dèidh greis, thill Merfyn. ‘Rinn mi pìob,’ thuirt e. ‘Ach, nuair a sheinn mi i, cha tàinig port aiste. An àite sin, bha guth. Bha e ag ràdh, ‘Tha cluasan eich aig March, tha cluasan eich aig March!’’

Sheinn e a’ phìob. ‘Tha cluasan eich aig March, tha cluasan eich aig March,’ thuirt an guth.

‘Tha fios agam a-nise carson a tha falt fada aig March,’ thuirt Derfel. ‘Tha nàire air mu a chluasan.’

‘Tha thu ceart,’ thuirt guth. Thionndaidh iad. ’S e March a bha ann. ‘Bha an t-eagal orm gum biodh daoine a’ magadh orm,’ thuirt e.

‘Ach ciamar a bha fios aig a’ phìob-chiùil?’ dh’fhaighnich Islwyn.

‘A’ chiad chliop agam,’ thuirt March, ‘dh’iarr mi air mo shaighdearan an gille a thoirt air falbh. Ach chuir iad gu bàs e agus chuir iad a chorp anns a’ bhoglaich. Bhon uair sin, thug mi òrdugh seachad nach bitheadh gille a’ faighinn bàs. Tha iad uile a’ faighinn poca làn òir airson an sgìre seo fhàgail agus an dìomhaireachd a chumail.’

‘Agus ’s e taibhs a’ ghille a tha a’ bruidhinn anns a’ phìob,’ thuirt Islwyn.

‘’S e,’ fhreagair March.

‘Agus dè thachras dhòmhsa a-màireach?’ dh’fhaighnich Islwyn.

‘Faodaidh tusa fuireach an seo,’ fhreagair March. ‘Tha mi a’ dol a shealltainn mo chluasan don a h-uile duine. Carson a bhiodh nàire orm mu rudeigin a tha nàdarrach?’ Agus bha Islwyn beò anns a’ chaisteal airson iomadach bliadhna.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 765

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile